EACHDRAIDH A’ PHRIONNSA, NO BLIADHNA THEARLAICH.
CAIBIDIL I.
STAID NAN GAEL AGUS NA GAELDACHD ROI’ BHLIADHNA THEARLAICH.
MU’N cheart àm anns an tainig am Prionnsa do dh’ Albainn bha na Gàëil gu ìre bhig na’n gnàths mar na prìomh aithrichean; gach fine nan treubhan air leth; agus gach ceann-cinnidh mar rìgh a riaghladh thar a luchd-leanmhuinn féin. Bha iad a’ beathathadh, mar bu tric, air sealg, agus fiadhach nam beann, tacar na fàirge, bliochd, agus buannachd eile na spréidhe maille ri beagan arain, oir cha robh am buntàta mu’n àm sin air sgaoileadh nam measg. Bha iad a’ cur seachad a chuid bu mhò dheth an ùin’ ri fearra-ghniomhan fearail agus àbhachdail, a togail chreach agus a’ leantainn na tòire, agus ri caonnagan fuilteach eile. Air an aobhar sin
Cha robh na Gàëil ma Bhliadhna Thearlaich cho mi-thùrail ’sa bha luchd-àitichidh na machrach, (no mar their sinn na Goill,) a cur as an leth: bha iadsan an dùil nach robh annta ach daoine sìmplidh neo gheur-chùiseach, laidir, ain-eolach, gun aon ghnàths math. Air an làimh eile bha na Gàĕil ag amharc le dì-meas nach bu lugha air na machraich. Creutairean dìblidh gun mhisneach, gu’n fhulang fuachda no teas, acras no padhadh, neo-chomasach air an cuid a thoirt a cruadal air muir, no air tìr. Bha gach seòrsa cèairde, mar an ceudna, air am meas suarach leis na Gàĕil, air sgàth nan Gall on deach an ealdhain ionnsachadh; ach bha iad so do gnà ann am miadh, mar thuirt a mhaighdean. “Cha b’e’ n ceard a dheanadh an spàin mo roghainn de dh’ fhearaibh, ach an saor a chumadh agus a dh’ fhuaigheadh am bàt, an clachair a thogadh an tùr agus an gobha a liobhadh an claidheamh:” Uime sin cha robh tailear, greusaich, no breabadair ach àineamh r’a faotainn ann am measg nan Gàĕl ach cioramaich agus daoine bacach: agus cha’n fhaoidte duine dhe an luchd-cèirde sin a luaidh am measg mhaithean no uaislean, gun a chùis a “chuir an cead na bhiodh sa’n làthair” —ann am briathran mar so:— “Tailear le’r cead, —Breabadair le cead na ciudeachd.” Bha cùirm uair aig Ailean Mac
Bha na Gàĕil anns gach linn nan gaisgeich chruadalach, bhuan-leantalach, neo-ghealtach, ri uchd gàbhaidh; agus is iomadaidh cumasg fhuileachdach anns an tug iad buaidh, an uair a bhiodh triùir nàimhdean ma choinneamh gach aoin diù. Nì mi ann an so na blàir ma dheireadh, anns na dhearbh iad an diùghlanas agus an gaisge roi Bhliadhna Thearlaich, a chuir sios mas téid mi ni’s faid’ air m’ aghaidh le Eachdraidh a mhòrachd, a thaobh gur ann fo bhratach a roimh-aithrichean a chog iad cho rioghail, cho dùchasach, agus cho dìleas. Ann sa bhliadhna 1645 chuir iad latha Chill-Saoidh an aghaidh Rìgh Shasuinn, ann an aobhar Sheumais an III. Rìgh Alba. Agus mu thuaiream leth-chiad bliadhn’ an deigh sin dh’ éirich iad le “Cleubhars uaibhreach nan each,” no mar their cuid eile “Tighearna Bhaile-nan-Seamrag,” ann an aobhar a mhic do’n goireadh iad féin am Prionns’ òg.[So an t-uasal do’n rinneadh am port Pìobaireachd do’n ainm “Fàilt’ a Phrionns’ òig”. ]
Anns ’a bhliadhna 1715 bha na Gàëil cho ullamh sa
Air di-haoine, an dara latha deug de’n gheamhradh, chuala Iain Ruadh nan cath [Diùc Earra-Ghàël an latha sin: b’e so Caimbeulach cho treun ’s air an cuala sinn iomradh. Bha e féin agus a chuid Caimbeulach, mar a b’àbhaist an aghaidh nan Gàël eile air an latha ud: ’s ann ris a bha stiùradh an airm-dhéirg an earbsa. ] a bha na cheann air an arm-dhearg, gu’n robh Iarla-Bharr a’ tighinn na chodhail le feachd lionmhor a chum e-féin agus dhaoine a sgrios, a bha mu’n àm na’n laidhe ann am Peairt: Uime sin ghluais e’n coinneamh nan Gàël, agus air di-sathurn thainig an dà armailt ann am fradharc a chéile, ma thuiteam na h-òidhche bha iad nan dithis air Sliabh-an-t- Siorraimh; ma thuaiream mìle an ear-thuath air Dun-Blaithean ann an Siorramachd Pheairt. Laidh an dà armailt air an t-sliabh rè na h-òidhche: ach cha b’e cadal a rinn cuid dheth na Gàëil. Thoisich iad air geurachadh an cuid claidhmhean, agus tha claisean a chaith iad ann an trì clachan mòra air an t-sliabh ri fhaicinn gus an latha ’n diugh.
