[107]

CAIBIDIL XVII.

PILLEADH NAN GAEL A’ SASUINN.

FHUAIR am Prionnsa fios ann an Derbie gun tàinig Morair Iain Drumainn, bràthair Dhiùc Pheairt, air tìr ann am Montròse le feachd lionmhor as an Fhràing a chum còir achumail ri Tearlach an aghaidh Shasuinn. Air an treas latha fichead de mhìos dheireannach an fhoghair ràinig Coirneil OBrian, Marcus DArgenson, a bha mun àm sin achònaidh ann aFontainbleau, baile beag màrgaidh a tha ma thuaiream deich mìle fichead bho Phàrais, [priomh bhaile mòr na Fràinge,] an Rìgh Fràngach, agus dhaslaich se air comhnadh le Tearlach Stiùbhart PrionnsAlba, an aghaidh a dhearg nàmhaid, Impire Hanobher.[Rìgh Seòras. ] Thuirt an Rìgh gur h-e bha deònach, agus chuireadh seòl gun dàil air feachd a chuir cruinn agus thaghadh brod nan daoine as na réiseamaidean Fràngach agus Eireannach, agus ma mheadhon ciad mhìos agheamhraidh sheòl 1000 fear bho Dhunkirk am Flanras le pailteas àrmachd agus goireasan eile. Thàinig iad so gu léir air tìr sàbhailt ann am Montròse air fir dheireadh ciad mhìos agheamhraidh, ach ma thuaiream ceud fear a ghlac long bheag Shasunnach.


[108]

Cho luath sadhfhàg Morair Drumuinn an Fhràing thòisich luchd-riaghlaidh agus àrd uaislean na rìoghachd sin le òrdugh an rìgh air togail feachd ro laidir a bha iad gu chuir air tìr air oirthire deas Shasuinn, chaidh dheich mìle fear a chuir cruinn ann an ùin ro ghearr a chum na crìche sin, agus chaidh PrionnsEannraig Stiùbhart, bràthair a bôige Thearlaich, a thoirt á Pàrais a chum Sasuinn a ruidhinn air cheann an airm Fhràngaich; chaidh gach goireas a chuir ann an deagh òrdugh a chum na còmhraig, agus ghabh an Rìgh Fràngach a chead dheth na Prionns òg, ag ràdh ris gun gabhadh e dhinnear maille ris, le sìth as sàmhchair ann an Lunnainn air an naoidheamh latha fichead de mhìos mheadhonach agheamhraidh. ’Nuair a bhan cabhlach Fràngach deas gu dhol fa-sgaoil, thàinig fios á Sasunn gun robh na Gàëil air gabhail an teichidh do dhAbainn. Nan robh na Gàëil air gabhail air an aghaidh bhan fheachd Fhràngach, trà gu leòir ann an Lunnainn gu còmhnadh leo; agus a réir gach coltais bhiodh sliochd nan rìghrean dùthasach air an cur an dàil an còrach le ro bheag spàirne.

Moch samhadainn, air an chuigeamh latha den mhìos, ràinig am Prionnsa Derbie, air chath-chrith gu dhol air aghaidh le dòchas gun tugadh an fheachd Fhràngach coinneamh dhaibh faisg air Lunnainn. Bhan àrmailt gu léir ann an deagh mhisneach agusmar choin air éillair son a bhi ghan cumail bho thòiseachadh air feachd Dhiùc Uilleam; bha iad gu léir an dùil gun robh iad gu toiseachadh air am arm-dhearg ás as ás; agus thoisich cuid dhiù air bleth an claidheannan anns na ceardaichean, agus cuid eil air gabhail Sàcramaid Suipeir an Tighearnanns na h-eaglaisean, a thaobh gur h-e bàs no


[109] buaidh air an robh iad an geallach mo thruaighe! Is beag a bha dhfhios aig na laochraidh threuna gun robh an luchd-treòrachaidh de chaochla aignidh!

