CAIBIDIL II.
TAISDEAL A’ PHRIONNSA DO DH-ALBAINN.
ANNS a’ bhliadhna 1740 gheall cuid de na Fineachan Gàĕlach eiridh le Rìgh Seumas nam b’e a’s gum faigheadh iad còmhnadh sluaigh agus àrmachd as an Fhràing agus ma dheireadh na bliadhna 1743, dh-aontaich cùirt na Fhràinge sin a thoirt dhaibh, agus chuir iad fios air a Phrionns’ òg, Tearlach mac Sheumais e’thighinn, air ball as an Ròimh gu falbh air ceann na feachda do dh-Albainn, agus ma thùs a Mhàirt sa’ bhliadna 1744, bha cabhlach anns an robh cùig mìle fear, a’ cuir fa-sgaoil gu oirthire na Fràing fhàgail, ach chaidh grabadh a chuir air an turas le cabhlach Shasunnach a thòisich air losgadh orra, agus ni nach b’fhasa, dh-éirich storm anabarrach gaoithe ’s doirinn a thilg an loingeas Fràngach air tìr, a chuir cuid dhiù ’nan spealgan, agus a chuid eile á uidheam air chor is nach b’ urrainn iad an cuan a ghabhail air sheòl sam bith. ’Nuair a chunnaic Tearlach so bu mhòr a chràdh cridhe, agus chur e roimhe seòladh a dh-Albainn ann am bàta beag iasgaich a chum e-féin a chuir air ceann a chàirdean, an dòchas nam faiceadh iad aon sealladh dheth a ghnùis gu’m bu leor e gu thoirt orra eiridh suas ’na aobhar, ach chuir luchd-comhairl’ athar ìompaidh air gun e sin a
Ann am fior thoiseach na bliadhna 1745, dh-fheuch e na h-uile sheòlteachd a bha na chomas gu thoirt air a chairdean-cùirt ath-ionnsaidh thoirt air na Fràngaich Albainn a thoirt orra, ach cha’n eireadh a h-aon duibh. Air an aobhar sin sgrìobh e mar so as an Ròimh a dh-ionnsaidh athar,— “B’ fhearr leam gu’n reiceadh tu m’ uile sheudan: oir air an taobh so de ’n chuan cha ’n fheud mi am mealtainn ach le cridhe goirt: a smaointeach gu’m faodainn an cuir gu buil n’a b’ fhearr, gu freasdal air m’ fheum an ăm na cròdhaig.” Thuirt e ann an earrainn eile de’n litir so ma shùim airgeid a bha e ’g iarraidh air athair, gu ceannach chlaidmhnean:— “Mas bithinn a dh-easbhuidh an airgeid reicinn mo leine agus is ann air son a leithid so de ghnothach [Cogadh. ] a bhios mi do ghnà a’g iarraidh airgeid ort, agus cha’n ann air son aodaichean rìmheach a’s rudan suarach mar sin.”
Fadheoigh air dha géill a thoirt nach coisneadh e tùrn air an t-sheòl ud, chuir e roimhe an Fhràing fhàgail gun dàil oir bha mòr earbs’ aig as na h-Albannaich agus gu h-àraid as na Fineachan Gàĕlach, a thug cheana misneach dha a thighinn d’an ionnsaidh, nam b’ urrainn e fòghnadh òir agus àrmachd a thoirt leis: shaoil e na’n sgaoileadh e aon uair a bhratach ri crann an Albainn gu’n cruinnicheadh a chàirdean gu grad ma thimchioll agus gu’n cumadh e a làrach gus an tigeadh cobhair d’a ionnsaidh as an Fhràing.
