CAIBIDIL XIII.
AN CRUINNEACHADH ANN AN DUNEIDEANN.
’NUAIR a chuala cùirt Rìgh Seòras an Lunnainn ma ghnàthachadh a’ Phrionnsa ann an Albainn thòisich iad air gabhail eagail agus air tògail dhaoine gu feachd laidir a chuir na aghaidh; agus m’a dheireadh dara mìos an Fhogair dh-òrduich rìgh-Seòras iomadh réiseamaid do shaighdearan coise, agus marc-shluagh a dhol dìreach de dh-Alba fo chomannda Mharasgail Bhade, agus ràinig iad so cho fad air an aghaidh ris a’ Chaisteal-Nogha air an naoidheamh latha fichead de mhìos dheireannach an Fhoghair. Bha Tearlach mu’n àm so a deanamh deas gu Sasuinn a ruighinn le fheachd féin.[Chuir Marasgal Bhade gairm air feadh na h-Alba. Gach duine a cho-éignich na h-uachdaranan gu eiridh leis a’ Phrionnsa ga’n an-toil gu’m faigheadh iad mathanas bho Dheòrsa na’m b’e is gum pilleadh iad dhachaigh ro’n dara latha diag de chiad mìos a Gheamhraidh. ]
Air cluinntinn dhaibh ann an Sasuinn gu’n robh anabharra sluaigh air éiridh le Tearlach air feagh gach àite de dh’ Albainn: thàinig fosnear dhaibh gu’n robh feachd Mharasgail Bhade tuileadh a’s lag air son coinneamh a thoirt do dh’ fheachd nan Gàël. Air ball thòisich rìgh Seòras air togail dhaoine anns gach baile mòr an Sasuinn, agus dh-òrduich e dhachaigh cuideachda lion-
An deigh blàr Sliabh a Chlamhain. Dh’fhan Tearlach fad shia seachduinean ann an Lùchairt rioghail Dhunéideinn, agus a chum coinneamh a chumail ris an fheachd lionmhor a dh’ ainmich mi a bhasa g’ ullachadh air a chinn ann an Sasuinn, chuir e deagh shùrd air daoine thional anns gach àite de’n dùthaich, araon air Machair a’s Gàëldachd. Aig an àm cheunda bha Foirbeiseach Chuil-fhodair an deigh cuid dheth na Fineachan Gàëlach a thogail ann an aobhar Dhòrsa, agus gu dearbha, faodaidh mi aithris nach b’ann de dhiù nam fineachan (an àm gàbhaidh) a bha uidhir dhiu sin ’sa dh’eirich leis, agus ni’ mi’n so an ainmeachadh: —Na Duimhnich,[Na Caim-beulaich. ] na Cataich,[Tuath Mhorair Cat. ] na Rodhaich, na Granndaich, na Leòdaich Dòmhnullaich an Eilein-Sgiathanaich, agus iomadaidh eile air nach d’ fhuar mi ainm.
Thug tighearna Chuil-fhodair mar an ceunda air Iarla-Shì-Phort ionnsaidh a thoirt air na Sàilich, na
A Dunéideann chuir ann Prionnsa an ath-theachdaireachd gu Sir Alasdair Mac-Dhòmhnuill Shléibhte agus gu Mac-Leòid Dhùn-bheagain, ag ràdh, n’an eireadh iad leis aig an àm so, nach cuimhnicheadh e gu bràch dhaibh iad ga dhiùltadh a’ chiad uair a dh’iarr e orr’ éiridh, ach cha’n éireadh na daoin’ -uaisle sin le Tearlach air chumha sam bith. Dh’innis mi air tùs na h-Eachdraidh gum b’e Tighearna Chuil-fhodair bu choireach iad a dh’fhantainn air ais.
