LUCHD-GRÉIDHIDH.
Mu tha an toil aig an luchd-gréidhidh bu chòir a bhi aca, chum a thoirt orrasan a ta ’g ìasgach air an son, an sgadan a làimhseachadh gu cùramach o’n àm anns an glacar e, gus an toirear seachad e, bu chòir doibh an dìchioll a dheanamh chum deagh eiseimpleir a chur rompa, le bhi faiceallach gu’n deanar gach ni gu pòngail agus gu dligheach air an taobh fein. Mu dh’fhàgas iad an sgadan, an deigh ’fhaotuinn, anns na soithichibh-gréidhidh, rùisgte ris a’ ghréin agus an uisge, cha’n ’eil e coslach gu’m bi a bheag do chumhachd aca chum ìmpidh a chur air na h-ìasgairibh an sgadan a chrathadh as na lìontaibh ’n àm a bhi ’g an tarruing, no a bhi faiceallach air sheòl sam bith mu thearuinteachd an éisg, do bhrìgh gu’m biodh gach cùram mar sin gu’n fhéum, n’am biodh am fear-gréidhidh dearmadach mu’n sgadan an déigh ’fhaotuinn. Is e gnothuch an fhir-gréidhidh, uime sin, a bhi faiceallach gu’m bi na soithichean, no na ballain-cumail air an còmhdachadh gu cùramach le brataibh-dùbhraidh, agus mar an céudna, gu’m bi na baraillean, an déigh an lìonadh, gu freagarrach air an còmhdachadh, agus air an dìonadh o’n ghréin agus o’n uisge. Tha mòran aig an aire a bheirear do na h-earailibh so r’a dheanamh, a thaobh deagh-àinm’, no droch-ainm’ an sgadain a ghréidhear ann am Breatunn, oir ma dhearmadar iad, bithidh an t-ìasg, a réir coslais, air mhodh do-leigheas air a thruailleadh. Mar a’s luàithe a chuirear salann air an sgadan, is ann a’s fearr an gnothuch, do bhrìgh gu’n daingnich e na lannan, ni a ta ro chudthromach air son seallaidh an éisg an deigh laìmh. Chum na crìche so, bu chòir salann a chrathadh thairis air, an uair a thaomar e, a chuid is a chuid a’ soitheach-tomhais a’ Chrainn anns an t-soitheach-cutaidh. Bu chòir do’n sgadan a bhi an còmhnuidh air a chutadh, [[11]]
title | 3 |
internal date | 1846.0 |
display date | 1846 |
publication date | 1846 |
level | |
reference template | Seòl %p |
parent text | 1 |