V.
CUNNTAS ATH-GHOIRID AIR NA MEADHONAN SONRUICHTE A THA EAGLAIS NA H-ALBA A CLEACHDADH GU MAITH SPIORADAIL AR DUTHCHA FEIN AGUS RIOGHACHDAN CEIN A CHUR AIR AGHAIDH.
RE mòran ùine bha Eaglaisean Chriosd ’san Roinn-Eòrpa gu léir, ro dhearmadach mu’n dleasnas a thaobh craobh-sgaoilidh a shoisgeil-san air feadh an t-shaoghail. Thainig clò-codail, agus sùain orr’ uile: agus cha robh iad a deanamh nìth air bith a b’ fhiù ainmeachadh airson eòlas na slàinte a thabhairt do na cinnich.
A nis bu mhiannach leinn ar luchd-lèughaidh a thabhairt fainear gu’m bheil e na dhleasnas cudthromach, agus sònruichte do gach Eaglais—do gach creidmheach fa leith—gach nìth a tha na chomas a dheanamh, gu eòlas air Criosd a thabhairt dhoibhsan uile a tha aineolach air. ’Se àithne fein do’ dheisciobuill, “Searmonaichibh an soisgeul do gach dùil”— ’se a thoil ghràsmhor-san gu’n tigeadh na h-uile a chum eolas na fìrinn, ’s gu’m bitheadh iad mar-so air an tearnadh. —Ach cò a tha ris an obair bheannaichte so a ghabhail os laimh? Cò a tha ris an t-shoisgeul a shearmonachadh,
Ach their moran, “cha’n urrainn dòmhsa searmonachadh—cha’n urrainn dòmhsa dol amach a chum nan cinneach, no maith a dheanamh na’m measg ged a rachainn ann. Mar so cha’n ’eil an àithne so air a labhairt riumsa. Buinidh e do Mhinistirean ’s do dhaoine fòghluimte aire ’thoirt dhi; ach cha’n agrar mise airson a dearmaid.” Tha moran a labhairt mar so, agus a diùltadh nìth air bith a dheanamh airson aobhair Chriosd feadh an t-shaoghail. Ach thugamaid an aire dha so—ged nach urrainn dhuibh fein searmonachadh, is urrainn dhuibh moran a dheanamh gu searmonachadh an t-shoisgeil a chur air aghaidh: agus cha’n ann ri ministeirean a mhàin a tha àithne Chriosd air a labhairt—cha b’iad Aholiab agus Besaleel nan ònrachd air an d’ iarradh cuideachadh a dheanamh ann am pailliun an Tighearna ùllachadh ’san fhàsaich—cha b’ iad clachairean, agus luchd-togail a mhàin, a chuir a suas an Teampull air beinn Shìoin. Ghairmeadh air sluagh Israeil uile còmhnadh a dheanamh anns na nithibh mòr, agus naomha so, agus rinn iad còmhnadh—gach aon a réir na h-ealain, ’sa réir a chomais a thugadh dha le Dia.
A nis mar so sinne—cha’n urrainn dhuinn uile searmonachadh; ach ’s urrainn dhuinn a thoirt seachad d ’ar teachdantìr na bheathaicheas an searmonaiche ’n uair a tha esan ga thoirt féin a suas gu h-iomlan do “mhinistreileachd na rèite.” ’S urrainn dhuinn a thoirt seachad d’ ar maoin na chuireas leabhar na Fìrinn agus na Beatha, do ’n ionnsaidhsan a tha dol am mugha a dhìbheil eòlais. Agus ged nach biodh an “dà fheòirling” féin agad, is urrainn dhuit gu cinnteach so a dheanamh—do ghlùn a lùbadh an lathair Dhé—do chridhe a thogail ri Dia, agus ùrnuigh a dheanamh gu’n cuireadh Dia a mach a sholus maille r’a fhìrinn bho neamh, a chum ’s gu’m bitheadh a shlighean air an deanamh aithnichte air thalamh, agus a shlainte do na h-uile chinnich—Is urrainn duit guidhidh gu’n robh e a soirbheachadh le teachdairean an t-shoisgeil ’o gach cearna. Is urrainn dhuit a rèir àithne fein a ghuidheadh, gu’n robh esan—Tighearn’ an fhoghairidh—a’ meudachadh àireamh an luchd-oibre. ’S urrainn dhuit a ghealladh fein a thagradh, a tha ’g ràdh, “Iarr, agus bheir mi dhuit na cinnich mar oighreachd, agus na h-Eileanan mar sheilbh” —agus gu cinnteach cha’n e ùrnuigh dhùrachdach airson rìoghachd Chriosd, agus slainte anama, an dleasnas is lugha a tha mar fhiachaibh air gach creidmheach. Theireamaid mata ma ’s urrainn dhuit nìth air bith a dheanamh gu a thoilsan a chur