Air madainn achuigeamh latha den mhìos chaidh na h-uaislean do dhionad ar leth a chuir an comhairle cuideachd, ciod bu chòir dhaibh a dheanamh. Thuirt Morair Seòras Moireach agus achuid mhòr dheth na h-uaislean gun robh iad am barail gum be gnothach bu ghlic an armailt a theicheadh gun dàil do dh’ -Alba, a thaobh gun robh iad gu bhi air an cuartachadh le trì armailtean laidir dheth na naimhdean; ’nuair a rachadh iad so cuideachd bha iad ma thuaiream 30,000 fear. Nam bes gun tigeadh iad an àite buille do dhaon de na h-armailtean so, agus buaidh na làrach a chall, chan fhaigheadh duine dhiù ás lem bheatha. Mar a tuiteadh am Prionnsa féin sachath, rachadh aghlacadh leis na nàimhdean agus a cheann a sgaradh gun tròcair dheth a mhuineal. Thuirt Tearlach féin nach robh e meas gach cunnard dhiù sin ach mar ni gun diù; agus dhaslaich e gu dion air na Fineachan iad a dhol air an aghaidh. Thuirt e gum faodadh gaoid a bhi anns an arm-dhearg a bheireadh air cuid dhiù éiridh leis-san. ’Nuair a chunnaic Diùc Pheairt gun robh am Prionnsa cho tìtheach air a dhol air aghaidh thug e aonta gum bu chòir sin a dheanamh. ’Nuair a chunnaic Tearlach gun robh iad gu léir ach Dùic Pheairt, aindeonach air adhol air an aghaidh, thuirt e gum bfhearr leis na pilleadh rathad Charlisle, a dhol do Wales, ach thuirt na h-uaislean gu léir, gum bfhearr dhaibh teicheadh. ’Nuair a chuala Tearlach so bha chràdh cridhe cho mòr is nach do labhair e smid ri iosal no uasal fad chairteal na h-uarach an deigh sin. Sgaoil an luchd-comhairle


[110] ma fheasgar, le òrdugh gun robh an t-àrm gu teicheadh air ratreat moch samhadainn a màireach!

Air do Thearlach a dhol a steach air tùs do shasuinn sheachainn a mheud dheth na Sasunnaichsa bhaann an deagh rùn da aobhar comunn no còmhradh, a dhaon chuid, a bhi aca ris féin no ris na Gàëil, a thaobh nach robh iad a faicinn coltas sam bith gun tugadh feachd cho lag buaidh air armailt lionmhor rìgh Deòrsa, agus nan tarladh dhaibh a dhol san eidriginn, bha iad a faicinn nach robh na bfhearr nom bàs a feitheamh orra air son an saoithreach, —ach fa-dheoigh air dhaibh a bhi faicinn cho misneachail sabha na Gàëil a dol air an aghaidh, agus fathunn a bhi dol mun cuairt gun robh feachd Rìgh na Fràinge gu thighinn ann an ùin ghearr thar chuan, dheirich iomadh dhiù, agus bha iad air an turas gu feachd nan Gàël a ruidhinn an uair a chual iad gun robh an t-àrm air teicheadh do dh-Alba. Dh-éirich àireamh lionmhor ann a Wales, Gàëldachd Shasuinn, chum Tearlaich a chòmhnadh, agus choisich iad ma leth cheud mìle dhuidhe chum a thighinn fobhrataich, ach air dhaibh achluinntinn gun do ghabh àrmailt an ratreat phill iad gu léir dhachaigh. Is meòir dheth an aon chraoibh na Welsich agus na Gàëil againne, agus a thaobh cruadail, gaisge, agus misnich, is iad de shluagh a chruinne as faisg a théid air na Gàëil Albannach anns gach euchd agus fearra-ghniomh. Nan robh iad so agus na Fràngaich air tighinn ann an ceann an airm Ghàëlaich bhiodh eachdraidh eile ri innse maBhliadhna Thearlaich.”

A thaobh nach cuala na saighdearan, no na h-oifigich Ghàëlach an òidhche sin gun be rùn nan uaislean teicheadh, ’nuair a ghluais iad air fìr thùs na madainn


[111] an ath latha, le sùil gun robh iad atriall ann an coinneamh Dhiùc Uilleam agus an airm-dhéirg, bha iad gu léir ann an deagh shunnt agus ann am fonn còmhraig; ach cho luath sa shoilleirich an latha, sa dhaithnich iad le cotharraidhean a bha iad a cuir air na clachan-mìle len claidheannan, mar bha iad a dol air an aghaidh, gun robh iad a nise pilleadh dhachaigh gun bhuaidh, cha chluinnte measg na h-armailt gu léir ach osnaich thùrsach agus gearan! Ged a bha mulad nan daoine mun àm so mòr, bu bheag e seach mulad aPhrionnsa féin; bha gach dòchas a nisair seargadh na uchd; agus bu léir a bhlà air a mhala chaoin, chairdeil, —cho fad sa bha e dol air aghadh le buaidh, chuir e gach cruaidh-chas agus dosgainn ann an neo-bhrìgh, be féin achiad fhear den fheachd a bhiodh air a bhuinn anns amhadainn acuir an airm an òrdugh agus abhrosnachadh nan daoinair aghaidh; ach a nise, bhiodh an armailt gu léir deas gu triall mun eireadh e, agus is gann gun canadh e facal connaltraidh ri iosal no uasal bho mhoch gu dubh.

Bha teicheadh, no ratreut, an airm aig an àm so air a stiùradh le diomhaireachd, seòltachd, agus sgil, air alt is gun robh iad mar bu tricastar dha latha air thoiseach air an arm-dhearg mum bu chomasach do Dhiùc Uilleam a mheasrachadh ciod in t-slighe a leanadh e air an ruaig, ach air dha brath cinnteach fhaotainn air an taobh a theich iad, chuir e mìle fear dheth na saighdearan coise air muin each as an dheigh agus e f in air an toiseach, ghabh e rathad Chonventry tro fhìr dhroch ròidean a tha treòrachadh tre Ultoxester agus Cheadle agus thàinig e gu Macclesfield air feasgar an deicheamh latha den mhìos, da latha an deigh do na Gàëil am baile sin


[112] fhàgail. Chaidh innse dha ann an so, an deigh do na Gàëil imeachd tre Ashbourn Leek agus Mhacclesfield, gun dhfhag iad air a mhadainn sin féin Manchester agus gun thriall iad gu Wigan.

Feadh sabha na Gàëil atriall air an ruaig bha iad a siubhal cho riaghailteach agus cho beag fiamhs ged nach biodh an tòir orridir, agus cha mhò a leig iad leis an nàmhaid an cothrom bu lughfhaotainn orra féin no air an cuid trealaich, ged a bha iad a siubhal dan cois agus an t-àrm-dearg air eachabh chum iad a ghnà uighe mhath astair an ceann orra, gun bhuille gun urchair fhaotainn fad latha dhiag, agus dalatha dhiù sin a chur seachad nan stad ann am Preston agus ann an Lancaster. Air an dara làtha diag den mhìos thàinig marc-shluagh Sheanalair Wade ann an ceann feachd Dhiùc Uilleam. Bhan t-àrm dearg a bha nis an tòir air na Gàël ma thuaiream da-fhichead ceud marcach, agus chum iad air an astar bho Phreston tro ròidean a bhair fàs ro olc le flichead na h-àimsir. Cuir Diùc Uilleam man àm so gairm a dhionnsaidh gach luchd-dùthcha mun cuairt, iad a mhilleadh nan ràidean mòra, agus gach drochaid a bhair gach slighe a bha na Gàëil gu ghabhail a bhristeadh sios: ach ged do chaidh sin a dheanamh, cho luath sa fhuaradh an t-òrdugh; cha mhòr maille chuir e airfir threubhach nan Garbh-chrioch,” achs ann a thionndaidh an t-olc a chaidh a chumadh dhaibh leis an Diùc chum am buannachd. Bhan rathad cho olc aig marc-shluagh an Diùc féin an uair a thàinig iad an deigh nan Gàël, is gun deach an astar am maillead cho luath sa ràinig iad e, air chor is gun dfhuair na Gàëil gum math an ceann orra.

Ràinig an Prionnsa agus achuid mhòr dheth an àrm


[113] Penrith air feasgar an darra latha diag, ach thainig tubaist an caramh cuideachd dheiridh na feachd a bha fo chomannda Mhorair Seòras Moireach a thaobh cuid dheth na carbadan a bha giùlan an cuid trealaich, a dhol as a chéile le olcas an rathaid, chuir so maille air an astar, agus thug e comas don chuid bu luaithe de thrùpairean Dhuic Uilleam a thighinn suas riu; an sin thug Morair Seôras òrdugh do Dhòmhnullaich Ghlinne-Garaidh a dhol nan còdhail, ach theich na trŭpairean air falbh, mun dfhuair na Dòmhnullaich an àite buille no teine dhaibh.

Bhachuideachd dheiridh air a deanamh suas de Dhòmhnullaich Ghlinne-Garaidh, fochomannda Iain Ruaidh Stiùbhairt, a bha ma thuaiream cheud fear an àireamh, ach man àm so thàinig, Stiùbhartaich na h-Apunn, agus na Bàideanaich, réiseamaid Chluainidh, ’nan ceann, bha iad an sin ma thuaiream mìle fear. An earalas gun tugadh an t-arm-dearg an ath ionnsaidh orra, chuir Morair Seòras Iain Ruadh Stiùbhart air aghaidh gu Penrith a dhiarraidh mìle fear a thighinn gun dàil a chòmhnadh leis a chuideachd dheiridh. Ma dhol fodha na gréine thàinig feachd Dhiùc Uilleam, [ma thuaiream fhichead mìle marcach] am fradharc nan chuideachd ma astar mìlenan deighe.

A chùm a thoirt achreidsinn air an arm-dhearg gun robh feachd nan Gàël na bu lionmhoire na bha iad, thug Morair Seòras air cuid dheth na fir bhrataich a dhol air cùl garadh fada sgithich a bha faisg orra, agus an cuid brataichean a sgaoileadh a chum gun saoileadh Diùc-Uilleam gun robh feachd lionmhor air cùl aghàraidh. Chaidh Morair Seòras an sin air cheann nam Bàideanach, agus Cluainidh ra thaobh. Dhiath dallabhrat


[114] na h-òidhche nise mun cuairt air chŏr is nach bu léir dhaibh na nàimhdean, ach air don ghealaich boisgeadh tro na neoil dhubha stoirmeil a bha ga falach, chunnaic Morair Seòras feachd thrùpairean a tearnadh bharr nan each, agus a dlù-theannadh dan ionnsaidh mar shaighdearan coise. Air ball dh-òrduich Morair Seòras an réiseamaid a bfhaise dhaibh a dhol nan còdhail, air dhaibh sin a dheanamh loisg nan nàimhdean làdach ghunnaidhean caolorra: cho luath sa chunnaic Morair Seòras so ghlaodh e:— “claidheamh mòr!” mun cunnte seachd bha na Gaeil nam buillsgean, agus thòisich iad air speòltach mar bu nòs daibh a dheanamh le claidheamh as sgiath, air chor is gun ghabh an t-eas-caraid ruaig ann am beagan mhineidean.[Anns an arabhaig so ghlac Iain Ruagh Stiùbhart gille ton-eich Dhiuc Uilleam (no mar a their na Goill féin groom) air dha thoirt mar chulaidh-àbhachd air cholair a dhionnsaidh Thearlach, phill am Prionns e air ais a rithist a dhionnsaidh a mhaighsteir. ] An deigh an sgiùrsaidh so a thoirt air na nàimhdean ghabh Morair Seòras agus a dhaoine an deigh na mòr-fheachd agus air dhaibh Penrith a ruidhinn leag iad an anail, as ghabh iad ùrachadh bidhe.

Air an naoidheamh latha diag de mhios mheadhonach agheamhraidh stad an t-àrm Gàëlach gu léir ann an Carlisle agus dhfhàg iad ann an gearasdan abhaile sin mar fhriceadan Réiseamaid Mhanchester agus àireamh àraidh dheth na réiseamaidean, Macrach, beagan Fhràngach, agus Eireannach bhan àireamh shluaigh a dhfhàg iad gu léir anns aghearasdan ma thrì cheud fear. Air madainn an fhicheadamh latha den mhìos thàinig mòr-fheachd nan Gàël ma choineamh aghearasdain a toirt slàn leis a mhuinntir a dhfhag iad ann; thàinig am Prionnsa féin dlù don bhalla thoirt


[115] seòlaidh dhaibh mar ghnàthaicheadh siad iad féin gus an cuireadh e ann an ùin ghearrfeachd á Albainn a rachadh nan àite, dhéisd iad ris le mòr spéis agus ro-airre, an sin ghabh e chead dhiu. Be sin an sealladh deireannach a chunnaic iad dheth na Phrionnsagus dheth an co-shaighdearan, a bha nise adlùthachadh ris an tìr ghràidh nach dòrduich dàn dhaibh-sa fhaicinn gu bràch tuileadh!

Ma dha uair an deighe mheadhon latha ràinig am Prionnsagus an t-àrm abhainn Esg a ta roinn na crìche eadar Albainns Sasuinn, bhan abhainn so leis bu ghnà a bhi glé thana nisair fàs na linne dhomhainn le dòrtadh nan sion, agus a thaobh gun robh eagal orra gun deanadh dìle na h-òidhche sin na bu ro dhaoimhni, smaointich iad gum bfhearr dhaibh a dhol tharais gun mhaille. Rinn iad an sin innleachd air an àth a churChaidh am marc-shluadh a mach beagan os-ceann na h-àtha a chum neart a bhuinne bhristeadh; agus chaidh na coisichean ann an reang deichneir an guailean achéile chum gun seasadh iad na bfhearr san t-sruth. Chaidh marcaich a chur mar an ciadna tacan sios bhona bhial-àthchùm , no neach a rachadh leis an t-sruth a thogail suas. Mar so fhuair iad gu léir a null sàbhailt, agus dhfhad iad teineachan mòra connaidh air bruaich na h-aibhne gu iad féin a thiormachadh agus agharadhan sin thog iad luath-gair éibhneis air son gun dhfhuair iad am buinn arithist air fraoch Alba! acur air chùl gu tŭr, gach dosgainn agus alabhan a thàinig nan caramh air an turas sgìth sin!

Chaidh crìoch a nisa chuir air an turas so, —Theagamh, a thaobh seòltachd, cruadal agus gaisge nach


[116] robh a shamhail bho thùs an t-saoghail ann an tìr sam bith air domhainn, mhair e sia seachduinean ann am fearann nàimhdean, eadar àirmailt a bha na h-uile h-aon diù a cheithir lionmhoiread ris na Gàëil féin! Bhan aimsir cho olc is gum bu leòir i na h-aonar gu dòlas a thoirt an caramh luch-turais aig nach robh ach ainmig ionad anns an cuireadh iad an cinn fopa, gidheadh, bhon uairs chaidh iad thar na crìche Sasunnaich, gus an tàinig iad a rithist a nall oirrcha do chaill iad dheth na chùig mìle fear, le sgiorradh, teine, no claidheamh an nàmhaid, ach ma dhà fhichead fear! eadhon air an ruaig bha riaghailt agus misneach dhan leanmhuinn nach cualas iomradh a bhi aig feachd ach iad féin, agus an àite teicheadh le breisleich ghiorragach ron luchd-tòrachd is ann a phill iad gu minig nan aodann, gam pilleadh airn-ais mar chaoirich ro mhadraidh. Ghiùlain iad bratach Ghlinn’ -Fianain astar cheud gun leth mìle tro fhearann làn nàimhdean, agus thug iad a rithist air a h-ais i gun ghaoid gun bheudtro mhìle gàbhadh agus thorunn nan cath.”

