[[3]]
[3] IASGAIREAN.
Tha e àraidh an toiseach beachdachadh air na nithibh a dh’fhéumar a thoirt fa’near ann an glacadh an éisg. Tha iomadh buannachd aig an t-sèol air am bheil na Dùidsich ’ga ghlacadh, a bhàrr air an t-sèol a ta ’ga ghnàthachadh leis na h-Iasgairibh Breatuinneach, aig nach ’eil ach a mhàin bàtaichean chum sin a dheanamh. Tha na Dùidsich a’ gnàthachadh shoithichean a ghiulaineas o thri fichead gu ceithir fichead tunna ’sa deich, agus orra sin tha cothram aig gach sgiobadh an sgadan aca a shailleadh air bàll air bòrd, mu’m bi e ach air éigin màrbh. Féudar a smuaineachadh gur e so is aobhar do’n fheabhas blas a gheibhear air an sgadan Dhùidseach, do bhrìgh gur mòr is misd e gach mionaid a dh’fhàgar e gu’n sailleadh an déigh a ghlacadh. Air aon dòigh gidheadh, tha na h-eithrichean againn fein a’ toirt barrachd air na soithichibh Dùidseach, do bhrìgh gu’m féud sinne lìonta ni’s grinne a ghnàthachadh annta. Do thaobh mèud nan soithichean Dùidseach féumaidh iad lìonta ni’s treasa, agus air an deanamh do shnàth no do àbhras ni’s gàirbhe, nithe nach ’eil co sealbhach chum an t-iasg a ghlacadh ri lìontaibh air an deanamh do àbhras ni’s caoile.
Cha’n ’eil dùil gu’m bi leithid nan soithichean Dùidseach gu coitchionn air an cleachdadh ’nar measg-ne, ach féudar a ràdh gu’m bheil e ’na nì ri mhìannachadh, gu’m biodh na h-eithrichean a ghnàthaichear le’r n-ìasgairibh fein co mòr ann am mèud ’sa dh’fhéudas a bhith, chum a bhi freagarrach air son ìomraimh ri fèith. N’am biodh bàtaichean air an deagh thogail, agus air an deagh uidheamachadh, eadar cuig tunna déug agus ochd tunna déug, ni’s cumanta na tha iad am measg ar n-ìasgairean, agus n’am biodh an còmhnuidh mar is lugha, seisear dhaoine agus gille mar sgiobadh orra sin, [[4]]
[4] cha bhiodh a luthad beatha air a càll, —
agus dh’
fhéudadh barrachd a bhi air a dheanamh le crùadal agus le strìth an aghaidh fhàirgean troma,
agus gaoith’
anradhaich, —
agus mar so,
dh’
fhéudadh mòran tuilleadh éisg a bhi air a ghlacadh.
Ach cha’
n e so a mhàin,
oir ged nach gabhadh an t-
ìasg a ghlacteadh gréidheadh,
féudaidh e bhi air bàll,
ann an leithid so a dh’
eirichibh,
mar a nithear le uiread do chothrom,
air na soithichibh Dùidseach;
gidheadh,
ghabhadh e gleidheadh ni b’
fhearr annta sin,
na bhiodh comusach a dheanamh ann an eithrichibh ni bu lugha.
Bu chòir an t-
eithear a bhi air a deagh uidheamachadh,
agus gu h-
iomchuidh air a tearradh,
agus an tearr a bhi gu maith air a tiormachadh mu’
n tig àm an ìasgaich.
Mar do chuireadh an tearr a’
m féum ach o cheann ghoirid,
truaillear le blas na tearra an t-
iasg a dh’
fhéudas suathadh rithe anns an eithear.
Tha’
n t-
iasg a ghlacar gu tràth,
mar a’
s trice gu h-
éutrom air a shailleadh,
agus air a ghreasadh chum a’
mhargaidh chum lùach mòr fhaotuinn air a shon,
mar bheathachadh taitneach ùr; —
uime sin,
ma gheibhear blas,
no eadhon fàile na tearra do’
n phiceal,
no d’
on ìasg aig aon bharaille,
millear ainm na cuid eile air fad.
Tha e ’
na nì ro fhéumail gu’
m biodh na h-
eithrichean gu leír air an uidheamachadh le pìobaibh-
taosgaidh leis am féudar gach eithear éu-
dìonach a chumail tioram.