Thòisich an cath air madainn dì-dòmhnaich, agus chuir Iain Ruadh a mharc-shluadh a mach air boglach a reòdh rè na h-òidhche, ach sheas na Gàëil rompa chum an cumail air an ais, agus cha mhòr nach do léir-sgrios iad gu làr cuideachd na laimhe clìthe de’n arm-dhearg, a’g iomain na bha beò dhiù a mach air Abhainn Athlain; a ta ma thuaiream dà mhìle bho’n t-Sliabh. An sin bhrùchd na Gàëil gu leir le leathad, a lŏs còmhrag mar bu nòs d’an sinnsir, le sgiath a’s claidheamh,
Thuirt seann duine bha coimhead a bhlàir gun do sguab na Gàëil làmh dheas an airm-dheirg rompa, mar dh’iomaineas onfadh nan tonn clachan mìn’ a mhŏil na lùib! Mharbhadh Mac- ’Ic-Ailein, no Tighearna Chloinn-Raonaill, le peileir gunna chaoil, “ann an toiseach an latha dol sios:” Bha’n t-uasal treun sin air ceann Chlann-Dòmhnuill, agus shaoil na naimhdean, na’n cuireadh iad e-san ri talamh gu’n rachadh a shluadh gu gealtachd, ach cha b’ann mar sin a chaidh do shiol Chuinn; “Chaidh iad an dàil nan eascairdean mar thairbh gun sgàth.” Thòisich cuid dhiù ri tuireadh os ceann Mhic- ’Ic-Ailein; ach air do Thighearn òg Ghlinne-Garaidh an airre thoirt dhaibh ri cumha, labhair e riu mar so:— “Togaibh dheth Fhearabh ‘Is olc an slacan na deuraibh:’ an latha màireach air son tuireadh, ach an diugh air son tòrachd!” Air cluinntinn sin do na gaisgeich leum iad sios do’n mhire-chăth a’ deanamh léir-sgrios uabhasach air laimh chlì an airm-dheirg; agus cho liugha dheth na Sasunnaich ’sa sheachainn faobhar a’ chlaidheimh theich iad air falbh le’m beatha do Shruidhleadh.
Cha ’n fhurasd innseadh le dearbhachd cheart co choisinn latha Sliabh an t-Siorraimh, thagair gach taobh còir na buaidh-làraich, agus thog gach taobh iolach na buaidh-chaithream. Co-dhiù, chum Iain Ruadh nan Cath a làrach féin, maille ris a bheagan Chaimbeulach a bha còmhla ris, agus ghabh e séilbh air gunnaidhean mòra agus treathlaich eile dh’ fhàg cuid de na Gàëil a theich, as an déigh air an t-Sliabh. Thaisbean Iain Ruadh mòran daontachd, gaisg’, agus fearalais air an
Ma mheadhon mìos dheireannach a gheamraidh, an ath bliadhna, thainig Rìgh Seumas féin air tìr ann an Ceanna-Phàdruig an Siorramachd Obaireadhain [ “Abar-réidh abhainn,” a ghoirte do’n àite so anns a chànan bho shean, ged a thasa nis’ ag ràdh “Obaireadhan” mar aithghearra cainnt’. Mar an ceudna theirear “Glascho” ri “Glas-achadh.” Tha iomadaidh facal de Ghàëlig an latha ’n diugh air “caochladh fuaim a’s cumadh,” air chor is gur tearc de’n àl òg a thuigeas a Ghàelig a chaidh a labhairt, no sgrìobhadh bho cheann thrì ceud bliadhn’ air ais. Mu’n àm sin b’ann ri long-chogaidh a ghoirte teaghlach. [Freumh-fhacal Teach-loch,] agus ri bàta beag theireadh iad fàrdach, [Farr-theach] theireadh iad mar an ceudna “ùran” ri òigear, agus “Macan-mnà” ri maighdein, &c . &c.Ged a thàrladh dhomh, am feadh so, iomradh a thoirt air an t-seanna Ghàëlig anns an dol seachad; tha dòchas agam nach smaointich duine sam bith, agus nach mo chuireas iad as mo leth, gun chleachd mi briathran àrsaidh do-thuigsinn ann an sgrìobhadh an leabhair so, cha do chleachd, rinn mi cho fad ’s a dh’fhaod mi sin a sheachnadh. Ghnàthaich mi cànan nan Garbh-chrioch Albannach, cho dlù sa’ ghabhadh e deanamh, agus mheas mi nach bu chòir do sheanachaidh, no do dh’ùghdar sam bith, a bhi cleachdadh bhriathran dòrcha na “barra-sgoileireachd” nach urrainn iomadh leughadair a thuigsinn, seadh air uairean ged a shuidheadh an t-ùghdar, féin r’a uilinn a chum gach dubh-fhacal doilleir a chagair na chluais. ] agus ràinig e far an robh Iarla-Bharr ann am baile Pheairt.
