[138]

CAIBIDIL XXI.

MARSAIL NAN GAEL DO’N TAOBH-TUATH.

AIR achiad latha de chiad Mhìos an Earraich, ghluais Tearlach agus mòr-fheachd an àirm Ghàëlich gu tuath agus stad iad ma òidhchaig Dunblathain, ach thriall Prionnsbeagan air aghaidh, agus dhfhan e na h-òidhche sin ann an Caisteal Dhrumainn tàimheach Dhiùc Pheairt. Air an ath mhadainn fhuair iad nan ròidean cho olc is gum beiginn daibh pàirt dheth an cuid trealaich fhàgail as an deighe. Ràinig iad an òidhche sin cho fad air an aghaidh ri Cruidhagus chaidil am Prionnsann an taigh Mhorair Iain Drumainn am Baile-Ranaich.

Air an lathairne-mhàireach, a ben treas latha den mhìos, chunnt Tearlach an àrmailt, agus fhuair e nach do theich urrad dheth na daoinair falbh sabha em barail. Chaidh an sin a shonrachadh gun trialladh iad gu tuath n-an chuideachd.[Ben t-aobhar mun drinn iad sin, eagal nach faigheadh iad teachd-an-tìr no cairtealan òidhche nam biodh iad uile còdhladh, do-bhrìgh gun robh biadh agus treŏdhaire tuilleadh as gann ra fhaotainn, a nasgaidh no chionn pàighidh, air aon slighe dan gabhadh iad. ] Mhàrsail na Fineachan Gàëlach agus am Prionnsa féin an rathad-mòr dìreach gu Inbheirneis, agus ghabh na réiseamaidean Machrach


[139] agus am marc-shluadh fo chomannda Mhorair Seòras Moireach an rathad timchioll a tha treòrachadh tro Shiorramachd Aonghais agus Obaraidhean. Bhan chuideachd gu chéile chodhlachadh ann am bailInbheirneis. Air acheart latha sin, bha Diùc Uilleam na stad acàradh drochaid Shruidhleadh a chums gum faigheadh an t-àrm-dearg air aghaidh, chaidh an drochaid sin a bhristeadh le Blackney air tùs a chogaidh a chum na Gàëil a bhag éiridh leis aPhrionnsa chumail air an ais.

An uair a beiginn don Diùc fantainn latha acàradh drochaid mas faigheadh e féin agus armailt thar an abhainn, chuir am Prionnsagus fheachd, iomadh bial-àth, agus dhìrich as thearainn iad iomadh tulach as bealach, gun umhail de dhfhuachd no dhoireann, atriall air an aghaidh tro gach cruadal gu siùlbhlach, suilbhear, neo-acanach. An latha theich iad bharr an t-Sléibhe, chan robh an dùic ach ma astar latha as an deighe, ach air an treas latha chuale gun robh an t-àrm Gàëlach astar shia latha an ceann air, agus gum bann nan chuideachd a thriall iad dhachaigh. Aon bhuidheann air an t-slighe dhìrich gu Inbheirneis, agus am buaidheann eile air rathad mòr an rìgh a ta dol timchioll eirthire cuain [Mun cuairt taobh na mara an Siorramachd Mhontroise agus Obaraidhean. ] Mhontroise agus Obaraidhain. Chunnaic e nise gum bu diamhain da bhi leantuinn na ruaige aig an àm sin; bhan t-sion agus am fuachd an impis gasanan fuara reòta dheanamh dheth achuid saighdearan: agus cha robh beanntaichean bàna sneachda na Gàëldachd a bha nisetogail an cinn dhosracha ghailbheinn na shealladh a toirt dha ach beag misnich a chum an tòir a leanntainn air luchd nam


[140] breacan. Air an aobhar sinn phill e air ais gu baile Pheairt, far an dhfhan e beagan laithean. Ach cha bann ri obair aghaisgeich non diùlanaich; chuir e prasgan dheth na saighdearan ruadha suas air feadh Gàëldachd Pheairt a shărachadh mnathan, clann, agus căirdean na h-aiteam a dhéirich leis aPhrionns’, agus a thogail chreachan dheth an cuid spréidhas amhlainn. Thug iad iomadh dheth na chobhartaich so gu baile Pheairt, ni a reic iad ri muinntir abhaile air son airgeid, agus thòisich iad air roinn na criche sin ann an lathair an Diùca féin! Ghlac iad air an turas gun chliù so, bainn-diùcPheairt agus bainntighearna Shrath-Ailein, a thug iad leo mar phrìosanaich gu ruige Dunéideann, agus chum siad iad fo ghlais fad thrì mìosan anns achaisteal!

Air di-dòmhnaich an siathamh latha diag de chiad mhìos an Earraich, ràinig Tearlach taigh na Mòidhe, tàimheach Mhic-an-Tòisich na Mòidhe, a tha ma thuaiream sia mìle diag bho bhailInbheirneis. Bha Mac-an-Tòisich féin aig acheart àm sin na cheann-armailt ann am feachd Rìgh-Deòrsa, ach bhabhaintighearn aig abhaile, bean-uasal fhoghainteach aig a robh mòr spéis don Prionnsagus a bha an deigh àireamh de Chlann-Chătain a thogail na aobharnuair a fhuair i Mac-an-Tòisich ás an dùthaich. Faodaidh sinn a mheas nach robh arigh a bhfhearr leis a bhainntighearnthighinn a dhiarraidh cuid na h-òidhchoirre na Tearlach Stiùbhart, a bha i bho chian an geall air fhaicinn. Bha rùn air a nise fantuinn ann an taigh na Mòidhe car beagan laithean gus an tigeadh an fheachd a bha mun àm so sgaoilte feadh na Dùthcha cruinn cuideachd, oir chaidh innse do Thearlach ann an so gun robh a nàmhaid Morair Loudon le seachd ceud fear ga fheitheamh ann am bailInbheirneis. —Ma


[141] chùig uairean samhadainn di-Dòmhnaich chuala Morair Loudon gun robh am Prionnsann an taigh na Mòidhe, gun a bhi còladh ris ach prasgan beag dheth a luchd-leanmhuinn. Mun àm sin bha seana baintighearna Mhic-an-Tòisich a chòmhnuidh ann an Inbheirneis, agus chual i gun dhfhalbh am Morair agus fheachd a chum na Mòidhe los am Prionnsa ghlacadh, air ball chuir i gillòg dam bainm Lachunn Mac-an-Tòisich a thoirt fios do bhean a mic mun chùis.

Ghearr Lachunn Mac-an-Tòisich aithghearra talbhainn air feachd a Mhorair agus rainig eMhòidhe na làn fhalas ma chuig uairean samhadainn -luain leis an naigheacd so: —Gun robh Morair Loudon, le cuig ceud fear ann an uighe mìle do thaigh na Mòidhe! Air ball chaidh am Prionnsa dhùsgadh agus a threòrachadh gu àite falaich ma bhruachan Loch Mòidhe far an tug Loch-iall agus cuid dheth na Gàëil a bha tighn na chodhail coinneamh dha; stad iad anns an ionad sin deas gu bualadh air feachd a Mhorair nam bfheudar dhaibh. Air an òidhche roimhe sin chuir bain-tighearna Mhic-an-Tòisich seiseir fhear air freiceadan, agus Dòmhnull Friseal, gobha dubh na Mòidhe, mar cheann orra, chuir an gobha an armailt bheag so ann an òrdugh cho mathsa dhfhaod e, thug e orra laidhe sios a measg phreasan bealaidh a bha ri taobh an rathaid le gunnaidhean làna, gach aon uidhe araid bho chéile, dhiarr e orra losgadh cho luath sa chitheadh iad coltas feachd a tighinn dlŭ dhaibh. Fa-dheoigh, thàinig toiseach armailt aMhorair ann an ionad urchair dhaibh, agus loisg an gobha an làn a bha na sheanna mhosg ghlagaich féin nan còdhail; agus air maluinn, ged a be urchair-theab a bha sin, cha bann annssan fhraoch a chaidh am


[142] peileir! —Mharbh e pìobair Mhic-Leòid Dhùn-bheagain a bha cluich air fior thoiseach na feachda. Cho luath sa chuala còmpanaich a ghobha fuaim na làmhaich, loisg gach fear urchair féin, agus leònadh leo so triuir no cheathrar dheth an fheachdghlaodh an gobha an sin le guth ard-labhrach:— “A Chlann Dòmhnuill, seasaibh air an laimh dheis, a Chlann Chătainn seasaibh air an laimh chlì, agus seasaidh mi-féins na Frisealaich sa mheadhon, agus faiceam nach leig sibh anam beò dheth na ghràisg as, a thàinig air bhur Prionnsa gràidh a mhort. Air cluinntin so do dh-armailt a Mhorair shaoil iad gum be guth Loch-iall a chuall iad, a toirt orduigh de mhor-fheachd aPhrionnsa tòiseachadh orra; ghlac maoim as uabhas iad gu léiragus ann am priobadh nan sùlchuir gach fear aghaidh air iùilsa chùl ri ain-eolapilltinn air an ais ann am mòr bhreisleich, a saltairt air muin a chéile, am fear bu laige bha en iochdar, ’s am fear bu treise bha en uachdar, agus cha do sheall iad aon uair as an deigh, gus an dfhàg iad an gobha agus àrmailt àireamh mhìltean air an cùl. Bha Tighearn òg Bhaile-nan-Gobhann fad iomadh bliadhna ann an armailt Rìgh Deòrsa agus ann an iomadh blàr fuileachdach ás na Rioghachdan so, agus chualas e gu tric ag aithris, nach fac e riabh ruaig cho dorainneach riRuaig na Mòidhe.” Chaidh sgeul air euchd aghobha aghiùlan a dhionnsaidh Thearlaich: an sin dhfhag e-féin agus a luchd-leanmhuinn an ionad fhalaich, agus chaidh iad le mor ghàirdeachas gum biadh-maidne gu taigh na Mòidhe.

Air an latha sin féin, an t-ochdamh de chiad mhìos an Earraich, fhuair Tearlach cuid mhath dheth an àrmailt cruinn, agus ghabh e air aghaidh do bhaile Inbheirneis,


[143] ni a thug air Morair Loudon teicheadh le chùig ceud diag fear a null thar Port Cheasaig gu Shiorramachd Rŏis. Bha Morair Seòras Moireach a nis air tighinn leis na réiseamaidean Macrach agus leis na marcaich. Fhuair am Prionnsa nisarmailt aon uair eile cruinn, agus thòisich iad air séisd a chuir ri gearasdan Aird-nan-Saor; fo ceann latha ghéill an gearasdan agus fhuair iad ann ma thuaiream ceud baraille feòla, &c. ni a rinn mòran fuasglaidh air feum an àirm.

titleCaibidil XXI
internal date1844.0
display date1844
publication date1844
level
reference template

Eachdraidh a’ Phrionnsa %p

parent textEachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich
<< please select a word
<< please select a page