Cha’
n ’
eil ni sam bith ni’
s mìlltiche do’
n ìasg na bhi air uideal air ais agus air adhairt anns an tùim,
oir le so,
tha na lannan air an suathadh dheth,
agus tha e air a bhruthadh air sheòl is gu’
m bheil e a’
càll na cuid a’
s mò agus a’
s tàrbhaiche do’
n bhrìgh nàdurra aige,
agus tha e’
fàs bog,
sleamhuinn,
mi-
dhreachail,
agus neo-
bhlasda.
A thuilleadh air ’
a phìob-
thaosgaidh n’
an rachadh ùrlar fiodha a chur anns gach eithear,
le tùill co mòr ’
sa bheireadh comas do’
n uisge a thigeadh a stigh siòladh sios trompa,
cha’
n e mhain gu’
n co-
chuireadh e mòran ri seasgaireachd an sgioba,
ach chumadh e an t-
ìasg ann an staid ni’
s fearr,
gus an cuirteadh air tìr e.
Tha bùird-
rongach,
sparran-
coise,
agus clàran-
siubhail, ’
nan nithibh ro fhéumail ann an eithrichibh[[5]]
[5] chum an t-
ìasg a ghleidheadh tearuinte.
An uair a chuirear an t-
ìasg air tìr,
bu chòir gach bòrd fuasgailte ’
san eithear a thoirt aisde,
agus an taobh a stigh aice a nigheadh agus a ghlanadh gu cùramach.
Bu chòir so a dheanamh gach là rè àm’
an ìasgaich,
agus mar so,
tha’
n salachar ni’
s usa a thoirt air falbh,
agus tha’
n t-
eithear air a deanamh glan,
agus saor o gach sal agus droch fhàile,
mu’
n téid i dh’
ìonnsuidh na mara air gach turas fa leth.
Bu chòir àite goireasach a bhi air a dheanamh ann an toiseach gach eithir,
agus air a dhùnadh os a cheann,
far am féud an sgioba air amannaibh codal a dheanamh,
agus fasgadh ’
fhaotuinn.
Bu chòir còta agus triubhas cainbe,
air an deagh ùilleadh,
agus mar an céudna bòtan freagarrach a bhi aig gach fear; —
agus nam faigheadh gach ìasgair fa leth an comhdach-
cìnn sin,
ris an abrar Currachd-
tearnadh Dhunédin,
air son an d’
fhuair Mr.
Simpson,
a dhealbh e an toiseach,
litir-
còrach o’
n chrùn; —
agus maille ri so, ’
nam faigheadh gach ìasgair an t-
uidheam-
tearnaidh sin,
a ta nis air a dheasachadh air son Freiceadain a’
Chòrsa,
rachadh iomadh beatha a thearnadh,
a bhiodh a’
s éu’
gais sin,
air an càll.
On a dh’
fhéudas teine a bhi anns gach eithear anns am bheil mèudachd,
bhiodh e comusach do’
n sgioba am féumalachd fein do Choffidh a dheasachadh,
agus chitheadh iad le déuchainn a thoirt da,
gu’
m biodh sin mar dheoch,
ni bu taitniche,
ni b’
fhallaine,
agus ni bu tàrbhaiche gu mòr na deoch laidir sam bith,
agus gu’
m biodh e saor o gach droch bhuaidh ’
na lòrg.
Far am bheil càbhlaichean mòra a dh’ eithrichibh-iasgaich air an cruinneachadh, tha e ’na chleachdadh cumanta gu’n lean a’ chàbhlach air fad air an t-slighe a ghabhas a’ chéud eithear a théid dh’ìonnsuidh a’ chuain, agus gu’n toir iad a mach an t-aon ionad ìasgaich. Féudaidh so a bhi ’na shèol glic, ma fhuaireadh cìnnteachd roimh làimh gu’n robh meall éisg anns a’ cheart ionad sin, ach mur do thachair sin, bhiodh e mòran ni bu fhreagarraiche do na h-eithrichibh slighean fa leth a ghabhail, chum le sin, gu’m féud cuid dhiubh tuiteam air meall do’n ìasg, agus an uair a thachaireas sin, dh’fhéudadh eithrichean eile na càbhlaich dol maille riu, agus mar so dh’fhéudadh sealbh éisg a bhi orra uile. Ach a réir a’ chleachdaidh chumanta, mar faighear an t-iasg[[6]]
[6] leis a’
chéud eithear,
bithidh a’
chàbhlach air fad,
a réir coslais co-
ionann air am mealladh ’
nan dòchas.