Thug na Gàëil mu’n àm sin ionnsuidh air a chrùnadh ann an seana lùchairt Sgoinne an ionad rioghail anns am b’ àbhaist rìghrean Albainn a chrùnadh bho shean. Am feadh a bha iad a’ deanamh gach ullachadh a chum na crìche sin, thainig Iain Ruadh nan cath le feachd Rìgh Shasuinn gle dhlù dhaibh agus b’eiginn daibh teicheadh. Bha Uisge-Thatha mu’n àm sin air reodhadh, mar bha’n sealbh an dàn do na Gàëil agus fhuair iad a null thar an dĕigh, agus theich iad ’nan trì bhuidhnean gu long-phortaibh eugsamhail shiorramachd Obaireadhain.
Bu cho luath a choisich na Gàëil air an ruaig so, is nach dh’ fhuair na naimhdean a bh’air an tòir aon sealladh dhiu gus an d’ rainig iad Munrois, far an do ghabh Iarla-Bharr, agus am Prionns’ òg long anns an do sheòl iad tharais: ach chaidh gach duin’ uasal Machrach, no Gallda, a bh’air am feachd, a cheapadh agus cuid dhiu a chuir gu bàs, ach thàr na h-uaislean Gàëlach agus an luchd-leanmhuinn as a chum nam beann gun challdachd sam bith fhulang.
Bho’n àm sin a nios gu bliadhna Thearlaich, “cha do chaidil an t-uabhas” a dhùisg na Gàëil ann am broilleach Rìgh Deòrsa; uime sin dh’ fheuch pàrlamaid Shasuinn ri “faobhar nan Gàël tapaidh a mhaoladh,” agus an cumail fo mhùiseag gu tŭr, agus a chum sin a dheanamh, thog iad trì daighnichean (no Gearasdanan) ann an Siorramachd Inbheirneis—aon ann an Aird-nan-saor fagus do bhaile Inbheirneis, aon ann an Cille-Chuimean aig ceanna deas Loch-neis, agus aon eil’ ann an Lochabar fagus do sheana Chaisteal dubh Inbheir-Lòchaidh. Shuidhich a Phàrlamaid, mar an ceudn’ Achd, na Gàëil a dhì-armadh; an claidhmhean, an gunnaidhean, agus am biodagan, a bhi air an liubhairt,
“Tha mise fo mhulad ’s fo bhròn,
’S a’ chaoidh ri m’ bheò bi’dh mise mar sin!
Cuaille math băt ann am dhòrn
’S nach fear gun treòir no gliogair mi:
On chaidh an Rìgh uainn air sàil’
Cha bhi sinn slàn mar tig e sinn,
Oir bithidh ar cuid ga n-ar dìth,
’S ar cinn ma chìtir biodag oirn’ !”
B’ann mar so a bha rùn a chuid bu mhò do na Gàëil mu’n cheart àm a thàinig am Prionns’ air tìr ann am Mùideart (sa’ bhliadhna 1745.) Bha iad, co-dhiù, bho linn gu linn, dìleas do’n teaghlaich dhligheich Albannaich, agus chunnaic iad mar fhiachan orra féin mar dhùchasaich, gach făilean de’n mheacan rìoghail sin a leanmhuinn tre gach cunnart agus géibhinn, a chum an còir a sheasamh agus an dion bho’n nàimhdean.
Mu’n àm sin b’e barail nan Galla-bhodach Machrach nach robh anns na Gàëil ach daoine borba, a bha caitheamh am beatha mar chinnich fhiata, cheud linntean an dorchadais, gun creideamh, gun cheartas, gun nàire, gun athadh, leis bu cho math “cromadh ann an cuid an
“Lean gu dlù ri cliù do shinnsir
’S na dìbir a bhi mar iadsan
Chuir iad gach cath le buaidh,
’S bhuannaich iad cliù gach teugbhail
’S mairidh an iomradh san dàn
Air chuimhn’ aig na bàird an deigh so!”
title | Caibidil I |
internal date | 1844.0 |
display date | 1844 |
publication date | 1844 |
level | |
reference template | Eachdraidh a’ Phrionnsa %p |
parent text | Eachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich |