[103]

CAIBIDIL XVI.

TURAS NAN GAEL GU MANCHESTER.

AIR an ochdamh latha fichead den mhìos dhfhàg an t-àrm gu léir Preston agus ràinig iad ma òidhche Wigan[Mun dràinig iad am baile so bha iad a falbh air fìr dhroch rathad, air chors gun tainig toll air de bhrògan a Phrionnsa, agus a thaobh nach robh greusaich faisg air làimh, chaidh am Prionnsa steach do cheardaich a bha ri taobh na slighe, agus thug e air gilleghobha breaban de mhìr a dhiarann tana fhuaigheal le tàirnean air bonn a bhròige. Rinn an gobha òg an obair gu grinn; agus air don Phrionnsa bhi ga phàigheadh air son a shaoithreach thuirt e ris mar so.— “So dhut do dhuais a laochain, agus as math a choisinn thu iagus faodaidh tu nise ràdh gu dearbh, gur tu féin a chiad ghobha riabh a chuir cruithean air mac Rìgh!” ] baile margaidh a tha 196 mìle air an taobh so do Lunnainn agus air an ath mhadainn thog iad orra gu ruige Manchester, agus ma naoi uairean a dhòidhche ràinig toiseach an airm [ma thuaiream ceud marcach,] am baile sin, agus air an ath latha ràinig an t-arm gu léir Manchester. Thàinig am Prionnsa féin a steach don bhaile ma dha uair an deigh mheadhon latha agus prasgan taghta dheth na Gàëil bu chalma ma thimchioll, an latha, [a ben naoidheamh latha fichead den mhìos,] chaidh maoir abhaile mun cuairt a thoir rabhaidh do


[104] gach neach aig an robh cìs-rìgh ri dhioladh, iad da pàigheadh do dhfhear gleidhidh an ionmhais aig aPhrionnsann an lùchairt an rìgheadar sin as feasgar chaidh na maoir a rithist mun cuairt a chuir an céill gun robh e air a shonrachadh le mathaibh abhaile gum biodh tineachan-éibhinn air am beodhachadh ann an caochladh ionadan mun cuairt don bhaile mar onair ri teachd aPhrionnsòig, ma chiaradh na h-òidhche chaidh na teineachan-aighear sonan caoirean dearga agus thòisich cluig abhaile air séirm, ach cha dfhuair fear-gleidhidh an ionmhais a bheag de dhairgead cìse gus an deach an ath bhairlinn mun cuairt. Air an deicheamh latha fichead den mhìos, chruinnich an t-àrm Gàëlach gu léir ri chéile ann am Manchester, chaidh sùrd a chuir air togail dhaoine, agus dheirich bho dha cheud gu trì cheud fear do mhuinntir abhaile, agus thugadhReiseamaid Mhainchestermar ainm orra. Bha iad so fo chomannda Mr Townly.

Bha cuid dheth na Sasunnaich am barail gun robh an t-àrm Gàëlach gu beanntaichean Wales a thoirt orra, dùthaich anns am biodh sàr-chothrom acair an arm-dhearg, a thaobh e bhi na thalamh garbh anns nach burrainn saighdearan ionnsaichte iad féin a ghnàthachadh cho math; air an aobhar sin leag muinntir Dheòrsa na drochaidean a bha thar Abhainn Mhercy, a bha ruith eadar an dùthaich sin as Manchester, chums nach faigheadh na Gàëil a null.

Air achiad latha de chiad mhìos a gheamhraidh, dhfhag an t-arm Manchester nan chuideachd, ghabh aon chuideachd rathad Stockport agus achuideachd eile rathad Knottesford, bha so a nochdadh gur h-e Lunnainn a bha dìreach nam beachd. Chaidh na drochaitean a bh


[105] air an t-slighe so mar an cianda bhristeadh sios, air an aobhar sin thàinig air an arm a dhol thar Abhainn Mhercy air sheòl eile, agus be sin coille chrithinn a bha ri taobh na h-aibhne aghearradh agus seòrsa drochaid a dheanamh dheth na craobhan air an dfhuair na h-eich, na canoin, agus gach trealaich chòmhraig eile null: ghabh am Prionnsa féin maille ris achuideachd eile den àrm am bial-àth aig Stockport agus an sruth aruidhinn suas gu chrios.

Air feasgair achiad latha de mhìos mheadhonach agheamhraidh thàinig an chuideachd dheth an armailt an ceann achéile aig Maccleshfield far an dfhuair Tearlach brath gun ghabh Diuc Uilleam comanndan airm Shasunnaich a bha na laidhe ann an Siorramachd Stafford. Rùinich am Prionnsa gun gluaiseadh e féin agus an t-arm Gàëlach gu Derbie chums nach biodh fios aig an Diùc càitan rachadh e air an tòirmar sin chaidh Morair Deòrsa Moireach le prasgan dheth an arm gu ruige Congleton, air an rathad dhìreach a ta treòrachadh gu Litchfield, an uair a chaidh achuid eileden armailt gu ruige Derbie.

Air an dara latha de mhìos mheadhonach agheamhraidh, chuala Diuc Uilleam gun robh feachd laidir dheth na Gàëil ann an Congleton agus gun robh achuid eile dhiù gu bhi ann sabhaile sin ma òidhche. Chaidh Diùc Uilleam air an fheasgar sin gu baile ris an canair Stone, afulang do mhòr-fheachd nan Gàël gabhail seachad air gun fhios da. Fhuair Morair Seòras a nise seachad an rathad bu mhiann leis, agus dhfhàg e Congleton agus chaidh e seachad tro Leek, agus ràinig e baile don goirrear an t-Allt-Innsinn ma fheasgar.

Tacan an deigh dhaibh a dhol seachad air Leek thrus


[106] armailt aPhrionnsa gu léir ri chéile air an rathad dìreach gu Derbie chuins nach tugadh an t-arm-dearg ionnsaidh orra gun iad a bhi gu léir cruinn.

Ràinig Tearlach a nise an imisg shia fichead mìle do Lunnainn le seòlaidhean innleachdach Mhorair Seòras. Dhfhaodadh e Lunnainn a ruidhinn a nise gun a thighinn an àite buille don arm-dhearg a bha mun àm so ma thuaiream naoi mìle na bfhaide bho na bhaile sin na bha na Gàëil.

Nuair a chualas ann an Lunnainn gun robh na Gàëil afaighinn seachad air an arm-dhearg, ghlac uabhas muinntir abhaile, chaidh gach bùth a dhùnadh, agus theìch mòran sluaigh a dhionnsaidh na dùthcha atoirt leo gach seud bu luachmhoire bha nan séilbh. Ghlais Diùc a Chaisteil-Nogha, a h-aon de dhfhir stàta na rìoghachd, e-féin na sheòmar latha, ga cheasnachadh féin, co dhiù a bfhearr dha Tearlach no rìgh Seòras àicheadh. Chuir rìgh Seòras féin achuid usgraichean agus sheudan bu luach-mhoire air bòrd a luinge agus bha i ga fheitheamh fo làn uidheam, deas gu seòladh air falbh leis a null don Ghearmailt acheart cho luath sachluinnte na Gàëil a bhi dlù don bhaile! Bu chian a bha cuimhnaig na Lunnainnich air lathan ullachaidh mhòir sin a ta fathast iomraiteach ann an seana-chas fir Shasuinn air an tug iadDi-h- aoine dubhmar ainm.

titleCaibidil XVI
internal date1844.0
display date1844
publication date1844
level
reference template

Eachdraidh a’ Phrionnsa %p

parent textEachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich
<< please select a word
<< please select a page