Tionndaidh sinn aire ar léughadairean fathasd a chum an dleasnais ’sa chuis so. Ach aig an àm rachamaid air ar n’ aghaidh a thoirt cunntais dhoibh mu na h-oidhirpean a thug Eaglais na h-Alba, ’sa tha i a toirt, air toil Chriosd a choi-lionadh ’san nith so. Bha ise air dheireadh air mòran eaglaisean eile ann an dùsgadh ’san aobhar so. Ach fadheòidh, an uair a thainig amanan ùrachaidh oirrese mar an cèudna, dheasaich ise a lòchran mar chàch, agus chaidh i a mach a thoirt soluis iongantaich an t-shoisgeil dhoibhsan a bha ann an dorchadas ’s fo dhubhradh a bhàis. Bho cheann corr agus fichead bliadhna (1825), thugadh cor truagh na h-Aird-an-Ear fa chomhair Aird-sheanaidh na h-Eaglais, le duine urramach, agus cliùtach, Dr. Inglis. Spàrr e orra gu cumhachdach, agus gu dùrachdach cia iomchuidh ’sa bha e, ministirean, agus luchd-teagaisg a chur a dh’ionnsuidh nan daoine truagh a bha ’n sin a lùbadh an glùn do dh-ìodhalaibh balbh, agus nan tràillean do dh’anamiannaibh gràineil. Dh’eisd iad ris le mòr aire—dh’aidich gach aon gu’n robh iad tuille a’s fada dearmadach air na cùisean so; agus ghrad chuir iad air leith buidheann de Mhinistirean ’s de Fhoirfich, gu luchd searmonachaidh iomchuidh a thaghadh airson na cearna sin de na h-Innsibh a tha fo smachd Bhreatuinn—gu airgead a chruinneachadh airson an gleidheil a suas—gus gach riaghailt iomchuidh, agus fheumail a dheanamh mu’n ghnothach chudthromach so. Chuireadh an Dr. Inglis féin mar cheannard air a bhuidhinn, no air a chomunn so. Thagh iad daoine éudmhor, agus diadhaidh, a bha ullamh gus an dùthaich, agus an cairdean féin—gu eadhoin na h-uile nithe a thréigsinn air sgàth Chriosd. Chuireadh iad so do na h-Innsibh, fo sdiuradh ’s fo thearmunn ar n’ Eaglais; agus bheannaich an Tighearna an saothair gu mor. Thainig iomad deuchainn agus cruaidh-chàs, an caramh ar n’ Eaglais a thaobh an nìth so bho na ghabh i os laimh e air tùs. Ach an déigh sin gu léir, tha aice an diugh anns na h-Innsibh’ n Ear, a cheart urrad de luchd-obair, treibhdhireach agus diadhaidh, ’sa bha aice aig àm air bith de ’h-eachdraidh.
Air a cheart là ’san do ghabh an t-Ard-sheanadh an obair mhòr so os laimh—latha nach dì-chuimhnichear an Eaglais na h-Alba—thugadh cor na Gaedhealtachd fa’n comhair, le dà charaid do’n dùthaich sin, co dileas dealasach ’sa sheas riamh air a taobh—an Dr. Baird, ard-cheann Oilthigh (College) Dhuneidinn, agus an Dr. Tormoid Macleoid a dhearbh e fein anns a chùis so, agus ann an
Aig an la ’n diugh tha naoi fichead (l80) sgoil, air an gleidheil a suas le Ard-sheanadh ar ’n Eaglais, agus tha cuig mile deug (15,000) cloinne, a faighinn foghlum fallain, agus feumail annta. Anns gach aon diubh, tha Gaelig, Beurla, sgriobhadh, agus cunntas, air an teagasg; agus ann am mòran diubh tha’ bhàrr air a so, Laidinn Gréigis, agus gach nìth eile a tha ra fhaotainn ’s na sgoilean is àirde anns an duthaich air a theagasg.
Beagan bhliadhnachan na dheigh so, air do’n Eaglais fhaicinn cionnas a bha Dia a soirbheachadh leath’ anns na nithibh so a ghabh i os laimh, mar a ni seirbhisich éudmhor a ghnàth, chaidh i an dàil an tuille, agus an tuille—ag earbs’ a gealladh an Tì a tha ’g ràdh, gu’n coi-lion e a neart ann an laigse a shluaigh, agus gu’n toir e dhoibh gràs a reir am feuma. —Shonruich i air muinntir àraidh de h-àireamh a bha gu comhnadh a dheanamh ri ’r luchd-dùthcha a dh’ fhag an tìr féin, agus a dh’ iarr dachaidh an America, anns na h-Innsibh ’n Iar, agus an iomadh cearnaidh chéin eile a bhuineas do dh’ Impireachd fharsuing, mhoralaich Bhreatuinn. Chuireadh an Dr Macfarlan àrd-uachdran Oil-thigh (no College) Ghlascho, mar cheann-suidhe air a chomunn: agus ghabh e mòr shaothair anns a chuis. Leig esan, air do’n aois a bhi luidhe air, a nis dheth an dréuchd so, agus thaghadh Dr Clark—fear de Mhinistirean Dhunéidein—na àite. Chuireadh a mach mòran mhinistirean o àm, gu àm, leis a chomunn so; agus tha an fheadhain a tha dol a mach, a
Dh’fhairich an Eaglais “mar a bha a là gu’n robh a neart,” agus mar a bu mhò a mheudaich i a saothair ann an aobhar Chriosd, gur ann bu mhò a mheudaich esan a ghràs dh’ ise. Ghabh i obair eile os laimh mata air bheag dàil—eadhoin an tuille thighean aoraidh a thogail ’nar duthaich fein—meadhona’ nan gràs a thoirt dlù dhoibhsan a bha co fada o thigh an Tighearna ’s nach b’ urrainn doibh ruigheachd air: no, mar anns na bailtibh mòra, a bha an cuiltibh, ’s an caol-shraidibh cumhann, salach, dorcha, bochd; far nach robh neach air bith ach gann a gabhail cùraim dhiubh, agus far, mo thruaighe! nach robh iad a gabhail curaim idir dhiubh fein, ach a caitheadh an làithean ann an doille ’s ann an an-diadhachd, ro iòsal agus truàgh.