Cha bu chòir do na h-
eithrichibh air dhòigh sam bith a bhi air an dòmhlachadh tuilleadh ’
s mòr,
ach a bhi aig astar freagarrach o chéile chum cothrom a thoirt dhoibh fa leth,
an lìontan a chur,
gu’
n a bhi air an ribeadh,
agus air am prabadh feadh a’
chéile.
Bu chòir do lìon math,
diòngalta,
a bhi deich agus dà fhichead slat ann am fad air an drùim,
agus ceithir slata déug ann an doimhneachd.
Bu chòir do shea thar fhichead do na lìontaibh sin,
a bhi anns gach sreath iomchuidh agus ceart,
agus a bhi an crochadh o’
n drùim an déigh a’
chéile;
agus mar sin,
a’
deanamh suas gu léir ochd mìle déug agus dà chéud (
18,
200)
slat ceithir-
chearnach,
agus a’
ruigheachd astair thri chéud déug slat (
1300)
a mach air a’
chuan.
Bu chòir do’
n tobha-
cìnn a bhi mu shea fichead slat ann am fad,
air chor is gu’
m bi esan agus na lìonta air ceann a’
chéile,
a’
ruigheachd air ceithir chéud déug agus fichead slat mara; ’
se sin,
mu’
n choigeamh earrann ni’
s lugha na mìle astair.
Bu chòir do na lìontaibh sin a bhi gu ceart air an cairteadh.
Ma nithear sin leis a’
chungaidh ris an abrar Catechu,
no Terra Japonica,
gheibhear e mòran ni’
s fearr na cairt an daraich;
ach féumar an aire a thoirt ’
n àm a bhi ’
gan cairteadh le so,
nach fhaigh iad barrachd ’
sa chòir dheth;
oir le sin,
féudaidh na mogulan a bhi air an crupadh,
agus air an crùadhachadh tuilleadh’
s mòr.
Tha’
n ìnnleachd aig an Ridir Uilleam Burnet air a faotuinn ro fhreagarrach mar an céudna chum na lìontan a thearnadh.
Agus ni’
s fhaide,
an àm a bhi’
labhairt air na lìontaibh,
tha e féumail gu’
m biodh fios aig na h-
ìasgairibh gu’
n do dhealbh Maighstirean Iamieson aig Cìllbirnie,
agus Maighstir Paterson aig Musselburgh seòrsa àbhrais,
no snàth air a thoinneamh gu caol air son lìontan,
a ta co-
ionann làidir ris an t-
seòrsa chumanta,
gu’
n a bhi idir co furasd faicinn leis an iasg anns an uisge.
Le déuchainnibh a thugadh le òrdugh a’
Bhùird,
fhuaireadh a mach gu’
m bheil an seòrsa ùr so,
mòran ni’
s sealbhaiche no na lìonta cumanta.
Air do na lìontaibh a bhi gu cùramach agus gu riàghailteach air am filleadh suas anns an eithear, bu chòir an cùram agus an riàghailt chéudna a bhi air an gnàthachadh aig àit an ìasgaich, le bhi ’gan tilgeadh a’ chuid agus a’ chuid a mach; agus an sin, luidhidh an t-eithear le gréim aice orra. Air do na lìontaibh a bhi co fad anns an uisge, [[7]]
[7] ’s gu’m féud dùil a bhi ri ìasg fhaotuinn anns na mogulaibh,
is còir a bhi ’
gam féuchainn a nis agus a rìs,
le bhi ’
gan tarruing beagan a stigh,
air chor,
is mar faicear coslas sgadain annta,
gu’
m féudar an toirt gu buileach a stigh,
agus déuchainn a thoirt do àit eile.
Ach an uair a chithear gu’
m bheil sgadan anns na mogulaibh,
féumar na lìonta a tharruing a stigh le cùram agus gu’
n chabhaig sam bith.
