CAIBIDIL XII.
NA GAEIL ANN AN DUNEIDEANN AN DEIGH A’ BHLAIR.
’S GANN a bha e trì uairean an déigh a’ bhlàir ’nuair a chunnacas na Cam-Shrònaich a’ tighinn a staigh do Dhunéideann le’n cuid pìobairean a’ cluich agus na brataichean a thug iad bho thrùpairean Iain Chop’ aca sgaoilte ri’n crannaibh, a’ cuir an céill do mhuinntir a bhaile gu’m bu leò féin buaidh na teugbhail’. Ach cha tàinig a mhòr-fheachd do Dhunéideann gus an ath latha, agus be sin Di-dòmhnaich. Thàinig na Fineachan n-an aon reang fhada an deigh a chéile a steach aig geat iochdrach a bhaile, le pìoban a’s brataichean, a’s iolaichean buaidh-chaithream, bha na brataichean a thug iad, bho’n àrm-dhearg sgaoilte aca ri taobh an cuid brataichean féin, bha na ghlac iad mar phriòsanaich de’n àrm-dhearg ag imeachd as an deighe, agus bha iad ma thuaiream a leth cho lion-mhor riu féin. Bha air an fhìor dheireadh a’ chobhartach a ghlac iad air an nàmhaid; agus na daoine leòinte ga ’n giùlan air cairtean Cha tàinig Tearlach féin còladh ris a’ mhòr-fheachd, ach thàinig e ma fheasgar a chum lùchairt Rioghail Dhunéideinn, agus rinn mòran de mhuinntir a’ bhaile fhàilteachadh leis gach suaicheantas éibhneis agus meoghail.
Aig an àm so ghiulan an Prionnsa e féin gu suairc, air an fheasgar sin [a b’e di-Sathurn,] chuir e fios a chum gach Pears-Eaglais sa’ bhaile dheth gach seòrs’ aidmheil agus Creud, gach fear dhiu a thaigh-aoraidh féin a thoirt air; ach an deigh sin cha deach a h-aon de na h-Eaglaisean suighicht’ fhosgladh air an t-Shăbaid, bha na ministearan air teicheadh as a’ bhaile leis an eagal air feasgar di-Sathurn, a thaobh am Prionns’ a bhi air leo, de chreideimh an t-Shagairt. ’Nuair a chual’ am Prionnsa so, air an ath dhi-Sathurn, chur e mach an ath ghairm, anns na briathran so:— “Tha ’m Prionns’ ag iarraidh air a phobull dheth gach aidmheil agus Creud an ionadan aoraidh fa-leth a thoirt orr’ air an Dònach so tighinn, cha ’n eil e na thlachd no na bhuannachd dhasan, iad a dh’ fhantainn asda. Tha e mar an ceudna air son a dheanamh aithnaichte, nach ann air son ioma-ruagadh as leth creideimh a thog e ’chlaidheamh ach air son a chòir dhligheach, shaoghalta féin.” ’Nuair a chuala na ministearan so chuir iad teachdaire thun a’ Phrionns’ a dh’fheòraich am faodadh iad Rìgh Seòras a chuimhneachadh ’n-an ùrnaighean. Chuir am Prionnsa fios thuca, gum biodh òrdugh a thoirt dhaibh sin a dheanamh an aghaidh an aobhair mu’n do tharruinn e a chlaidheamh, ach a dh’ ainean sin, gun robh e toirt gach dearbhachd dhaibh nach mothaicheadh iad géibhinn sam bith bhuaidhe-san air son briathran, mi-iomchaidh a dh’ fhaodadh iad a gnàthachadh. Ach a dh’ aindeoin gach còmhdaich dh’an dh’ fhuair an luchd-cràbhaidh so bho Thearlach, cha do dhìrich duine dhiù cùbaid fad ’sa dh’ fhan am Prionnsa sa’ bhaile ach aon Mhinistear da’m b’ ainm Mac-a- Bhiocair, chaidh esan a shearmonachadh air an ath Shàbaid. An deigh dha an ùrnaigh ghnàthaicht’ a
An deigh so, fhuair na Gàëil òrdugh, iad a dhol a rannsachadh air son àrmachd air feadh a’ bhaile agus na dùthcha mu’n cuairt dà. Thug so cothrom do shlaightearan bradacha, diamhanach, a bha fuireach air sgàth Dhunéideinn, an eadhlain féin a ghnàthachadh le mòr bhuannachd agus thearuinnteachd—rinn gach fear dheth na baobhan bradacha so deiseachan Gàëlach dhaibh féin, gus am biodh iad coltach ri feachd nan Gàël, agus thòisich iad air togail cìse bho mhuinntir na dùthcha ann an ainm a’ Phrionnsa, agus a toirt caoiteasan sgrìobhta ann an ainm cuid dheth na h-oifigich Ghàëlach, do cho liugha ’s bho’n dh’fhuair iad airgead, agus a mhuinntir aig nach robh airgead-laimhe gu thoirt dhaibh, thug iad uapa luacha-peighinn dheth gach ni a b’ fhearr na chéile a fhuaras aca, air uairean ghabhadh iad an t-ìm ’s an càise, a’ cantainn aig an àm cheudna gun d’òrduich am Prionnsa dhaibh na h-uile
Co-dhiù, thàinig air Tearlach gu’m b’ éiginn da cìs a thogail, thug e air muinntir Dhunéideinn mìle pàileann agus sìa mìle daothainn bhròg a dheanamh dha air son feum na feachda. Thàinig a chàin so cho trom a’s gu’m b’ fheudar leth-chrun a chuir air a’ phund-Shasunnach mhàil air gach teaghlach chum na cosgais a phàigheadh. Bho mhuinntir Ghlasacho, thog e 5500 Pund-Sasunnach. —Ghlac e gach ionbhas a bh’ann an taighean Cuspainn Lìbhte agus Bhorostoness agus gach àit’ eile mu’n cuairt, agus chaidh a reic air son airgeid ris na smugaileirean, bho ’n d’ rinn na gàidsearan agus luchd nan taighean Chuspainn a thabhairt.
title | Caibidil XII |
internal date | 1844.0 |
display date | 1844 |
publication date | 1844 |
level | |
reference template | Eachdraidh a’ Phrionnsa %p |
parent text | Eachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich |