[[16]]
[16]

NA CÙBAIREAN.

Se dleasnas achùbair a bhi faicilleach gu bheil a bharaillean gu léir air an deanamh gu ceart, agus gu bheil iad don mhèudachd laghail. Tha e anabarrach féumail gum faigheadh e mach am bheil iad dìonach nis leoir chum achéud phiceal a ghleidheadh, do bhrìgh mu chailleas iad e, nacheil ìnnleachd air ath-leasachadh a dheanamh air son an dòigh air am millear an t-ìasg. Bu chòir do na baraillibh a bhi air an deanamh a dhfhiodh air a dheagh chaoineachadh, agus bu chòir aire a thoirt gun deanar dìonach iad aig an eàrr, agus eadar na clàran, leis an luibh-uisge sin ris an abrar an gàll-sheilisdeir, no an luachair-mhòr, a chum gun gléidhear achéud phiceal, ge be ciod a thachaireas. Aig àm an t-saillidh, bu chòir don chùbair, [[17]]


[17] mar a chéud obair anns amhaduinn, sùil a thoirt air gach baraill a shailleadh air an roimhe sin, a dhfhéuchainn an do chàill aon air bith dhiubh am piceal, air chor is ma chàill, gun deanar suas a rìs e le salann agus piceal. Tha ena chleachdadh cumanta, a bhi taomadh picil a rìssa rìs, anns na baraillibh a shailleadh air an roimhe sin, agus a chàill am piceal, gun saothair sam bith a ghabhail an toiseach chum an deanamh dìonach. An sin gabhar sgadan nam baraillean sin a ta mar so air tiormachadh, chum baraillean eile a lìonadh suas, a ta dìonach agus air an deagh shailleadh. Cha bu chòir so a bhi idir air a cheadachadh, do bhrìgh, an uair a mhasgar an droch sgadan tioram sin, air feadh nan deagh sgadan a ta anns na baraillibh eile, gum millear a réir coslais, an t-ìasg air fad.

Mar a dhainmicheadh a cheana, bu chòir don chùbair a bhios a lathair, a bhi faicilleach gum faigh an luchd-cutaidh sgeinean géura gach maduinn. Féumaidh e a bhi cùramach gun crathar salann am measg an sgadainn àm a bhiga thaomadh anns na soithichibh-cutaidh. Bu chòir da a bhi furachair gun dean an luchd-cutaidh an obair fein gu ceart, agus aire a thoirt gum bi an sgadan air a roinnna sheòrsaibh a réir a ghnè, agus gun cuirear air leth esan uile a bhriseadh agus a mhilleadh; agus an sin, gun cuirear gu ro mhaith air feadh a chéile e, anns an dabhaich-mhasgaidh. Féumaidh e, an sin, a bhi cìnnteach gum bi gach baraill air a dheagh bhogachadh le h-uisge, agus gum bi na cearcaill air an cur gu freagarrach, mun toirear iad don luchd-saillidh. Bu chòir da, mar an ceúdna, sùil a chumail air an luchd-saillidh, a dhfhaicinn gum bi na breathan sgadain air an leagadh, agus air an sailleadh gu rìaghailteach, agus gun cuirear còmhdach air gach baraill air bàll, an déigh dha bhi air a lìonadh suas. Bu chòir don chùbair àinm an fhir-saillidh a sgrìobhadh le cailc-dheirg, no le gùal-dubh, air màs, no air taobh gach baraille, an uair a bheirear seachad e, agus mar an céudna, an air an do shailleadh e, agus na litrichean G— —, S— —, no R— —, mar chomharadh co aca is e sgadan glan, salach, no ruithte, a ta anns gach baraill fa leth. Far am bheil an rìaghailt ghasda so air a cleachdadh, gheibhear gum bi ina bacadh air droch thaghadh air an iasg, [[18]]


[18] agus mar an céudna air droch chutadh, agus air sailleadh neo-rìaghailteach. Leis an rìaghailt so, cha chuirear gach seòrsa fa leth don sgadan air feadh achéile, an uair a bheirear na cìnn as na baraillibh, chum an deanamh suas, no chum an ath-lìonadh.

An uair a thugadh cead sìolaidh don sgadan aoin, dhà, no achuid as faide thri làithean, bu chòir na baraillean a lìonadh suas le sgadan a ghlacadh agus a shailleadh aig an aon àm, agus don aon seòrsa ris an sgadan a ta anns na baraillibh a cheana, agus bu chòir an aire a thoirt nach dòirtear a bheag don phiceal, agus nach deanar mòran bruthaidh air an ìasg. Bu chòir an sin, na cìnn a chur anns na baraillibh, an teannachadh anns na cearcallaibh, agus an cuirnan luidh air an taobh. Rachadh so a dheanamh an còmhnuidh fo chòmhdach, chum an dìonadh o ghathaibh na grèin, a ta ro mhillteach don iasg. Tha e freagarrach an sin, leth char a chur diùbh, gach dàrna agus treas , gus an ath-lìonar iad. Bu chòir na baraillean ath-lìonadh air an taobh a stigh do chuig déug on àmsan do ghlacadh an sgadan; agus na biodh e air a dheanamh nis luaithe non uine sin, mus miànn leis an fhear-gréidhidh comharadh dligheach Bùird na h-Iasgaireachd Bhreatuinnich fhaotuinn aig àm an ath-lìonaidh. An uair a bhios nis leòir don phiceal air a tharruing deth, bu chòir glacaid salainn a chrathadh ceithir thimchioll abharaill air an taobh a stigh, ’se sin ma chithear féum air; agus bu chòir an sgadan a dhlùthadh gu teann ris na clàraibh, agus am baraill a dheanamh suas le sgadan don aon seòrsa agus sailleadh, gus am bi e air a dheagh lìonadh. Air do so a bhi air a dheanamh, féumaidh am baraill a bhi air a dhùnadh, air a dhìonachadh, air a theannachadh, air a shéideadh suas, agus air a chomharrachadh air an taobh le comharraibh aghréidhidh. Féudar an sin, am piceal a thaomadh a stigh, agus am baraill fadheoidh a dhùnadh suas gu h-ìomlan.

title6
internal date1846.0
display date1846
publication date1846
level
reference template

Seòl %p

parent text1
<< please select a word
<< please select a page