Ach a nis, tha’ chuid a’s cudthromaiche gu mòr do’n gnothuch air teachd, d’am féum na h-ìasgairean cùram ro àraidh a ghabhail; oir mar dean iad sin, féudaidh luach an éisg, an déigh sin, a bhi gu ro mhòr air a mhilleadh. Bu chòir do’n ìasg a bhi gu léir air a chrathadh le cùram as gach earrainn fa leth do’n lìon, ’n àm a bhi ’ga thoirt a stigh do’n eithear. Mur deanar so, tha’n sgadan buailteach do bhi air a ghrad-lùasgadh a nùll is a nàll, leis gach spìonadh a bheirear air na lìontaibh anns an eithear; agus mar so, tha na lannan air an suathadh dheth, agus tha e air a bhruthadh, air a réubadh, agus air a bhriseadh. Tha e an sin, a’ fàs bog, sleamhuinn, agus ann an cuid, malcte, air chor is gu’m bheil e, eadhon mu’n gréidhear e, air a mhilleadh ann an tomhas mòr, air son a’ mhàrgaidh. Ach, an uair a chrathar an sgadan air bàll as an lìon, air an t-sèol a dh’ ainmicheadh, air dà a bhi bèo aig an àm, tuitidh e gu soirbh as na mogulaibh, chum ùrlar a’ bhàta, far am bi e ann an staid bhrìagh, agus thearuinte, —agus far am fan e gu’n dochunn, gu’n dolaidh, agus gu’n lànn a chàll, gus an ruigear tìr, agus an sin, cuirear air bàll gu cùramach a mach e. Chum cùram a ghabhail do’n ghnothuch chudthromach so, bu chòir do’n luchd-gréidhidh, ann an còrdadh ris na h-ìasgairibh, riàghailt a dheanamh, gu’n rachadh prìs an sgadain sin uile, a bheireadh iad gu tìr anns na lìontaibh a lughdachadh, agus cha bu chòir doibh bàigh sam bith a dheanamh a thaobh na riàghailte so, ach a mhàin an uair nach comas do na h-ìasgairibh, le h-anradh cuain, an sgadan a chrathadh as na lìontaibh. Tha e ro iomchuidh gu’n gabhadh araon na h-iasgairean, agus an luchd-gréidhidh, mòr chùram do na nithibh so, do bhrìgh gu’m bheil iad tuilleadh’s tric a’ dearmad an sgadan a chrathadh as na lìontaibh, an uair a bheirear a stigh iad, [[8]]
[8] dh’aindeoin gach strìth a rinneadh le Bòrd na h-
Iasgaireachd chum an seòl freagarrach a ghnàthachadh.
Thug am Bòrd àithne seachad co fad air ais ris an dara là fichead do mhiòs meadhoin an t-
sàmhraidh 1816,
agus sparradh an sin air na h-
oifigich iad a dheanamh gach ni ’
nan comas,
chum géill a thoirt do’
n chleachdadh chudthromach so;
ach a dh’
aindeoin uile dhìchill ’
nan oifigeach,
tha’
n gnothuch fathast gu ro mhòr air a dhearmad.
Air do’
n chùis a bhi air a deanamh soilleir do’
n luchd-
gréidhidh,
gu’
m bheil an seòl air an ath-
leasuichear am mearachd so ’
nan làmhaibh fein,
féudar a bhi an dòchas,
gu’
n cuir iad car dhiubh fein gu h-
ealamh a nis,
chum an cleachdadh sin a chur air cùl,
trìd an robh an sgadan ’
ga thoirt air tìr anns na lìontaibh,
agus trìd an robh e air a mhilleadh,
mu’
n do thòisicheadh idir air a shailleadh.
Tha nì eile ann a bhiodh ro fhéumail,
mar an céudna,
n’
am biodh ìnnleachd air a ghnàthachadh,
agus is e sin,
air bàll an déigh do’
n sgadan a bhi air a chrathadh as na lìontaibh,
n’
am biodh an t-
astar a ta eadar an crànn-
mòr agus a’
phiob-
thaosgaidh,
air a chòmhdachadh le mìr do sheann sèol air a ghearradh ann am mèud freagarrach air son an àite,
agus air a cheangal gu daingean air béul a’
bhàta air gach taobh,
chum nach biodh e ann an rathad nan ràmh no nan sèol,
chumadh e an t-
aìsg gu’
n chunnart millidh le teas na gréin;
agus nan rachadh crànn-
sgòid,
no slat sam bith eile a chur fodha,
bhiodh an t-
iasg le sin air a dhìonadh o’
n uisge agus o’
n t-
sàl,
gus am biodh e deas gu thoirt seachad.
Cha’
n e mhàin gu’
m biodh an t-
ìasg air a ghleidheadh ann an deagh òrdugh le bhi faicilleach a thaobh nan nithe so,
gus an tòisicheadh an sailleadh,
ach bhiodh e chum buannachd do’
n sgioba fein,
do bhrìgh gu’
n caomhnadh e mòran ùine agus saoithreach dhoibh,
an uair a bheireadh iad an tìr a mach.
