ATH-SHAILLEADH AN SGADAIN.
Féumaidh gach uile sgadan a bhi air ’ath-shailleadh, chum gu’n gléidh e ann an dùchannaibh teth, agus chum gu’m féudar a chur as an Roinn-Eòrpa[[19]]
Tha sgadan ann nach ’eil idir air ’ath-shailleadh air an dòigh so. Cha’n ath-shaillear e, an uair a chuirear air luing e, goirid an déigh dha a bhi air a ghlacadh, agus air a shailleadh, chum a bhi air thoiseach anns a’ mhàrgadh, chum grad fhéum a dheanamh dheth, agus chum luach mòr fhaotuinn air a shon. An uair a tha baraillean sgadain gu’n a bhi air an ath-lìonadh, air an sailleadh air soithichibh iàsgaich, no air an cur air bòrd gu bhi air an giùlan dh’ ìonnsuidh àitean eile, tha iad ealamh air am piceal a chàll, mar bi na breithean ìochdarach air an socrachadh gu cùramach ann an grùnnd na luinge; agus mar bi na baraillean air an teannachadh agus air an deagh dhàingneachadh le cearcallaibh. Mu dh’ fhàgar fad anns an staid sin iad, gheibhear iad, ’n àm a bhi ’gan cur gu tìr, air an trùailleadh, agus a’ fàs buidhe. Cha tachair so, gidheadh, mu bheirear faiceall a thaobh nan nithe so; [[20]]
Bu chòir cùbair a bhi do ghnàth a’ frithealadh air gach soitheach, ’n àm a bhi ’cur an sgadain air bòrd, chum gach cearcall no eàrr briste a chàradh; chum gach dochunn eile a dheanamh suas a dh’ fhéudadh na baraillean fhaotuinn, le bhi ’gan giùlan air chairtibh; agus chum na cearcaill-eàrra a thàirneadh, mar d’ rinneadh sin roimh làimh. Bu chòir toirt air gach sgiobair soithich na baraillean a thogail gu bòrd le bùill chòrcaich a cheangal umpa, agus cha’n ann le cromagaibh-gramachaidh, [[21]]
Tha feabhas an sgadain a ghréidhear leis na Dùidsich, gu h-àraidh ag éiridh, o bhi ’toirt géill air mhodh ro chùramach do na rìaghailtibh sin air fad, air an tugadh ìomradh anns an leabhar bheag so; agus mar an céudna ann an tomhas mòr, o bhi ’ga shailleadh a mhàin le salann Lisboin no St. Ube, ann an clàraibh daraich; an uair a ta an sgadan againne, air an làimh eile, air a shailleadh le salann Liverpool, agus air a dheanamh suas ann an clàraibh beithe, no feàrna.
Air da a bhi ’na ni ro ìomchuidh, agus chum mòr bhuannachd do na h-ìasgairibh, agus do gach cuideachd aig am bheil gnothuch ri ìasgach an sgadain, cùl a chur ri cleachdadh a bhi ’glacadh Sìl an sgadain, no a’ mheanbh-sgadain; bu chòir do gach ìasgair fhaicinn ’na dhleas’nas dha fein, còmhnadh a dheanamh le Bòrd na h-Iasgaireachd Bhreatuinnich, chum so a dheanamh. Tha’n cleachdadh mìllteach so air a leantuinn fo’n leisgeul, a bhi ’glacadh an éisg ris an abrar an Gearr-sgadan. Tha e, air an aobhar sin, ’na ni cudthromach, gu’m biodh na comharan eadar-dhealachaidh a ta eadar Sìol an sgadain, agus an Gearr-sgadan, air an deanamh co aithnichte is gu’m bi fios cìnnteach aig na h-uile mu’n timchioll. Thugadh cunntas air na comharaibh sin, leis an duine fhòghluimte Mr. Séumas Wilson ann an Woodville, ann an litir a chuir e dh’ ìonnsuidh Rùn-chléirich a’ Bhùird, as an tugadh na nithe a leanas.
I. Aite. Is e a’ chéud chomhar air an ìarrainn beachd a ghabhail, aon a tha co furasd aithneachadh, an dà chuid le faireachadh nam mèur, agus le sealladh nan sùl, is gu’m biodh e ’na ni soirbh an dà ghnè éisg sin a chur air leth eadhon anns an dòrchadas, ged bhiodh iad air am masgadh a’m measg a chéile ann an aon tòrr. Is e an comhar a ta agam ’san amharc, an fhoir bhiorach no stobach, a gheibhear air iomall ìochdarach a’ Ghearr-sgadain, gu h-inbh bhig rè na slighe eadar an sgòrnan agus an t-earbull. Is gànn a mhothuichear an comhar so idir anns an fhìor sgadan. Mothuichear e ann an tomhas beag ann an sìol an sgadain, ach cha’n fhad a mhaireas e. Ach anns a’ Ghearr-sgadan, air an làimhe eile, chithear an comhar so an còmhnuidh; oir fàsaidh e le ’fhàs, agus gheibhear[[22]]
II. Aite. Tha sùil an Sgadain ann an coimeas ni’s modha ann am mèud na sùil a’ Ghearr-sgadain, air chor is ma chuirear meanbh-sgadan ri taobh Gearr-sgadain ni’s modha na e fein, chithear gu’m bi an t-sùil aige ni’s mòdha na sùil a’ Ghearr-sgadain; agus ma bhios na h-ìasgan iad fein co-ionann ann am mèud, chithear an sin barrachd atharrachaidh ann am mèud nan sùl aca.
III. Aite. Cha’n ’eil an treas comhar co soilleir ris an dithis a dh’ àinmicheadh, gus an gabhar fior bheachd air, ach tha e ceart co cudthromach, air dha a bhi co-ionann seasmhach mar chomhar eadar-dhealachaidh. Ma bheachdaichear air suidheachadh na h-ite-dhroma aig an sgadan, agus ma tharruingear sgrìoch dìreach tarsuing air an ìasg, o’n fhoir a’s fhaide air thoiseach do’n ite-dhroma dh’ ìonnsuidh a’ bhléin, (mar anns na dealbhaibh a leanas) chithear gu’n tuit an sgrìoch sin an còmhnuidh air thoiseach air an ite-bhléin. Ach ma nithear sgrìoch air an dòigh chéudna, o’n fhoir a’s fhaide air thoiseach do’n ite-dhroma aig a’ Ghearr-sgadan, tuitidh an sgrioch sin, an còmhnuidh air dheireadh air an ite-bhléin.
IV. Aite. Tha’n ceathramh comhar ag éiridh o’n chomhar a dh’ ainmicheadh mu dheireadh. Tha astar ni’s giorra, agus tha na sgrìochan dealachaidh ni’s lugha ann an àireamh anns a’ Ghearr-sgadan, eadar an ite-bhroillich agus an ite-bhléin, na tha iad anns an fhìor Sgadan, air chor is gu’m bheil leth-toisich a’ Ghearr-sgadain ni’s giorra.
V. Aite. Tha na h-earrainnean-dealachaidh a gheibhear air a’ bhlìan eadar an ite-bhroillich agus an ite-bhléin ni’s modha ann am mèud, agus ni’s lugha ann an àireamh anns a’ Ghearr-sgadan na anns an fhior Sgadan, oir cha’n ’eil ach mu chuig déug do na h-earrannaibh sin anns a’ Ghearr-sgadan, an uair a tha mu fhichead anns an fhior Sgadan. A réir a’ chomhair so[[23]]
Ghabh daoine fòghluimte beachd air iomadh comhar beag eadar-dhealachaidh eile, eadar an dà ghnè éisg so; ach tha mi a’ meas gu’m foghainn na dh’ ainmicheadh, air son a’ chuspair a ta ’san amharc; ’se sin, gu’m féud an t-atharrachadh a ta eadar an Gearr-sgadan agus am fior Sgadan, a bhi air fhaotuinn a mach gu furasd agus gu cìnnteach leo-san uile leis am mìann sin a dheanamh. Chuir mi sios an so dealbh a’ Ghearr-sgadain, agus mar an céudna dealbh an t-Sìl sgadain, chum na cuig comharan sin a nochdadh, air an d’rinneadh iomradh a cheana.
Air ìarrtas na Cuideachd Urramaich. TOMAS DIC LAUDER. Rùn-chléireach Bùird na h-Iasgaireachd Bhreatuinnich.
AN TIGH-SUIDHEACHADH RIÒGHAIL. 26mh Mios meadhoin an t-Sámhraidh, 1845.
Gearr-Sgadan.
Ite-dhroma.
Ite-bhroillich.
Ite-bhléin.
Sìol-Sgadain.
Ite-bhroillich.
Ite-bhléin.
title | 7 |
internal date | 1846.0 |
display date | 1846 |
publication date | 1846 |
level | |
reference template | Seòl %p |
parent text | 1 |