Air faicinn do Dhiùc Uilleam gun do theich na Gàëil á Sasuinn gu tŭr mheas e iomchaidh Lunnainn a ruidhinn a chum coinneamh a thoirt don arm Fhràngach a bha en dùil a bha gu thighinn air tìr air taobh deas Shasainn, agus dhfhag en t-arm-dearg fo chomannda Sheanaileir Wade, agus Hawley. Dhfhan Wade le cuid dheth an arm anns an Chaisteal-Nogha agus chaidh Hawley do dhAlbainn leis an earainn eile.

Ri taobh Abhainn Esg roinn am Prionnsan armailt na chuideachd. Chaidh aon chuideachd dhiu rathad


[117] Ecclefechan agus Mhoffat, le Morair Seòras Moireach, Diùc Abhall, Morair Ogilbhie, agus Morair Narain air an ceann. Chaidh am Prionnsa féin air ceann na cuideachd eile maille ri Duic Pheairt, Morair Elecho, agus Morair Phitsligo, Lochiall Tighearna Chlann-Raonuill, Tighearna Ghlinne-Garaidh agus Fear na Ceapaich. Stad iad an òidhche sin aig Annain. Air an ath mhadainn thriall Morair Elecho le cùig ceud fear gu séilbh aghabhail air Dun-phris. Dhiarr am Morair air muinntir Dhun-phris cìs 2000 pund-Sasunnach a phàidheadh, agus mìle daothain bhròg a thoirt dhà gu feum an àirm. Nuair thòisich muinntir abhaile air gearan gun robh achìs sin tuilleadh as trom, thuirt cuid dheth na Gàëil gur ann bu chòir dhaibh a bhi taingeil a chionn nach fac iad an taighean a doln an lasair mun cluasan.

Air madainn an tri-amh latha fichead den mhìos chaidh am Prionnsagus achuid eile dheth an àrm suas gu Nithsdale agus chuir en òidhche sin seachad ann an Druim-Lannraig an taigh Dhiùc Queensberry chaidil am Prionnsa féin anns an leabhaidh stàta; agus laidh iomadaidh dheth na daoine air seidean connlaich air ùrlar cuid de sheòmraichean an taighe.

Air an ath mhadainn dhfhàg am Prionnsa Druim-Lanraig agus ghabh e-féins an t-àrm an t-slighe gharbh thar Dala-bhinn gu Dail-Chluaidh le rùn triall do Ghlasacho, chuir en òidhche sin seachad ann an lùchairt Dhiùc Hamilton, chaith echuid mhor dheth an ath latha ri sealg ann am pàirceachan séilg an duin’ -uasail sin.

Air madainn an ath latha ghabh an t-arm tro bhaile beag ris an canair Lesmahàgo sios gu Glasacho agus bann air eiginn a chùm am Prionnsa na Gàëil bho thenie