Mu’n àm so thug duin’ -uasal a bha na bhancair ann am Pàrais (àrd bhaile na Fràinge) an coingheall do Thearlach
Air dhaibh gach goireas a nis fhaighinn air dòigh, sheòl an Doutelle, agus long-chogaidh eile da’m b’ainm an Ealasaid, a bha giùlan armachd agus treathlaich-chòmhraig a’ Phrionns’, air an dara latha do threas mìos an t-Sàmhraidh. Air an cheathramh latha dhaibh air fàirge thainig long-chogaidh Shasunnach nam fradharc, agus loisg an Ealasaid oirre, ach mharbh an nàmhaid ma thuaiream da-fhichead fear de làmhan na h-Ealasaid, agus rinneadh uidhir dhochainn air a crannaghail ’s gum
Air an taisdeal so chuir Tearlach uime deise mar òganach Albannach, a bhiodh a fòghlum na sagartachd ’s an Fhràing, agus gu e-féin a chuir n’a bu mhò as aithne cha do bhearr e fhiasag bho ’n latha chaidh e air bòrd. Air an òidhche chuir iad ás gach tein’ a’s solus a chum ’s gu’m b’ ann a b’ fhearr a sheachnadh iad aire nàimhdean no luchd-tòrachd a dh’ -fhaodadh a bhi air an tì—air aon àm thainig long Shasunnach cho faisg orra ri àite teine, ach air ball dh’ eirich ŏiteag chruaidh ghaoithe, agus bha long a Phrionnsa cho gleusta ’s gun sheòl i gu grad á cunnard, agus cha b’ fhada gus an dh’ fhàg i fradharc an nàmhaid gu tŭr. Air an dara latha fichead de threas mìos an t-Sàmhraidh rainig iad cùl Leòghais, agus air dhaibh a bhi teannadh ri fearrann thainig iolaire mhòr riabhach a dh-itealaich os-ceann na luinge, agus thòisich i air cumail suas riu. B’e Diùc Abhall a thug an aire do’n fhir-eun air tùs, ach cha dubhairt e smid ma dhéibhinn le eagal gu’m biodh na daoin’ uaisl’ a cuir fuar-chràbhadh nan seana Ghàël as a leth; ach air dha féin agus do Thearlach a bhi spaidsearachd air clàr-uachdair na luinge as déigh an dinneir, agus an iolaire bhi sìr chumail suas ris an luing, thuirt e mar so ris a’ Phrionns’— “Seall suas, faic an t-ian ud, Prionnsa na h-ealtain, an cuir fàilt’ air do mhòrachd rìoghail, Prionnsa fir Alba, gu rìoghachd a shinnsir!”
Sheòl iad an sin a steach do chaol eadar Eireasca agus Uidhist a chinne-deas, agus air dhaibh fradharc-cuain a dheanamh air dà long Shasunnaich chaidh iad gu grad air tìr ann an Eireasca a’ giùlan leo an cuid armachd agus gach treathlaich-chòmhraig eile bha aca. Chaidh am Prionnsa air ball a dh’ ionnsaidh taigh tuathanaich a bh’ anns an eilean sin, agus dh’innis an tuathanach dha gun robh Mac- ’Ic-Ailein agus a bhrâthair, fear Bhaósdail, san àm an Uidhist, agus gun robh oighre Mhic- ’Ic-Ailein, no Tighearn òg Chlann-Raonaill, mar a their cuid, air tìr-mòr ann am Mùideart. Cha luaithe chuala Tearlach so na chaidh e air ball gu taigh Fhir Bhaósdail, agus chaith e ’n òidhche maille ris an duin’ uasal sin.
Air an ath mhadainn chaidh am Prionnsa g’a luing, agus cha robh fear Bhaósdail fada gun a thighinn air bòrd as a dheighidh. Mu’n ann so b’e fear Bhaósdail ard-chomhairleach a bhràthar, Mac- ’Ic-Ailein, a thaobh e ’bhi le aois agus easlainnt neo-chomasach air a ghnothaichean féin a riaghladh gu ceart. Bha fios aig Tearlach air so, agus shaoil leis gun deanadh fear Bhaósdail gach ni bha na chomas gu Clann-Dòmhnuill a thogail suas na aobhar, ach cha do dhearbh a’ chùis so ’bhi mar shaoil le Tearlach. Gun teagamh sam bith bha Fear Bhaósdail an deagh rùin do’n Phrionns’, agus b’e fhior dhùrachd gu ’n soirbhicheadh leis na thuras do dh-Alba’: ach a thaobh ’s nach robh e ga fhaicinn na ghnothach coltach ’san àm a dhol a chogadh ri feachd Rìgh, le beagan dhaoine gun armachd, gun chosgais chogaidh, thug e chomhairl’ air a Phrionns’ pilleadh dhachaigh an taobh as an tainig e, gus an faiceadh e àm bu ghealltanaich’ air buaidh a chosnadh: ’nuair a chuala Tearlach so thuirt e— “Is ann a tha mi air ùr thighinn dachaigh, agus
Ghabh Tearlach gu mòr gu cridhe fionnarachd Fhir Bhaósdail mu’n chùis, ach chum e air féin cho math a’s nach do leig e bheag ris dheth a dhiombadh. Dh-òrduich e ’n long a chuir fa-sgaoil agus rinn e air son na mòr-thir. Chaidh fear Bhaósdail cunntais mhìltean leo air an luing, agus thug am Prionns’ an ath ionnsaidh air gu Clann-Dòmhnuill a dhùsgadh, ach thuirt fear Bhaósdail na ceart bhriathran a thuirt e, ’nuair a labhair am Prionnsa’ ris air tùs, ma thimchioll a ghnothaich. Chaidh fear Bhaósdail an sin na bhàta a bha ’n ceangal ri deireadh na luinge, agus leig e leis a Phrionnsa’ buanachd air a shlighe mhi-ghealltanaich féin.
