[28]

VII.

NAIGHEACHDAN.

CHANeil naigheachdan coitchionn na rìoghachd aig an àm ro thaitneach. Faodar a ràdh air chinnt gum bheil nèul dorchos ar ceann, agus breitheanais Dhé, an iomad dòigh, amach air ar tìr. Tha aon aobhar taingealachd gum bheil sìth eadar na rìoghachdan, as nach eil comh-strì, no cogadh eadar Breatunn as aon chearneile den t-shaoghal. Cia co fhadsa bhitheas e mar so tha e doirbh a ràdh. Tha na Frangaich guineach mar a bha iad riàmh nar naghaidh, agus nam bitheadh an leithsgeulbu lughaca bhitheadh iad nar badaibh gun dàil. Ach than sean rìgh Louis Phillippe, a tha nis dlùth air ceithir fichead bliadhna dhaois, na dhuine sìthcheal, smachdail, agus ro sheòlta. Fhadsa chaomhainear esan tha dòchas nach teid briseadh air sìth na Roinn Eòrpa:


[29] ach an uair a thuiteas esan is mithich do Bhreatunn a bhibogadh nan gad.

Tha cogadh eadar Staidean America, agus dùthaich Mhecsico a tha luidhe ri taobh deas agus an Iar-dheas de na Staideandùthaich a bhuineadh aon uair don Spàinnd: ach a thanis a seasamh air a buinn féin, agus anns am bheil dlùth air deich muilleinean sluaigh. —Se America a thòisich air an iorghuill so, agus tha buaidh nam blàr leatha. Chuir a h-armailtean an rùaig air muinntir Mhecsico anns gach cath; ach cha tug iad an dùthaich fathasd fo chìs: agus an déigh mòran dhaoine, agus maoin a chall chan fhaic sinn gun do bhuannaich i bheag de mhaith. Cia mar a chriochnaicheas an cogadh ro fhuileachdach agus mortail so chan urrainn duinair bith a ràdh.

Cha robh malairt, as marsandachd riamh ann an staid a bìlse nar rìoghachd féin na tha i aig an àm. Thainig briseadh air na tighean marsandachd a bainmeile bha anns an dùthaich. Dhfhàilnich cuid dhiubhsan aig an robh an creideas a bàirde: agus mòran diubh ann an suim airgid a tha spleaghach ra ainmeachadhcuid an trì, an ceithir, an cùig céud mìleagus feadhain os a cheann so: agus tha mòran dhiubh nach dìol crùn, no leth-chrùn féinsa phunnd Shasunnach. Thug na marsandan mòra sgaoth de dhfheadhain eile gu làr leo: agus feudar a ràdh gum bheil leth nam bailte mòra gu léir mar gum beadh air an uilinn. Ghabh luchd malairt an airgid (Bankers) an t eagal, ’s an fheadhain aig an robh òr ghlais iad a suas e: agus cha robh airgiod ra fhaotainn an iasad, no air chreideas gun àrdachadh ro mhòr air riadh, agus gun a leithid de dhurras snach burrainn ach fior chorra dhuinethoirt seachad. Bha so deuchainneach air luchd malairt de gach seòrsaair na dròbhairean am measg chàich. Thug e tilleadh mòr air margaidhean, agus air cosnadh. Dhùineadh a suas muillean Cotain, agus oibrichean Iaruinn. Is iomad simealar mòr as an robh smùid a chìte na mìltean air astar a tha nis air a smàladh as, agus gleadhraich am builg-shéididh nan tosd. Ach se cuid is truaighe gum bheil, an lorg so, anabarr de luchd-oibre air am paigheadh dheth agus iad féins an teaghlaich a nis ann am bochduinns ann an cruaidh-chàs. Tha eagal oirnn nach bi a chùis nis fearr car ùine bhig: achs eiginn dhuinn a bhi beò ann an deagh dhòchas.

Tha Ard-chomhairle, no Parlamaid, na rìoghachd an déigh cruinneachadh, agus da rìreadhs ann gun tuisges gun mhothachadh a than duine sin nach guidh air Dia an sdiùradh a chum nan nithean sin a tha gu fìor mhaith na dùthcha chur air aghaidh. ’S en gearan mòr a tham measg dhaoine gum bheil an t-òr gann; ’s da rìreadh cha niongantach ged a robh. Chaidh anabarr dheth a mach as an dùthaich do rìoghachdan eilecheannach lòin, an lorg na gainnethainig air an dùthaichsa bhliadhnachaidh seachad. Ann an cuig mìosa déug thugadh an t-shuim so a tha duilich eadhon a chunntas £33,563,476trì muillinean déug thar