B’ e an duine ro iomraideach, agus cumhachdach sin, Dr. Chalmers, a thug a chuis so fa chomhair na h-Eaglais—duine a bha na onair do ’n Eaglais, ’s do ’n duthaich a dh’ àraich e, agus aig am bheil cliù a mhaireas, anns na h-Eaglaisean uile. Chuireadh e fein air ceann a chomuinn a chaidh a thaghadh airson còmhnadh a dheanamh leis, agus le éud, fhoghuinnteachd, agus le dheas-chainnt anns an robh drùghadh, agus cumhachd air leith, dhuisg e an dùthaich uile gu làmh a ghabhail ’san obair so, agus fhuair e mòran thighean aoraidh, agus mòran de mhinistirean a shuidheachadh ann an àitibh a bha roimhe falamh, fàs. —Tha ’n Comunn so a nis a deanamh cuideachaidh leis na co-thionail sin, a tha tuille is bochd gu ’m Ministirean fein a chumail a suas. Tha iad mar an ceudna, a cuideachadh gu Eaglaisean a thogail far am bheil sin feumail, agus tha iad ri nith eile a tha chum mòr mhaith—a toirt air an aghaidh airson na ministrealachd daoine òga, gealltanach aig nach eil dòigh air iad fein a thoirt air an aghaidh.
Fa dheireadh, thionndaidh ar n ’Eaglais a h-aire chum seann sluagh Dhe, a chum chaorach sgabta tighe Israeil, a dh’ fhàgadh car nan cèudan bliadhna, gun aon neach a ghabhail cùraim de n anama—agus ni bu mheasa, a bha air an saltairt a sìos, agus air an cur air cul leis gach uil’ fhine—Criosduidh no Geintileach. Bha daoine diadhaidh ann an caochladh chearnaibh, agus aig caochladh amanan, a “bha ’g iarraidh maith Shioin,” agus a gairm aire Israeil do ionnsuidh-san a b’e “freumh Iesse,” “an reul dhealrach agus mhaidne.” Ach mar Eaglais, ’si ar n-Eaglais fein a bu luaithe a ghabh a chuis so os laimh, agus gu follaiseach, agus gu
Their mòran mu ar n’ Eaglais, gu‘n d’ fhalbh a mearsuinn, a neart, ’sa beatha; ach tha i air an là ’n diugh a dearbhadh nach eil ann ach tuaileas a luchd-fuath. Tha i ag éisdeachd ri guth Chriosd. Tha i a saoithreachadh gu dlù aig an tigh a’s ùaithe, gu a thoil-san a dheanamh—gu obair-san a chur air aghaidh—gu anama a thionndadh bho dhorchadas gu solus—bho aingidheachd gu fìreantachd; agus am feadh a bhuannaicheas i anns a chùrsa so, féudaidh i bhi air a smachdachadh; ach cha toirear thairis gu bàs i. Ni ’a h-Ard-cheann a dìon, agus a beannachadh.
Cha lean sin a chuis ni’s faide aig an àm; ach theireamaid gu’m bheil ar n’ Eaglais a gairm air a sluagh uile, uair anns a bhliadhna, còmhnadh a dheanamh leis gach aon fa leith de na h-aobhair naomh, agus mhaith ud a réir ’s mar a shoirbhicheas an Tighearn leo, agus bheir sinn cunntas ni ’s mine air gach aobhar dhiubh bho àm gu h-àm. Tha sinn an dochas gu ’m bi e taitneach do ’r luchd-léughaidh a bhi cluinntinn cionnas a tha rùn an Tighearn a soirbheachadh na ’làmhan na’r tìr féin, ’san tìribh cìan—agus gu ’m bi iad a “sìor ghuidhidh do ’r Sìon, sìth-shaimh a’s sonas mòr,” a guidhidh,—
“An taobh a stigh do’d bhallachaibh,
Biodh sith a’s sonas maith;
Dèadh shoirbheach’ fòs gu’n robh gu bràth,
A’d chuirtibh àrd a stigh.”
—Salm cxxii. 7.
F. B.
title | V |
internal date | 1848.0 |
display date | 1848 |
publication date | 1848 |
level | |
reference template | Fear-tathaich nam Beann I %p |
parent text | Number 1 |