[118] chuir ris abhaile a thaobh mar a gnàthaich iad Tighearna Chinn-Loch-Mùideart air dha bhi gabhail tro na bhaile sin air a thuras do Shasuinn.[Air do Thighearn òg Chinn-Loch-Mùideart a bhi pilleadh do Shasuinn, an deightheachdaireachd bho na Phrionnsa gu Sir Alasdair Mac-Dhòmhnuill, agus gu Mac-Leòid Dhun-bheagain a chur an céill. Ghabh e féin agus a ghill mar ath-ghorid a chum na crìche Sasunnaich tro Lesmahâgo. Bha beadagan de sgoileir òg dam bainm Linnings anns abhaile sin a chunnaic Tighearna-Chinn-Loch-Mùideart ann an Dunéideann, agus air ball dhaithnich e gum be a h-aon dheth na h-oifigich Ghàëlach; a chunnaic e maille ris aPhrionnsaann an Dunéideann, chaidh e air ball agus chruinnich e muinntir abhaile, thug cuid dhiu leo seanna mhosgaidean glagach; cuid eile gobhlagan aolaich! agus ghearr iad aithghearra-talmhuinn air an Domhnullach chòir, agus dhiath iad ma thimchioll. ’Nuair a chunnaic ghille an Domhnullach am pràbar a nochdadh -mhodh da mhaighstear chuir e dhà na thrì de ruagairean na ghunna chùm cuid aca thoirt gu talamh, ach cha do cheadaich a mhaighstear dha sin a dheanamh; thuirt e gum bu roghnaiche leis geilleadh na duine dheth na ghràisg a mhàrbhadh, agus dhfhuilig e dha na phrasgan thruagh so a ghuilan gu Caisteal Dhunéideann, anns an deach a chumail na phriosanach, gus an deach a thoirt maille ri priosanaich eile gu Carlisle chum a chur gu dìth! ]

Thriall iad an sin gun stad do Ghlasacho, be muinntir abhaile sin a bfhaide sheas a mach an aghaidh Thearlaich a bhan Albainn gu léir. Am feadhsa bhan t-arm Gàëlach ann an Sasuinn thog muinntir Ghlasacho cheud diag fear gu seirbheis Dheòrsa. Air latha Nollaig dhinndrinn achiad chuideachd dheth na Gàëil baile Ghlasacho, agus air an lathairn-a- mhàireach thàinig am Prionnsa féin a steach leis achuid eile dheth an armailt. Bha na Gàëil mun am so an deigh astar chùig ceud agus cheitheir fichead mìle a dhuidhe a choiseachd ann an ùin dha-fhichead lathasa sia-diag, ged a bha iad iomadh latha dhiù sin nan stad.

Bhan armailt mun àm so air dol gu tŭr á uidheam, bha nise mhìos bhon a dhfhàg iadTìr nam


[119] beanns nam breacanas bhan éideadh mar bu dha bhi air call amhaises adhath le sion as doireann as droch ghiullachd eile; bham brògan air dìobairt agus an osanan air caitheamh: ach cha robh am Prionns a bheag a dh-ùin ann an Glasachonuair a chuir e seòl air an armailt a chur ann am brŏd uidheam thug e air muinntir abhaile gun do sholar iad 12,000 leine, 6000 cota-gearr, 6000 daothain bhròg, agus an àireamh chianda de dh-osanan. Chuir e sin fios air Pröaist abhaile agus air dha thighinn da ionnsaidh dhiarr e air ainmeanan na feaghnach a bha togail feachd na aghaidh a thoirt suas , oir neo gun crochadh se e cho àrd sa chuireadh maidean edhfhreagair am Proöaist gu dàna, “nach ainmaicheadh e duine sam bith ach e-féin: agus nach buabhas leis idir am bàs fhulang air son gnothach co iomchaidh agus cho ceart.” —Co-dhiubh thug Tearlach air a Phröaist gun do phàidh e cìs 500 Pund-SasunnachThug e mar an ciandair muinntir Phaislig gun dìoc iad cìs 500 Pund-Sasannach, agus dhioc Rinn-fraoich [Renfrew.] agus na bailtean eile ma thimchioll Ghlasacho an cìsean féin. Mun àm so dhàireamh càirdean Rìgh Deòrsann an Glasacho armailte Thearlach, agus mheas iad i bhi ma thuarean 3600 coisiche agus 500 marcach.

titleCaibidil XVII
internal date1844.0
display date1844
publication date1844
level
reference template

Eachdraidh a’ Phrionnsa %p

parent textEachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich
<< please select a word
<< please select a page