AN SEÒL AIR AN CÒIR AN SGADAN
A GHLACADH AGUS A GHRÉIDHEADH.
Air a chlòdh-bhùaladh, agus air a chraobh-sgaoileadh, le Cuideachd Urramaich Bùird na h-Iasgaireachd Bhreatuinnich.
THA Sgadan ùr, an uair a bhitheas e ann an deagh chuladh, ’na bhiadh saor, blasda, agus fallain, agus tha e luachmhor mar theachd-an-tìr, an uair a bhitheas e gu h-ealamh agus gu ceart air a ghréidheadh. Ach tha luach an Sgadain do thaobh so, gu h-iomlan an crochadh ri staid an éisg an uair a ghlacar e, agus ris an ealamhachd agus a’ chùram a ghnàthaichear ’n àm a bhi ’g a ghréidheadh.
Féudar an Sgadan, do thaobh a staid, a ròinn ’na thri seòrsaibh; ’se sin ri ràdh, An Sgadan glan, —An Sgadan salach, —agus An Sgadan ruithte. Is e An Sgadan glan an sgadan sin anns am bheil an iuchair agus a’ mhealag gu riochdail air an dealbhadh; gidheadh, ann an tomhas gun a bhi mòr. Tha e ceart a thuigsinn, gur i so an staid anns am fearr am bheil an t-ìasg air son lòin, agus anns am freagarraich’ e gu mòr do thaobh blas agus beathachaidh. Ged nach ’eil e ’san staid so, co mòr ann an tomad is an uair a bhios e salach, gidheadh, tha e da rìreadh mòran ni’s reàmhra, oir tha mèud na h-iucharach agus na mealaig a’ cur tomaid mealltach dhe’n ìasg shalach, an uair a ta ’n t-ìasg fein, [[2]]
Is iad na h-Iàsgairean, —An Luchd-gréidhidh, —An Luchd-cutaidh, —An Luchd-saillidh, —agus Na Cùbairean, a’ mhuinntir sin fa leth aig am bheil e mar cheaird, am bathar-malairt sin a dheanamh suas, ris an abrar Sgadan saillte no Sgadan piceilte. Mar dean gach buidheann dhiubh so gu ceart, an earrann sin do’n obair a bhuineas gu h-àraidh dhoibh fein, an sin, féudaidh uile luach an éisg a bhi air a lughdachadh co mòr, is nach gabh e a chaoidh reiceadh. Bu chòir do gach buidheann, uime sin, an dleas’nas fein a dheanamh gu cùramach agus gu sèolta, a chum, air do shùil nan uile a bhi air an aon chuspair, gu’m féud iad, le’n dìchioll fein maraon, ruigheachd air an ro ìomlanachd gréidhidh sin a ta idir comusach. Ma bhitheas na h-Iàsgairean co mi-churamach ann an làimhseachadh an éisg, is gu’m mìll iad e air shèol sam bith, cha’n urrainn an Luchd-gréidhidh an cron ath-leasachadh; agus ma thig an Luchd-gréidhidh gearr air an dleas’nas fein, cha bhi dìchioll an Luchd-cutaidh agus an Luchd-saillidh chum féum sam bith, air son am mi-chùraim-san. Agus ged a dheanadh iad so uile an gnothuch fein gu maith, ma bhitheas na Cùbairean mi-fhaiceallach mu’n dleas’nas shònraichte fein, tha’n t-ìasg air fheabhas ’s gu’n gréidhear e, an cunnart a bhi air a mhilleadh.
[[3]]Air an aobhar sin, fèumar a bhi ’g amharc gu géur thairis air an luchd-ceaird so fa leth; nì, nach ’eil chum mòr-chosdais ma nithear gu ceart e; ach nì, aig am bheil a’ bhuannachd so, gu’n dean e cìnnteach gu’m bi an Sgadan air a dheagh-ghréidheadh, agus gu’m faigh e féill ealamh; agus gu’n àrduich e cliù na h-Iasgaireachd Bhreatuinnich fathast ni’s àirde ann an dùchannaibh an céin.
title | 1 |
internal date | 1846.0 |
display date | 1846 |
publication date | 1846 |
level | |
reference template | Seòl %p |
parent text | 1 |