VI.
GU FEAR-TATHAICH NAM BEANN.
A CHARAID IONMHUINN,
Chuala mi, bho cheann ghoirid, sgéul a thug mòr thoileachas-inntinn domh—gu’n robh thusa ’cur romhad togail ort ann an latha, no dhà, agus dol air chuairt do thìr nam Beann. Chuir e da-rìreadh aiteas air mo chridhe chluinntinn gu’n robh e ann a ’d bheachd a bhi, bho mhìos gu mìos, a tathaich nan cearnan sin a bha mise gu minic a taghal le subhachas, agus le dealas àrd. Falbh a mach a charaid le bratach na sìth a ’d dheas laimh, agus le gràdh do dhùthcha ann a ’d chridhe. Falbh a mach le gach gné de dh’eòlas féumail. Cuir an fhìrinn ghlan fa chomhair nan Gaedheal, ’s na biodh eagal ortsa nach fàiltich iad thu. Cuir an dleasnas mu’n coinneamh gu neo-sgàthach, agus gu bàigheil; a’s mo làmh sa dhuit nach téid thu gu tric air do chuairt gus an tuig, ’s an aidich an sluagh gur a tù am fìor charaid.
Gun teagamh tha ’sa Ghaedhealtachd, mar anns gach àit’ eile cuid de dhaoine gruamach, doichiollach—daoine crom-cheannach claon-inntinneach a labhras ann a ’d aghaidh, agus a dhi-molas do shaothair gu de air bith co maiseach no tarbhach sa bhitheas i. Tha anns gach àite feadhain a fhuair seòrsa de chumhachd neònach thairis air daoine, ’s gu h-araidh thairis air mnathan faoine a tha iad a tarruing nan déigh. Ma ni iad so tathunn a ’d aghaidh togaidh mòran eile an donnalaich maille riuth’ ach leig thusa leò. Faic gealach gheal nan tràth a tha tathaich gach glinn ’s gach beinne. Is iomad tathunn a tha ’g éiridh na deigh: ach tha ise’ snàmh gu buadhmhor air a h-adhart o linn gu linn ’s an t-shlighe ’chomharraicheadh a mach dhi.
Air d’ adhart thusa mata agus soirbheachadh leat. Gu’n robh beannachd an Tì a bha ’chòmhnuidh ’s a phreas maille riut. Dean thusa do ghabhail air réull na maidne, agus mar sin cha téid thu air seachran am measg ceòran nam beann, no dh’aindeoin dall-eud, agus tuaileas d’ eascairdean.
Tha mise min-eòlach s’a Ghaedhealtachd. Rugadh mi an tìr nam Beann. ’Si a cànainn a labhair mi air glùn mo mhàthar—agus ’s ann innte, ’s dòcha, a chuireas mi suas m’ ùrnuigh dheireannach s’ an t-shaoghal so. Tha mo chridhe ag innseadh dhomh gu’m bheil gràdh agam air mo luchd-dùthcha: agus tha teist deagh choguis agam gu’n d’ rinn mi a h-uile dìchioll a bha ’m chomas riamh a chum am maith aimsireil, agus spioradail a chur air an aghaidh. Is olc a thigeadh e dhomh, agus is dona ’chòrdadh e rium mo làmhan a phasgadh, mo chridhe ’dhùnadh, agus sealtuinn le neo-shuim ortsa ’n uair a tha thu dol a mach air thuras am measg mo shean chàirdean bho ’n d’ fhiosraich mise daonnan, ceanalas, a’s bàigh. Bheir mi oidhirp bho àm gu àm a leigeil ris dhoibh nach d’fhuaraich mo ghràdh dhoibh: agus do bhrìgh gu’m bheil iomad nìth nam measg a bu mhiann leam atharrachadh a chum na codach is fearr bheir mi dhoibh a h-uile comhairle, agus seòladh a shaoileas mi a bhitheas a chum fior bhuannachd dhoibh.