An àm dhaibh a bhi seòladh a dh’ionnsaidh na
B’e cheud ni a rinn e an deighidh an acair a leagadh bàta ’chuir air tìr le litir a dh-ionnsaidh Tighearn’ òg Chlann-Raonaill. Bha mòr earbs’ aige gu’n robh an duin’ -uasal sin ro eudmhor na aobhar, agus cha bu luaithe a fhuair e a litir na thainig e-féin, agus a dha charaid, Fear Ghlinn-Ealadail, agus Fear Dhailealea, agus dithis no thriùir de dhaoin’ uaisl’ eile gu baile beag, ris an canair Forsaidh, fa-chomhair an àit’ anns an robh an long na laidhe. Tha fear dheth na daoin-uaisl’ a’ toirt a’ chunntais so air an turas gu long a Phrionns’— “Air dhuinn gairm air a bhàta gu tìr thàinig i air ball agus ghiùlanadh sinn gu bòrd, ar cridheachan ’san am a’ plosgartaich le h-éibhneas ’n-ar n’uchd, a’ smuainteach gun robh sinn gu bhi a’ thiotadh ann an comunn a Phrionns’ òig, a bha sinn bho cheann-fada cho déigheil air fhaicinn. Air dhuinn dìreadh, fhuair sinn bùth air a thogail air clàr na luinge air a thuthadh le cainb agus bòrd mòr rìmheach ’na mheadhon, comhdaichte le iomadach seòrsa fìona agus deochanan laidir eile. Air dhuinn a dhol a steach do’n bhùth so dh’ -fhàiltich Diùc Abhall sinn gu suilbhear’, duin-uasal air na chuir sinn gu léir eolas latha Sliabh an t-Siorraimh. ’Nuair a bha sinn mar so a’ gabhail naigheachd an Diûc
Thoisich Tighearna Chlainn-Raonaill air cuir an céill do Thearlach cho mì-choltach sa’ bhiodh e dhaibh toiseachadh air cogadh, thuirt a charaid Tighearna Locha-Mùideart an nì cianda ach thoisich Tearlach air am brosnachadh suas le binn-bhriathran fileanta, deas, gum bu chòir dhaibh am Prionns’, agus an caraid féin a chomhnadh an àm foirneart, ach le fior briathran blatha nach bu chearbaiche na sin chuir an dithis Thighearnan òga ìompaidh air-san, gun e bhi cho bras ann an gnothach cho cudthromach, nach biodh ann an eirigh a mach an aghaidh feachd Rìoghachd le prasgan de shluadh gun ionnsachadh ann an cleasan an airm, agus gun oifigich earbsach agus armachd cheart, ach léir-sgrios obann a thoirt a’ nuas air ceann gach neach a tharladh na leithid de chumasg gun chiall; air dha na daoin-uaisl’ a bhi mar so a comhradh, thainig Gàël òg dealbhach na làn armachd gu bòrd agus sheas e balbh ag eisdeachd le geur aire, conaltradh nan uaislean ris a Phrionnsa b’e ’n t-òganach so a thainig tànaisdear Thighearna Chinn-Locha-Mùideart, a thainig a dh’amharc na luinge gun fhios aige ro-laimh co bhà air bòrd. ’Nuair a thuig e gum b’e ’n coigreach a thainig a nuadh do’n tìr òighre rìoghail, dligheach Bhreatuinn, agus a chunnaic e nach rachadh a cheann-cinnidh no a bhrathair a chogadh na aobhar, chaochail e snuadh lăs a shùilean na cheann agus dh’fhàisg e ceann a chlaidheimh na dhòrn: an sin thug Tearlach an aire gu’n robh bruaillean air aigneadh, agus labhair e ris mar so,— “Nach éirich
