LUCHD-CUTAIDH.
Bu chòir tòiseachadh air an sgadan a chutadh agus a phacadh air bàll an déigh do’n chéud chrann a bhi air a thoirt seachad; ach tha’n cleachdadh so tuilleadh’s mòr air a dhearmad, gu h-àraidh air na làithibh anns nach do ghlacadh ach beagan, no an uair nach ceaduich an sèol-mara, an t-ìasg a bhi air a thoirt gu rìaghailteach seachad. Ged a tha na h-uiread do’n luchd-cutaidh a làthair, gidheadh, cha tòisich iad, gus am faighear uiread do’n ìasg is a bheir obair chunbhalach dhoibh air fad. Mar so, tha moille gu’n fhéum a’ tachairt, agus air do’n ìasg a bhi air a leagadh ris, tha e an cunnart a bhi air a mhilleadh. Dh’ fhéudadh cùisean a bhi air shèol eile, agus a’ bhuidheann air fad a bhi air an rìarachadh, le roinn chothromach a dheanamh eatorra fein uile, do’n duàis a gheibhear air làithibh mar sin, air son àireimh nam baraillean gu léir, a chaidh a chutadh agus a phacadh. Tha e ro fhéumail a bhi faiceallach gu’n cuirear an sgadan do gach gnè air leth, ’se sin, gu’n roinnear e ’na Sgadan glan, na Sgadan salach, agus na Sgadan ruithte; agus bu chòir sin a dheanamh ’n àm a bhi ’ga chutadh, le soithichibh no le cléibh a bhi deiseil air son gach seòrsa fa leth. Chum nach tuitear ann am mearachd an déigh làimh, bu chòir do na baraillibh anns am bheil gach seòrsa éisg air a shailleadh fa leth, a bhi air an losgadh air bàll le ìarunn-comharaidh, leis na litrichibh G— —, S— —, R— —, mar chomharaibh aithghear air Glan, —Salach, —agus Ruithte. Bu chòir doibh-san a ta mar so, a’ làimhseachadh an éisg a bhi ro chùramach gu’n cùm iad an sgadan sin uile air leth, a chàill na cìnn, co math ris an sgadan a bhriseadh, a bhruthadh, no a réubadh ’sa bhròinn, chum gu’n saillear e ann an àit leis fein.
Tha droch cutadh, agus réubadh an éisg as a’ chéile, gu tric a’ tachairt ma bhitheas na sgeinean màol. Chum so ath-leasachadh, bu chòir na sgeinean-cutaidh a bhi air an cur uile cuideachd, agus a bhi air an toirt[[12]]
Féumar, cha’n e mhàin am mionach a thoirt as an ìasg, ach mar an céudna an grùan, a’ ghoile, agus na gìurain. Air do na gìuranaibh a bhi làn fola, tha fios, mar toirear air falbh iad, gu’m malc iad an t-ìasg ann an ùine ghoirid an déigh dha a bhi air a ghlacadh. Bu chòir do ghearradh na sgeine a bhi air a dheanamh a stigh dh’ìonnsuidh a’ chnaimh-droma, chum cead a thoirt do’n fhuil ruith gu sàor a’ mòr-chuisle an éisg, ni a ta ro fhéumail chum an t-ìasg a ghleidheadh tearuinte an déigh làimh.
Chum an seòl Dùidseach air cutadh an sgadain a thuigsinn, féumar a thoirt fa’near gu’m bheil an sgadan air a chumail ann an glaic na làimh chlì le ’bhròinn an ùachdar. Is còir do’n cheann agus do na gùaillibh a bhi’ dol mu’n cuairt do dh’òirleach a mach air a’ choraig agus an òrdaig. Glacar an sin, an sgìan-chutaidh anns an làimh dheas, agus biodh gréim aig a’ choraig agus an òrdaig air a duilleig mar òirleach do’n ròinn. An sin, sàthar an sgian ann an sgòrnan an éisg, air taobh na làimhe deise, gus an ruig i an cnàimh-droma, [[13]]
title | 4 |
internal date | 1846.0 |
display date | 1846 |
publication date | 1846 |
level | |
reference template | Seòl %p |
parent text | 1 |