[30] fhichead, cuig céud trì ficheadsa trì mìle, ceithir chéud, trì ficheadsa se-déug de phuinnd Shasunnach ann an òr le Breatunn do dhùthchannan eile airson lòin dosluaghChaneil rìoghachd eile air uachdar an t-shaoghail a burrainn seasamh ri leithid so ach Breatunn na h-ònrachd. Bitheamaid taingeil don Tighearna a thug a leithid de shaoibhreas don rìoghachd anns am bheil ar còmhnuidh. Tha aobhar aguinn cliù a thoirt dhà air a shon so: oir tha Breatunn da rìreadh a suidhe mar Bhàn-rìghinn am measg nam fineachan; agus aon diubh gu léir chaneil cosmhuil rithe. Ach seagal leinn nach eil daoine am bitheantas a toirt so fainear: agus gum bheil na mìltean a bha air a bhliadhnachaidh seachadiad féin, ’s an teaghlaichair an gleidheil on bhàs le cùram, agus le caoimhneas luchd-riaghlaidh na dùthcha nach tug buidheachas fathasd do Dhia airson an cobhair; agus nach do ghuidh riamh gum beannaicheadh e a Bhàn-rìghinn, no iadsan a tha fo a smachdsa a sdiùradh gnothuichean na rìoghachd mhòir, agus fharsuing so. Na bitheadh so mar so, ach guidhibh beannachd Dhé air ur Bàn-rìghinn, agus orrasan uile a than ùghdaras mar a tha e féin ag àithneadh dhuibh.

Ach mòr mar a than t-òr a chaidh a mach as an rìoghachd, agus a thug lomadh, agus gainne air an dùthaich chaneil e ach suarrach an coimeas ris na chosd na slighean iarruinn sin (no railroads) a tha toirt a leithid de dhatharrachadh mòr air aghaidh na tìre. Air a bhliadhna chaidh seachad chosdadh còrr as ceithir fichead muilleins a deich de phuinnd Shasunnach £90,000,000air na h-oibribh so. Agus ged nach eil an t-shùim so air a call chaneil i aig an àm ach mar phòr fon fhòid a bheir bàrr pailt seachad ri ùine, tha sinn an dòchas, ach cha nann gus an téid an t-Earrach, ’s an Samhradh seachad. Chuireadh bacadh air mòran de na h-oibrichean so an tràs’ —air don luchd-riaghlaidh a bhim beachd nach deanadh an cur air an aghaidh ach tuille éiginn as brisidh a thogail air feadh na dùthcha. Is furasd fhaicinn gum féum mòran de na cosnaichean a bhag obair air na railroads so mata a nis an aran a chall. Tha na mìltean diubh air am pàigheadh dheth; agus is duilich leinn gum bheil mòran diubh a bha ann an làth a phailteis ri struighes ri anacaitheadh am biadh, ’s an deoch, a dhfhaireas a nis cia ro amaideachs a tha e an sùilean a dhùnadh air an la maireach, no a dhì-chuimhneachadh san làth gheal ghrianach gum bheil an latha fliuch fuar a feitheamh orra.

Ann an aithris naigheachdan na rìoghachd cha tig dìchuimhn a dheanamh air an nìth sin mum bheil a Phàrlamaid a smaoineachadhs a labhairt gach aon làth bhon a chaidh iad cruinn. ’Se sin cor na h-Eirionn. Than cor so truagh, agus uamhasach thar cainnt, no smuaint. Tha ganntar, agus gort eagallach air feadh mòran den tìr; agus na céudan a dol bàs. Nis measa, tha -riaghalt, slaid, agus mort a dol air an aghaidh gach làth. Tha cuid de na daoinis fearr ann san dùthaich air an tilgeadh, mar


[31] na coilich dhubha, an geal an sholuis, agus tha na mortairean a coiseachd air falbh gu socrach gun eagal, gun athadh: oir chaneil aon duine a bheir oidhirp air an cur an làimh, no eadhon a dhinnseas co iad ged a cheasnaichear iad. Tha aobhar taing aguinn do Dhia ged a tha muinntir na Gaedhealtachd a fulang, nach tugadh thairis gu bàs iadgum bheil teachdantìr air ùllmhachadh dhoibh fathasd. Agus gu sonruichte tha aobhar taing aguinn do Dhia a ghleidh iad bho ar-a- mach, agus o mhì-ghnàthachadh. ’Se iad a bhi co sìobhalta, chiùin a thug air daoineile sealtuinn orra le urrad chaoineis. Maireadh iad mar sobitheadh iad mar an ceudna saoithreach, oidhirpeach ann an lòn a chosnadh dhoibh féin: agus a cur an earbsanns an Tighearn. Deanadh iad so agus chaneil eagal oirnn nach faigh iad fuasgladhoir

Gu dearbh tha cobhair dlùth don dream,
A dhearbas as gu fior.”

Bheir sinn cunntas nis mine air Eirinn san ath-àireamh.

titleVII
internal date1848.0
display date1848
publication date1848
level
reference template

Fear-tathaich nam Beann I %p

parent textNumber 1
<< please select a word
<< please select a page