Chuir am Prionnsa an ath theachdaire gu Morair Sìm, Mac-Shimidh na h-Airde ceann-cinnidh nam Frisealach, agus bh’an duin’ -uasal sin greis eadar dha bharail,
Co dhiubh, bh’an cruinneachadh sluaigh a thàinig gu bratach Thearlaich ann an Dunéideann, mar nach b’olc, agus b’e ’n chiad fhear dheth na h-uaislean (Gallda, no Macrach) a thàinig da h-ionnsaidh Morair Ogilbhie mac Iarl Airlie, a thàinig do’n bhaile air an treas latha de mhìos dheireannach an Fhoghair le feachd shia ceud fear, bha chuid mhòr de’n na daoine so dheth a
’Nuair a chuala Rìgh Seumas air tùs gun dh’ fhalbh am Prionnsa do dh’ Alba air tì a dhol a chogadh ri Rìgh Deòrsa, ged a bha e faicinn na cùise mi-choltach, rinn e gach ni bha na chomas, mar bu nadurach do dh’ athair tlŭsmhor agus eudmhor a dheanamh as leth mic. A chum còmhnadh le Tearlach ann an cosgais chogaidh; chuir an Rìgh sùim 200,000 francs[8750 Pund-Sasunnach. ] gu Mr O’Brian fear-riaghlaidh a ghnòthaichean ann am Pàrais a chum nam fiach a b’ air a’ Phrionns anns a’ bhaile sin a dhioladh, agus chuir e mar an cianda 50,000 francs[2187 Pund-Sasunnach. ] gu Mr Bhaters a bha na Bhancair ann am Pàrais a chum a chuir an déigh Thearlaich do dh’ Albainn; tacan an deigh sin chuir e 80,000 crùn Ròmanach thun a Bhancair chianda, a’ gealltainn 28 crùn Ròmanach a chuir thuige rithist ann an beagan ùine; thuird an rìgh gun dh’ fhàg na bha sin a dh’ airgead a thoirt seachad a sporan glé aodrum. A thuileadh air sin chuir e litir gu rìgh na Fràinge a’ cruaidh sparradh air feachd laidir dheth a chuid daoine chuir a dh’ Albainn gu còmhnadh le Tearlach.
Coirid an deigh Dunéideann a ghlacadh chuir am Prionnsa féin Mr Kelly do’n Fhràing a dh’ innse cho math sa’ bha e tighinn air aghaigh ann an Alba, a chum misneach a thoirt do Rìgh na Fràing’ a chuid dhaoine chuir a nall. Tacan an déigh sin chuir e Sir Seumas Stiùbhart do’n Fhràing mar thosgaire d’ ionnsaidh an Rìgh a chum naigheadh Mr Kelly a dhaingneachadh. Agus ràinig Flath cumhachdach eile mhuinntir na Fràinge, an Duìc de Bouillion (companach dealaidh a bh’ aig a’ Phrionnsa féin ’nuair a bha e san Rioghachd sin) an Rìgh a chum iompaidh a chuir air còmhadh le Tearlach.
Ma thoiseach mìos dheireannach an Fhoghair thàinig caochladh luingeis Fràngach gu Montròse, agus gu Cala-nan-Clach: agus aon long gu Dhùthaich Mhic-Aoidh. Thug an luingeas so a nall gunnaidhean gu leòr, fùdar a’s peileireann; Anns a’ chiad luing dhiù so thainig 5000 pund-Sasunnach de dh’airgead-ullamh, 2500 àrm: agus an Tosgaire Fràngach do’n goirte ’m Marcus D’ Eguilles. Thàinig na bha ’n so sàbhailt gu làmhan a Phrìonns’ air an deich-amh latha de’n mhìos. Ach ghlac na Cataich le foill an long a thàinig do Dhùthaich Mhic-Aoidh. Goirid an deigh so thàinig long bheag Fhràngach eile, a thug a nall beagan airgeid agus oifigeich Fhràngach, agus Eireannach maille ri sia gunnaidhean mòra.
Mu’n àm so chuir am Prionnsa gairm air feagh gach dùcha mu’n cuairt, gun robh e cur mar chìs air gach tuathanach, (gach fear a réir a chomais) fodar, fiar, agus sìol a chuir gu ruige Dunéideann, air a lethid so do latha, air son innlinn da chuid each-cogaidh, agus aon sam dith dhiu nach biodh umhail do’n ghairm, bha
title | Caibidil XIII |
internal date | 1844.0 |
display date | 1844 |
publication date | 1844 |
level | |
reference template | Eachdraidh a’ Phrionnsa %p |
parent text | Eachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich |