OTAGO, NEW ZEALAND.
BHO’N sheòl longaibh á Thames agus á Cluaidh chum na Tuinneachaidh Albannaich Otago, ann a’ New Zealand, le buidheana mora de luchd-imrich agus a bha iomadh nach d’ fhuair air falbh leò a chion rùim, a rinn deas airson falbh, tha e leis a’ so air innse gu’n teid longaibh eile ’chur air falbh cho luath sa theid na tha air iarraidh leis na riaghailtean de’n fhearann a chreic.
Iadsan air am bheil a mhiann fearann a cheannach gheibh iad gu’m bi e na ’m fàbhar tighinn air an aghaidh gun dàil, agus an £12 10s a chur an lamhan a chomuinn airson gach Staid a tha ’mhiann orra ’cheannach; agus bho’n tha mòran de dh’ainmeanan a’ tighinn a stigh, agus muinntir ’cheana ’fastadh an leapaichean maraon ’sa Chabin agus ’sa Steerage, tha e air a dhìan mholadh gu’n tigeadh, araon muinntir shìngilte agus teaghlaichean, air am bheil a mhiann seòladh leis na ciad longaibh air an adhairt gu’n dàil, air eagal gu’n tachair a leithid de thapaig a rithis.
Tha’m fearann a tha r’a chreic, de’n t-seòrs’ is fearr, air a thaghadh ’s air a thomhas le luchd sgile tha eolach agus cliùiteach. Do thaobh staid nan sìontaine (climate) ann a’ New Zealand cha’n ’eil n’ as falaine air an t-saoghal do neach a thogadh a’m Breatunn, agus tha arbhar agus luibhean-gàraidh na dù’cha ainmeil. Tha i, cuideachd, comharraicht’ airson cruibh ’us chaorach, agus tha ’mach ’sa stigh de chrìochaibh Otago farsuingeachd mhòr de raon toirteil airson ionaltraidh, a chuireas dheth, a réir beachd dhaoine, olainn co math ri olainn Australia ’féin.
Tha na cothraman so, ’nuair a chumar, ’s an àm cheudna, ’s an amharc suidheachadh sonraicht’, agus biùthas na Tuinneachaidh, a tha ’gabhail a steach gu’n teid ministirean an t-soisgeul, agus maighistirean scoile ’chur leis an t-sluagh, ga fhàgail àrd-airidh air roghainn agus smaoin muinntir air am bheil a mhiann an dùthaich fhagail.
Gheibhear gach fiosrachadh feumail mu na cùmhnantan air am faighear fearann, mu airgiod aisig, mu aiseag a’ nasgaidh, agus mu nithe mionaideach eile, aig seòmraichean comuinn Otago, Aireamh 5, George Street,Duneidin, J. M‘Glashan, Secretary;agus aig Aireamh 3, West Nile Street,Glascho, Dr Aldcorn, Secretary.
A’ cheud mhìos, 1848.
Printed and Published at 145 Argyle Street, Glasgow, by WILLIAM GILCHRIST, residing at 22 Centre Street, Tradeston.
title | [coda] |
internal date | 1848.0 |
display date | 1848 |
publication date | 1848 |
level | |
reference template | Fear-tathaich nam Beann I %p |
parent text | Number 1 |