[31]

VIII.

CHLOROFORM.

Tha fiabhruis càil-eigin nis eutruime ann an Glascho na bha iad air a mhìos a chaidh seachad, ’nuair a bha barrachd air cheud deug anns na tighean fiabhruis a mhàin, a thuillidh air na bha tinn nan tighean féin. Fhuaradh innleachd chiatach a mach bho cheann bheagan sheachdainean, le Doctair Simson ann an Dùnéidean, ris an canar Chloroform. Tha e soilleir mar uisge, milis na bhlas, agus cùbhraidh na fhàile. Ma shilear mu leth làn spàine bhig (Spàine Thì), air neapaigin, agus ma chomhdaichear am béul, agus cuinneanan na sròine leis so air chor agus gun tàirnear an anail troimhe, grad thuitidh an urradh ann am plathaanns am fuirich e co fadagus a dhfhàgar an neapaigin air a bheul.

Tha casan agus làmhan gan gearradh do na h-euslain, ann an Tighean-eiridinn Rìoghail Ghlascho, agus Dhùnéidin, gach dara latha, gun phéin, agus gun fhios a bhi aca gun robh carbhaireachd sam bith ga dheanadh orra.

Nach aidichear gur mòr an t-sochair so, ’n uair a dhinnsear dhuibh gun fhocal bréige, gur h-iomadh bean ri saothair cloinne a chuireadh ann am plaghaleis a Chloroform, agus a thug a sliochd dhachaidh, gun phéin no gun fhios a bhi aice ciod a bha dol air aghaidh, gus an dthugadh bhobéul an naipigin, agus gus an cual i sgreachail an leinibh. —Rob Ruadh.


Feuchaidh sinn tuillethoirt air aghaidh na dheoghain so, mu thimchioll aghnothaich so. Chan aithne dhuinn gun dfhuaradh a machn ar latha no rir linn, ìnnleachd, ma dhfheudar ìnnleachd a ràdh ris, is iongantaiche na so air am bheil Rob Ruadh a labhairt, agus air an tug daoine mar ainm Chloroform! Tha dearbhadh


[32] ùr air fhaotainn bho gu , air éifeachd a chungaidh-phlathaist so leis am bheil daoinair an cur ann an seòrsa de shuain, no staid neo-mhothachail, air chors gum faod lighiche, lamh no cas a ghearradh dhiù gun an dùsgadh, no thoirt fainear gum bheil an sgìan, non sàbh gan còir! Chaneil cunnart air bith an lorg féum a dheanamh dhe; fhadsa chumar fàile an so ri sròin no ri anail an duine, tha e gun mhothachadh, agusnuair a bheirear air falbh e tha edùsgadh mar gum bann a sùain, air chors nacheil farraid no eòlas aig air rinneadh air. Nach mòr agus nach beannuichta chùis son àite na glaodhaich agus na sgriachail eagallaich, a bha ga fhàgail air uairibh ea-comasach don lighiche a dhleasnas a dheanamh, ’san duine bochd air a cheangal air bòrd, afulang péin, agus dòruinn a bha uamhasach agus eagallach? Tha nis an obair leighis air a deanamh gu h-éifeachdach agus gu sàmhach; agus tha iomad ann a tha call coise agus laimhe, gun urrad agus bruadar gu bheil neach gan còir! Càitan stad daoine?

titleVIII
internal date1848.0
display date1848
publication date1848
level
reference template

Fear-tathaich nam Beann I %p

parent textNumber 1
<< please select a word
<< please select a page