Mar so,
dh’
fhéudadh an sgioba an tràigh a ruigheachd aig sea uairean ’
sa mhaduinn le tachdar mòr éisg,
agus air do na lìontaibh a bhi roimh làimh’
air an crathadh,
agus do’
n ìasg a bhi deas gu chur a mach,
dh’
fhéudadh iad fein dol air tìr,
agus an lìontan a sgaoileadh a mach,
no an crochadh air na crannaibh-
tiormachaidh.
Air an dòigh so,
bhiodh an t-
ìasg air a thoirt seachad leò,
an cumantas,
roimh dheich uairean do’
n là;
bhiodh iad an déigh iad fein a ghlanadh,
[[9]]
[9] agus am bìadh a ghabhail;
agus dh’
fhéudadh iad,
an sin,
an leabadh a thoirt orra,
agus ceithir no cuig uairean codail a dheanamh.
An uair a dh’
éireadh iad,
bhiodh pailteas ùine aca,
chum an lìontan a chàradh,
agus a ghìulan dh’
ìonnsuidh a’
bhàta,
chum a bhi deas air son an ìasgaich.
Mar so bhiodh iad neartmhor,
beothail,
agus sunntach chum an gnothuch fein a dheanamh gu ceart.
Ach air an làimh eile,
tha ’
chùis calg-
dhìreach an aghaidh sin,
a thaobh nan ìasgairean nach do chrath an t-
ìasg as na lìontaibh ’
n àm a bhi ’
gan tarruing a stigh.
Tha so uile aca ri dheanamh an uair a ruigeas iad tìr,
agus tha e mòran ni’
s dorra an sin;
oir,
air uairibh tha e co éu-
comusach na lìn a tharruing a mach an uair a bhios cudthrom an éisg os an ceann,
is gu’
m féum an sgadan a bhios an uachdar a bhi air a thilgeadh le sluasaid chum àit’
eile do’
n bhàt,
no a bhi air a chur gu tìr,
mu’
m faighear na lìontan a thoirt a mach.
Is soirbh a thuigsinn ciod am milleadh a ni so uile air an ìasg,
gu h àraidh ri teas an t-
sàmhraidh.
Ach do thaobh nan nithe so uile,
cha’
n iad na h-
ìasgairean fein a’
s fearr a bhios dheth.
Tha’
chuid a’
s mò do’
n là air dol thairis mu’
n toirear an t-
iasg seachad,
agus mu’
n sgaoilear na lìontan uile a mach,
no mu’
n crochar suas iad chum tiormachaidh,
air chor is mu’
m faigh na h-
ìasgairean dhachaidh,
agus iad fein a ghlanadh agus am biàdh a ghabhail,
nach d’
fhàgadh ùine dhoibh chum dol gu codal,
chum na lìontan aca a chàradh,
agus chum iad fein a dheasachadh air gach seòl freagarrach,
air son ìasgaich na h-
oidhche sin.
Air son nan àobhar so,
bithidh e,
mar a’
s tric,
co anmoch mu’
n ruig a leithid so do sgioba ionad an ìasgaich,
is nach bi e furasd doibh àite rèidh fhaotuinn,
anns an tilg iad na lìonta aca;
agus an uair a gheibh iad sin,
cha luaithe a chuirear na lìn a mach,
na thig codal air na daoinibh;
agus mar tachair sin,
bithidh iad co sàruichte a’
s éug’
ais foise,
is nach bi tapachd aca chum na lìontan a tharruing,
gu deúchainn a thoirt do àit eile ni’
s fregarraiche,
agus mar so,
pillidh iad am bichiontas gu tír,
air am mealladh ’
nan dòchas.
An uair a chuirear an sgadan gu tìr as a’ bhàta, bu chòir a thomhas le tomhas laghail a Chràinn, agus gu’n a bhi idir air ’àireamh, ni’s lugha na bhios an àireamh a ghlacar tuilleadh’s beag chum tomhas a’ Chràinn a lìonadh. Tha e chum buannachd araon do na h-ìasgairibh, agus do’n luchd-gréidhidh tomhas a’ Chràinn a ghnàthachadh, do bhrígh gur e sin an sèol tomhais a’s fìrinniche agus a’s freagarriache[[10]]
[10] araon do’
n fhear-
ceannachaidh agus do’
n fhear-
reicidh.
Bu chòir do na h-
uile,
uime sin,
àontachadh le chéile,
chum an cleachdadh sin a ta ’
g àireamh an éisg a chur air cùl,
do bhrìgh gur e an lagh,
nach còir ni sam bith a ghnàthachadh ach tomhas a’
Chràinn,
air a chomharrachadh le iarunn Bùird na h-
Iasgaireachd.