Rinneadh mòran airson muinntir na Gaedhealtachd ’s a bhliadhna ’chaidh seachad. Dhùisgeadh gràdh, agus truacantas as an leth nach facas a shamhuil na’r linn. Bha’n déuchainnean mòr; ach rainig gaoir nam bochd clùasan Tighearna nan sluagh, agus dh’aom esan cridheachan dhaoine anns gach cearnaidh a chum còmhnadh, agus fuasgladh a thoirt dhoibh—a’ rìoghachdan céin, s’ a oiribh iomallach an t-shaoghail thainig furtachd do’n ionnsuidh. Anns na h-Innsibh ’n Ear a ’s ’n Iar chruinnicheadh òr agus airgiod air an son. Cha robh air luchd-dùthcha féin an America mu thuath air deireadh. Bu mhòr ’s bu chliùtach am fialuidheachd do na Gaedheil. Dh’ fhéudadh dùil a bhi aguinn ri ’so; oir buinidh iadsan do’n aon rioghachd mhòir ruinn féin. Ach gu’n deanadh Staidean America mar a rinn iad, se so a chulaidh iongantais, agus an t-aobhar taingealachd is mò. Iadsan a bha cath, s’ a comhrag ri ’r dùthaich bho cheann beag ùine, agus a bha ’bagradh, leth-
“Se Dia rinn so ’s is iongantach
Na’r sùilibhne an gnìomh.”
Ach am feadh ’s a bheir sinn a h-uile cliù do choigrich, a’s dhoibhsan a tha chòmhnuidh fad’ air falbh, bu mhì-chubhaidh dhuinn, gu cinnteach, a dhì-chuimhneachadh na rinneadh an Albuinn ’s an Sasunn—cha’n ’eil baile mòr, no beag, sgìreachd, no Eaglais nach d’ rinn nithe mòr’ airson nan Gaedheal.
Is eagal leinn, a réir gach coslais, nach bi cor nan croiteirean bochd ach glé bheag ni’s fearr air a bhliadhna so na bha e air a bhliadhna’ a dh’fhalbh, agus tha e ro thaitneach leinn ìnnseadh gu’m bheil e ’n comas Cilleadairean an airgid a thionaladh air an son, cuideachadh a dheanamh leo air a Gheamhradh so fathasd. Ach an uair a theirgeas na bheil an làimh is dearbh chinnt leinn nach ruig a leas na Gaedheil fiuthair a bhi aca gu’n dean daoin’ eile a leithid air an son a rithis. Feumaidh an earbsa bhi, fo laimh Dhé, gu buileach na’n saothair, na’n dìchioll, ’s na’m fearalas, féin. Féumaidh gach àrd, agus gach iosal—gach uachdaran, agus ìochdaran ’sa Ghaedhaltachd mata iad féin a chrioslachadh airson na’n déuchainnean a tha fa ’n comhair fo ’n atharrachadh mhòr a thainig air dòigh bheò-shlaint an t-shluaigh. Do réir coslais dh’fhalbh am Buntàta. Bha ’m pòr prìseil so, is eagal leinn, fo ghalar bàis o cheann bliadhna, no dhà: agus ’se barail mhòran dhaoine tuigseach nach faigh e an uachdar air. Uime sin féumar gach dòigh fheuchainn, gach seoltachd a chleachdadh; agus gach saothair a ghnàthachadh gu barran ùr’ a thogail a ni a suas, co fad ’sa dh’fhéudar, àite’ Bhunntàta, agus mar an ceudna gus na barran a thatar a togail a dheanamh ni ’s toraiche, agus ni ’s pailte. Féumar tuille pòir a thoirt as an fhonn. Agus bithidh sinne, bho àm gu àm a toirt cunntais air na dòighean ’s air na h-ìnnleachdan a tha aca ’n àitibh eile gu brìghmhoireachd an talaimh a mhéudachadh—gu teachdantìr do theaghlach a tharruing a mìr glé bheag de ghrunnd.
Anns an aìreamh so cha’ n ’eil comas againn an aire a thionndadh ach gu aon nìth a bhuineas do na cùisean so, agus is ro bheag a dh’ fheudas sinn a ràdh mu ’n nìth sin féin, ’se sin, cia ro fhéumail, ’s cia ro bhuannachdail ’sa tha e do gach croitear, GARADH-CAIL a bhi aige dha féin. Cha ’n ’eil croitear feadh na Gaedhealtachd gu léir nach féudadh crioman fearainn a ghiullachd airson deagh gharadh-càil a dheanamh. ’Sa Ghalltachd, an Sasunn, agus anns gach dùthaich ’san Roinn-Eòrpa ach Eirinn a mhàin, chitear a lios beag, boidheach, brìghmor féin, am fochar gach bothain. Cha ’n e a mhàin gu ’m bheil so prìseil, agus tarbhach far am bheil teaghlach lìonmhor, ach tha e anabarrach taitneach r’a fhaicinn: agus cha’n ’eil cosnaiche no fear-ceaird anns an dùthaich a tha co dian an sàs ann an obair, nach feud ruigheachd air beagan ùine, moch no anamoch, gus a ghàradh a ruamhar ’sa chur: agus an ùair a tha so deanta, ni a bhean ’sa chlann a ghartalan ’sa ghleidheil an òrdugh. Ris gach croitear mata theireamaid, mar ’eil Gàradh cheana agad, grad-thòisich agus bitheadh e agad. Sònruich crioman de’n fhearann is dlùithe air do thigh, ma tha e idir freagarrach airson àitich. Agus ged a chosdas e saothair dhuit a thoirt gu àiteach, gheibh thu de ghoireas ’s de thlachd ann e bhi dlù do d’ dhoras, ’s gu ’m bith thu mòran ni ’s toilichte leis aig a cheann mu dheireadh, no bhitheadh tu le àite a b’ usa ’ghiullachd, ach a bhiodh ni b’ fhaid’ air falbh. Ma tha ’n grunnd car cruaidh, no creagach, is fiach dhuit talamh a ghiùlan ’o àit eile d’ a ionnsuidh: agus ma tha e àitidh, thoir an aire gu ’n tiormaich thu e gu buileach le claisean no draineachan gu leoir a chladhach ann: oir cha ’n ’eil ach call ùine agus saothair, agus froise, ann a bhi feuchainn ri pòr gàraidh a thogail ann an talamh fliuch. Feumaidh na claisean so a bhi, aig a chuid is lugha, dà throigh gu leith air doimhneachd: agus a thaobh leòid, tha moran an earbsa ri méud na cloiche le ’n lìon thu iad. Ma ghabhas thu clachan meanbh, gun aon ni ’s mò na ubh circe—agus ’se clach phronn mar so stuth-lionaidh is fearr air bith—foghnaidh ceithir òirlich de lèud aig grunnd na claise, agus bitheadh i ’dol ni ’s farsuing gu ’bràigh; ach ma tha chlach n’ is motha feumaidh tu an tuille leòid a thoirt do ’n drain. Lìon i bho throigh, gu troigh gu leith air doimhneachd leis a chloich phruinn so—an sin còmhdaich thairis iad le sgrathun a bhuaineas tu air a chàrr, no le pailteas connlaich air a dinneadh gu dlù, a ghleidheas an ùir gun dol eadar na clachan, an sin tilg a stigh an talamh a chladhaich thu as a chlais. A thaobh lìonmhoireachd na ’n claisean so, tha e an earbsa ri nadur a ghruinnd. Air uairibh foghnaidh aon anns na deich slataibh. Bi cinnteach as a so, gu ’n dean thu an gàradh làn thioram, seasgair air dhòigh is nach faicear lub no àiteachd ann là ’sa bhliadhna; agus an sin bithidh tu ceart.— ’S an ath àireamh labhraidh sinn ni ’s mine mu chur a ghàraidh an òrdugh; ach aig an àm, dhlù-sparradhmaid air gach croiteir, e thoiseachadh gun dàil seachduinn no làth, air mìr fearainn a dhùnadh airson gàraidh. Ma tha clach goireasach, togadh e balla cloiche: oir is e so is saoire
Co luath ’sa tha ’n gàradh dùinte, toisich gu duineil air a ruamhar. Bu choir gach gàradh a ruamhar car a cheud uair, dà throigh air doimhneachd, agus tha e a chum mòran féum do’n ghrunnd a thionndadh thairis tràth ’sa bhliadhna—oir tha, ’n reotha ro mhaith gu phronnadh, gu fhosgladh a suas—gu ’ullachadh air dhoigh ’s gu’n toir e leabadh mhìn agus chaoineil do’n t-shìol anns an Earrach.
Slàn leat aig an àm—slighe réidh dhuit Fhir-thathaich: agus ma chaomhainear mise, ni mi mo dhìchioll gu gach nith a sheòladh dhuit tré an coimhlionar gealladh an Tighearna, a tha ’g ràdh (Gnàth. xiii. 2, 3. ), “gu’m bi mòran bìdh ann an treabhadh na ’m bochd.”
T-fhear-du’cha dìleas,
CARAID A CHROITEAR.
title | VI |
internal date | 1848.0 |
display date | 1848 |
publication date | 1848 |
level | |
reference template | Fear-tathaich nam Beann I %p |
parent text | Number 1 |