Cha bu lugha na trì uairean de thìm a chaith Tighearna Chlann-Raonaill a’ conaltradh diamhair ris a Phrionnsa fo chlàr, thainig e ’n sin do ’n bhùth far an robh a chàirdean a bha fad na h-ùine ga fheitheamh. Ma thimchioll leth-uair an deigh sin thainig gallan dìreach de ghill’ òg a bha ro thlachdmhor a steach do’n bhùth, sgeudaichte le căsaig dhuibh, leine chaol, gheal, agus stoc geal cambraic m’a mhuineal agus bucal airgeid da dhùnadh, stocainean dubha, agus bucail bhuidhe umha na brògan, ăd dhubh agus sreang chorcraich m’a timchioll, agus ceann na sreinge ceangailte ri aon de phutanan na casaig. Cha luaithe chunna’ mi ’m fiùran so na mhothaich mi mo chridhe le h-eibhneas a dìreadh suas ri’m shlŭgan, ach thuirt O’Brian, Pears-Eaglais a bh’air bòrd rium gur h-e bh’ann Easbuig Sasunnach a bha air son na Gàëil fhaicinn, dh’ iarr O’Brian gun duine sinn bith a’ bha na shuidhe éiridh, tharladh gum b’e mi-fhìn an aon duine bha na sheasamh an uair a thainig e steach, agus ’nuair a shuidh mi, rinn e suidhe làimh rium; ach dh’eirich e suas le gradaig agus dh’iarr e orm suidhe an taice ris air ciste: air dhomh a shaolsainn ’san àm nach robh ann ach Pears-Eaglais labhair mi ris gu saor: Be chiad sheanachas a
Rè an latha sin agus an ath latha dh’fhan Tighearna Chlann-Raonaill maille ri Tearlach, bha Diùc-Abhall agus Tòmas Seridan a cuir an comhairle r’a chéile ma cia mar a b’ urrainn iad a thoirt air a chuid eile dheth na Fineachan éiridh, a bha mu’n àm sin ma thuaiream dà-mhile-dhiag fear. Air an dara latha-fichead de mhìos mheadhonach an t-Sàmhraidh chaidh Tighearna Chlann-Raonaill agus Ailean Dòmhnullach bràthair do Thighearna Chinn-Locha-Mùideart, do’n Eilean-Sgiathanach far an robh Sir Alasdair Mac-Dhòmhnuill Shléibhte, agus Mac-Leòid. ’Nuair a dh’ fhalbh na daoin’ uaisle sin air an turas, chaidh Uisdean Dòmhnullach bràthair Fhir Mhòr-thir do’n luing a shealltainn air a Phrionns’ thuirt an duin-uasal sin ri Tearlach “gum bu chôir dha bhi na fhaicheall nach robh e ro fhada bho Ghearasdan
Air a chuigeamh latha fichead de’ n mhìos thainig e air tìr as an luing agus an t-seachnar dhaoin’ -uaisl’ a thainig thar chuan leis maile ris. Chuir e chiad chăs air tìr-mòr na h-Alba’ ann an Bòrghadal, baile fearainn a bhuineas do Mhac- ’Ic-Ailein, a tha fagus do Loch-nan-uamh; am fìr mheadhon oirthire siar na h-Alba, a tha ma thuaiream ceud a’s ceithir fichead mìle bho Dhunéideann.
Bha Tighearna Chlann-Raonaill, mar chaidh chean’ aithris, mu’n àm so anns an Eilean-Sgiathanach, ach chruinnich caochladh dhaoin’ -uaisle dheth na Dòmhnullaich mar gheard ma thimchioll a Phrionns’, a thog a chairtealan ann an taigh Bhòrghadail. ’Nuair a smuainicheas
title | Caibidil II |
internal date | 1844.0 |
display date | 1844 |
publication date | 1844 |
level | |
reference template | Eachdraidh a’ Phrionnsa %p |
parent text | Eachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich |