[175] CAIBIDIL XXVII.
ALLABHAN THEARLAICH ’SAN EILEAN-FHADA.
BHA Tearlach mu’n àm sin ann an eilean Beinne-Mhaol an Uidhist a chinne-deas, an deigh dha féin a’s do ’n sgioba an òidhche chuir seachad gu dosgainneach a’ caitheamh na fàirge ri garbh shéideadh ann am bàta fosgailte. Anns an eilean so b’e bà-theach fosgailt’ bu lùchairt dha, bu leabaidh stàta dha connlach shalach, bu lion-anard dha lùireach de sheana chainb, bu bhiadh dha min choirc a’s feòil. Dh’ fhàn iad ri port anns an eilean so rè cheithir latha diag a thaobh doirbhead na sìde, ach air di-màirt an naoidheamh latha fichead de’n Ghiblin ghabh iad orra uidhe chuain fhiadhaich, a leigeadh fo sròin, agus chum iad oirre mar dh’ fhaod iad gu eirthire Leòghais, oir bha rùin orra dhol do Steòrnabhaidh far an robh dùil aig Dòmhnuill Mac-Leòid saigheach fharadh a chum am Prionns’ aiseag do’n Fhràing. Cha robh iad ach tacan air fairge gus ’na shéid a ghaoth gu treun; agus dh’éirich an linne na caoraibh gheala air chor is nach b’ urrainn iad giùlan n’a b’ fhaid’ air fuaradh, air an aobhar sin leig iad ruith
[176] leatha dh’
ionnsaidh an Eilein-
ghlais,
a ta na laidhe ma dha fhichead mìle tuath air Beinne-
Mhaol agus m’
an imisg chiadna deas air Steòrnabhaidh.
Chaidh iad air tìr anns an eilean so m’
a bhristeadh na camhanaich;
agus a thaobh gu’
m buineadh am fearrann do Mhac-
Leòid na h-
Earadh,
a bha’
n aghaidh a’
Phrionnsa’
mheas iad iomchuidh iad féin a chléth,
uime sin thug iad a chreidsinn air muinntir an eilein gu’
m bu cheannaichean Arcach a bha annta,
air an deach an long a bhristeadh na sgealban air an Dù’ -
Irtich,
droch sgeir a ta na laidhe sa’
chuan air taobh Siar Ile.
Cha do chuir muinntir an Eilein-
ghlais am briathran an teagamh,
agus a chum na cùise ’
dheanamh na bu ro choltaiche ris an fhirinn,
chaidh iad fo ainmeanan meallta.
B’
ann do Chlann na Ceairde bha ’
m Prionns’
agus O’
Suilibhan, (
a b’
e,
na’
m b’
fhior am mac agus an t-
athair,)
agus bha’
n sgioba gu léir air an gairm do réir ainmeanan tuathach eile.
Fhad sa dh’
fhuirich iad san Eilean-
Ghlas,
b’
ann an taigh Dhòmhnuill Chaimbeil,
màlanach an eilean,
a chuir iad suas:
nochd fear an taighe, (
ged bu Chaimbeulach e,)
mòr chaoimhneas daibh,
agus thug e a bhàta féin do Dhòmhnull Mac-
Leòid a chum a dhol do Steòrnabhaidh air ti an t-
saigheich a bha mhiann orr’
fhaotainn.
Dh’
fhalbh Dòmhnull do Leòghas air an lathairne-
mhàireach,
agus dh’
fhan am Prionns’
ann an taigh a’
Chaimbeulaich gus an tigeadh e air ais.
Air an treas latha de’n Mhàigh thainig fios bho Dhòmhnull Mac-Leòid gun dh’fhuair e saigheach, ag iarraidh air a’ Phrionns e dhol air aghaidh gun dàil, air an aobhar sin chuir Dòmhnull Caimbeul bàt’ eile na h-uidheam, agus fo làn sgioba, air an ath latha dh’ fhalbh
[177] iad leis a’
Phrionns thar chuan gu Steòrnabhaidh.
Ach mu’
n d’
ràinig iad an calla sin thiondaidh a ghaoth nan aghaidh,
agus b éiginn daibh ruith a steach do Loch-
Sìth-
phort a ta ma thuaiream fichead mìle bho Steornabhaidh,
choisich iad ás a sin tarsuinn a mhointeach a bha glè bhog aig an ăm,
agus air a’
chùigeamh latha de’
n mhìos stad iad aig rinn Rugha-
àr-
Innis ma uighe mìle do’
n bhàile.
As an sin chuir iad gille dh’
ionnsaidh Dhòmhnuill Mhic-
Leòid a’
g iarraidh air biadh a chuir thuca.
Air ball thainig Dòmhnull do’
n ionnsaidh le biadh a’
s drama,
agus theòraich sé iad gu taigh Baintighearna Chill-
Duinn far an deach am Prionns’
a laidhe.
Air do Dòmhnull Mac-Leòid pilleadh air ais do Steòrnabhaidh, chunnaic e muinntir a bhaile, cha mhor gu léir, air éiridh suas nan armabh, do bhrìgh sgeula buaitheam a’ chual iad:— “Gu’n robh am Prionnsa agus feachd lionmhor an deigh tighinn air tìr aig Rugha àr-Innis a los am baile ghlacadh.” Thuird Dòmhnull Mac-Leòid riu—Gun robh am Prionnsa chean’ air tighinn gu tìr, ach gum bu neo-chomasach e air baile ghlacadh anns an staid thruaigh anns an robh e, gun còladh ris ach seisear fhear. Thuird na Leòghasaich an sin ri Dòmhnull, nach robh rùn orra dochann sam, bith a’ dheanamh do’n Phrionns, ach a dh’aon chuid gu’n robh iad air son e theicheadh ás an crìochan gun dàil. Co-dhuibh; dh’ fhan am Prionnsa an òidhche sin aig Baintighearna Chill-Duinn, agus cheannaich e bò uaipe, agus b’ann air éigin a thug e féin agus O’Neill oirre sgillinn a ghabhail mar dhioladh air a son. Thug a’ Bhaintighearn’ mar an cianda pailteas branndaidh agus sŭcair do Thearlaich, maille ri dà pheice mhine. Air an ath mhadainn dh’ fhag iad an t-Eilean Leòghasach
[178] anns an dearbh bhàt’
anns an tàinig iad,
oir cha’
n fhaigheadh Dòmhnull Mac-
Leòid duine air fad an Eilein a ghabhadh air falbh leis a’
Phrionnsa do’
n Fhràing le eagal nan luingeas Sasunnach a bha do ghnà a’
freiceadan sa’
chuan a Siar.
Dh’
iarr am Prionnsa orra an cùrs a shuigheachadh air Arcamh-
Chuain,
ach dhiùlt an sgioba dhol air taisteal cho mòr gàbhadh le băta beag fosgailte,
dh’
iarr e an deigh sim orra deanamh air Cinn-
taile,
ach dh’
ŏb iad sin mar an ciadna,
le eagal gun rachadh an glacadh.
Shònraich iad an sin gu léir gu’
n gabhadh iad gu deas,
ach chaidh deach’
iad fad air an astar sin gus an tàinig dà long-
chŏgaidh na’
m fradharc.
Chum iad sin a sheachnadh leig iad ruith leis a bhàta dh’
ionnsaidh an Eilein-
Iaruinn faisg air na h-
Earadh,
béagan tuath air an Eilean-
ghlas,
anns an robh iad beagan lathaichean roimhe sin.
Cha robh a luchd-
còmhnaidh san Eilean air an àm sin ach beagan de dh’
iasgairean,
a bha ri marbhadh throsg a’
s langaichean,
bha iad m’
an àm am fac iad băta Thearlaich a’
tighinn gu tìr a’
sgaoladh an éisg air an leacaich air son a chaoineachadh,
agus air saoilsinn dhaibh gun bu luchd-
preasaich a chuir an dà long cogaidh a bha gabhail na linne gu ’
n glacadh,
theich iad air falbh da’
m falach fein anns ’
na còsan.
A thaobh gun dh’fhàg iad an t-iasg air an sgaoiltich ’nuair thug iad buinn as, rinn am Prionns’ agus an sgioba an dinnear gu cridheil air cuid de na truisg. Cha robh de dh’ fhardach ac’ air an òidhche sin ach bothan beag air a thughadh cho olc is nach “bu luaithe sian a’ muigh na snighe staigh,” ach air dhaibh seòl a bhàta sgaoileadh tharais air, bha iad rudeigin seasgair ged nach robh de leubaidh ac’ ach iad féin a shìneadh
[179] air an ùrlar fhuar!
Mu’
n do ghabh iad ma thàmh,
dh’
fhuin am Prionnsa bonach de mhin chorc’
agus de dh’
eanachail na bà a cheannaich iad bho bhaintighearna Chill-
Duinn:
b’
ann air a bhonach sin a rinn e féin agus an sgioba an suipeir,
thaitinn e riu gu math agus dh’
òl iad cùig sligean an fhir de phuinse laidir branndaidh na deigh,
nì a thog an aigne cho mòr ’
s gun chuir iad rè na h-
òidhch’
air chùl gach dosgainn a thainig nan dàil roimhe sin.
Be Imhear Burc mar bu tric bu chòcaire,
ach ’
nuair a’
chuireadh Tearlach féin a làmh san obair sin thug e barrachd orr’
uile gu léir. ’
Nuair a bha iad a’
fagail an eilein Iaruinn,
bha Tearlach leis an onair mar b’
àbhaist air son airgead fhagail air na leacan de na thog iad an t-
iasg—
Thuirt Dòmhnull Mac-
Leòid nach deanadh sin ach am brăth,
gu’
n bu ghlice dha ’
n t-
airgead a’
ghleidheadh fa chomhair fheuma,
agus na h-
iasgairean fhagail ’
n-
an ceud bhaireal—
gu’
m bu luchd-
preasaidh bha annta.
An deigh dhaibh a bhi ri port fad thrì latha anns an eilean bheag so, dh’ fhag iad e (air an deicheamh latha de’n Mhàigh,) agus mar bha iad a’ seòladh suas ri eirthir’ an Eilein-fhada stad iad aig an Eilean-Ghlăs, a los Dòmhnull Caimbeul a phàigheadh air son a bhàta. Mu’n d’ fhuair iad tìm gu dhol air tìr chunnaic iad ceathrar dhaoine tighinn da’n ionnsaidh le sàr choiseachd. Mheasadh iomchuidh Imhear Burc a chuir a chonaltradh ris na daoine, a raghainn air a’ Phrionns’ a dhol ann an cunnard a bheatha, le leigeadh leo tighinn dlù do’n bhàta. Chuir na daoine so an céill air ball gu’n robh a rùn orra am bàta ghlacadh, agus air do dh’ Imhear Burc sin a thuigsinn, phill e air ais na dheann-ruith agus leum e anns a bhàta mas do thàr iad breith
[180] air,
dh’
iomair iad an sin gu sgairteil bho thìr.
A thaobh nach robh deò ghaoithe á adhar b’
éigin daibh a bhi air na ràimh fad na h-
òidhche ged a bha iad buileach fann a chion bìdh;
ma bhristeadh an latha sgaoil iad na siùil ris an t-
saoirbheas a bha nis ag eirigh gu fabharach leo.
A bhrìgh nach d’
fhuair iad cead uisg’
a thogail anns an Eilean,
b’
éigin daibh gach tràth dhe an latha dhosgainneach so a chur seachad le stapaig do mhin chorc’
air a deanamh air mear-
shal;
ghabh am Prionnsa féin a chuid dhe na bheatha thruaigh neo-
bhlasta so gu suilbhearra (
mar bu ghnà leis e-
féin a ghiulan fo gach àmhgar a thainig riamh na charamh.)
An deigh dha a shàth a ghabhail de an dràmaig,
dh’
iarr e slige bhranndaidh a chuir mu’
n cuairt.
An deigh dhaibh an sgailc òl,
thuirt e: “
Ma tha e ’
n dàn domhsa suighe gu brăch sa’
chathair,
cha dì-
chuimhnaich mi ’
m buidheann a gabh an dinnear maille rium an diugh air an fhuaraig shàil’ .”
Air dhaibh a bhi seòladh suas ris an eirthir thàinig iad gun fhios daibh fasgus do luing chogaidh Shasunnaich, leig fir na luinge air ball ruith le chum an glacadh, an sin dh’iarr am Prionns’ air an sgioba iad a dh’ iomradh gu cruaidh, ag ràdh riu aig an àm: — “Ma sheachnas sinn an gàbhadh so cha bhi sibh gun bhur duais, mar a seachainn a’s raghnaiche leam dol do’n aigin na bhi air mo ghlacadh.” Lean an long air an ruaig iad fad naoi mìle: fa-dheòigh, thainig rag fhè is cha gluaiseadh seòl bho chrannabh na luinge air chor ’s nach b’fhada bha bàta Phrionnsa deanamh falach cuain oirre, agus chaidh iad a staigh a measg nan creag an ruinn Rugha Raoghadail na h-Earadh. Air dhaibh an anail a leigeadh an sin agus slige bhranndaidh an fhir
[181] òl,
bhuanaich iad air an aghaidh,
ach cha deach iad ach tacan air astar,
gus an tug long chogaidh eile an airre dhaibh,
a thòisich air an rugadh mar an cianda,
agus b’
ann air éigin a fhuair iad teicheadh do Loch-
Uisge-
Bhaidh am Beinne-
mhaol;
ach gu sealbhach cha bu luaithe fhuair iad an casan as a bhàta,
na shéid storm laidir an ceann a sguab an long de ’
n eirthir. ’
Nuair a chunnaic Tearlach cho caol sa’
thearainn e air an dà àm so,
thuirt e ri chòmpanaich gun robh e’
m baireil nach robh e’
n dàn da bàsachadh a dh’
aon chuid le uisge no teine.
Cha robh iad fad’ air tìr ann am Beinne-Mhaol gus na thòisich fear de’n sgioba ri sireadh maoraich a measg nan creag; air dha partan a ghlacadh thog e suas na làimhe e ga shealltainn do’n Phrionnsa le gàirdeachas: ruith am Prionnsa na choinneamh leis an spùidsear a chum am partan a ghabhail à laimh, agus cha b’fhada gus an robh an taoman sin làn aca de dh’iomadh seòrsa maoraich. Rinn iad an sin air bothan beag àiridh a bha mu uidhe thrì mìle bho’n chladach; air an turas da ionnsaidh ghiùlan am Prionns’ an spùidsear maoraich na làimh a thaobh gun robh gach duin’ eìle a’ giùlan eallach àraidh féin. ’Nuair a rainig iad am bothan chunnaic iad nach tàradh iad a staigh ann ach air a màgan. A thaobh gu’n robh nam beachd fantainn car seal ’san asdail so, dh’iarr am Prionnsa’ air Imhear Burc an starsach a thogail agus claghach sios foipe chum an dorais a dheanamh n’a b’àirde: air dhaibh am bothan a dheanamh cho goireasach sa dh’ fhaod iad, chuir am Prionnsa fios gu sheanna Mhac- ’Ic-Ailein (athair Thighearn òig Chlann-Raonuill, air am beil iomradh an toiseach na h-eachdraidh,) gun robh e nis’
[182] an déise tighinn air tìr an Uidhist air fiòr dhroch càradh.
Air ball thainig Mac-Ic’ -Ailein a dh’ amharc Thearlaich, agus thug e dha ionnsaidh aran a’s ìm, a’s feòil, a’s càise gu leòir, maille ri leth-dusan léintean, daothainn bhròg agus osanan, oir bha ’m Prionnsa m’an àm sin air fir dhroch caiseart. Air dha dă latha ’s òidhche chuir seachad anns a’ bhothan dhìblidh so, mheasadh iomchaidh gum bu chòir dha gluasadh ás gun dàil gu Gleann-Crùbasdail, (ionad falaich bu diomhaire,) ann am meadhon Uidhist-a- Chinne-deas. Anns an àite so chaidh bothan beag a thogail air a shon féin agus chaidh leabaidh chlàr a chuir suas ann agus dà sheiche gun chairteadh a chuir tarsuinn air dà mhaide os a ceann chùm a deanamh n’a bu sheasgaire. Feagh sa dh’fhan Tearlach, anns a’ ghleann so cha robh dìth éisg no sithne air; bha e na bhrod sealgair, agus bha e tilgeadh am pailteas de dh’iomadh seòrs eun: bha e mar an ceudna dol thun nan creag le slait a’s meaghar a mharbhadh fhliùghaichean, iasg a bha glé phailt air an eirthire man àm sin. Bha Mac- ’Ic-Ailein, agus a bhrathair fear-Bhaósdail gu tric sa’ ghleann ga amharc chum comhfhurtachd a thoirt dha na airc, agus a chianalas a chuir air falbh; dh’fhag Mac- ’Ic-Ailein mar an cianda da-fhear dheug de a chuid daoine mu’n Ghleann, a bha ghnà air freiceadan, a’ gabhal fradhairc mara ’s tìre.
’Sa’ cheart àm sin, cha robh n’a bu lugha na dèich mìle fichead pund-Sasunnach air a thairgse le Diùc-Uilleam air son ceann Thearlaich, gidheadh, cha’n robh an Albainn gu léir, neach a shanntaich an duais, ach aon duine, agus be sin Iain Caimbeul a Mhaim-Mhòir duin’ -uasal de theaghlach Mhic-Cailein, a bha na fhìr
[183] nàmhaid do’
n Phrionns’
bho’
n chiad latha thainig e air tìr am Mùideart,
air dha ’
chluinntinn gu’
n do theich am Prionns’
agus a luchd-
leanmhuinn do dh’
Irt,
dh-
fhalbh e le dâ long-
chogaidh agus ochd birlinnean làn feachda chum a ghlacadh. ’
Nuair a chunnaic na h-
Irtich,
an cabhlach a dhùthachadh ri tìr dh-
fhalaich siad iad-
féin ann an uamhannan nan creag agus cha b’
ann gu’
n spàirn a fhuair feachd a Chaim-
beulaich ’
n-
an cainnt;
ach ’
nuair a fhuair dh-
fharraid iad.— “
C’
àit an robh am Prionns’ ?”
thuirt na h-
Irtich, “ ’
nach cual iad riamh iomradh air a lethid de dhuine,
is nach mò chual’
iad facal mu chogadh,
ach aon bhoireannach mòr Gallda da’
m b’
ainm Mòrag a bha cogadh ri Mac-
Leòid,
agus gu’
n cual’
iad gun do chaill i ’
m blàr.”
Feadh sa’ dh-fhan Tearlach ann an Uidhist, bha baintighearna Shir Alasdair Mhic-Dhòmhnuill Shléibhte ’cuir phăipeirean-naigheachd da ionnsaidh anns am faigheadh e naigheachd na rìoghachd, ged’ a b’ ann air taobh an Diŭc’ a bha Sir Alasdair féin. Fa-dheoigh thainig an t-am anns an d’fhuair an t-arm-dearg brăth gu’n robh Tearlach anns an Eilean-fhada agus rùinich iad pairtidhean lionmhor sluaigh a chuir air tìr ann an iomadaidh ăite de’n eilean, agus “gach cùil a’s ciall” a mhion rannsachadh a chum am fògarach rìoghail fhaotainn an làimh! ’Nuair a chuala baintighearna Shir Alasdair gun robh iad a’ dol air a thì, chuir i fios gu Uisdean Bhaile-Sear ann an Uidhist a Chinne-Tuath. An deigh do dh’ Uisdean an teachdaireachd so fhaotainn cha do leig e clò le rosg gus an d’ ràinig e Gleann-Biasdail far an robh am Prionns’ am falach. Tha min-chunntas againn air an turas sin bho bhial Mhaistear Uisdean féin mar so sios:—
[184] “A thaobh an latha bhi fliuch agus ceòthach, thainig mi gle dhlù do’n bhothan mu’n tug iad an airre dhomh, dh’innis fear de’n chuideachd do’n b’àinn Ailean Dòmhnullach co as a thainig mi, agus co mi; anns a’ mhionaid chuir am Prionnsa’ făilt’ a’s furan orm, agus thuirt e gun robh e ro thoilichte gnùis duine chòir fhaicinn ann an àite cho leth-oireach, aonrach. Bha e air an àm sin air éideadh ann an cota-gearr breacain, agus siste-cota dheth an aodach chianda a fhuair a bho bhainntighearna Mhic- ’Ic-Ailein, feileadh goirid de bhreacan, sgàrlaid, osanan de chatas garbh màdair agus brògan baltach, fraocharanach; bha churac-òidhche balla-bhreac le sile-sùithe, (no mar a theireir ann an cuid de dh’àitean snithe-dubh) bha léine, aodann, agus a làmhun dubh leis an ni chianda, agus fhiasag gun bhearradh mu leth-oirleach air fad. ’Nuair a shuidh mi féin sa’ bhothan dh’iarr e drama chuir mu’n cuairt, an deigh dhuinn slige an fhir a sguabadh ás do réir cleachdadh nan Gàël, chureadh an dinnear air clàr. Mu’n robh sinn deis de’r biadh, co thigeadh a steach ach fear Bhaósdail agus be chiad seanachas a thuirt e “gun b’ fhearr, deireadh cuirme na toiseach săbaid,” agus thòisich e air ithe “gun chuireadh gun altachadh.” Thaitin a chŭis sin ris a’ Phrionns’ gu fior mhath agus thuirt e nam be is gun dìreadh esan gu bràth a chathair, gum biodh aon dìnnear Ghăëlach aige maille ri chàirdean ann an Lunnainn. “Cha’n eil mi buileach cinnteach mu’n chùis sin;” arsa fear, Bhaósdail, “chuir am fear bho’n tàinig mise’ Dòmhnull-Dòmhnullach (Mac- ’Ic-Ailein) seachd blàir ann an aobhar an fhir on bhuineadh tusa (Raibeart Brus) ach an deigh gach caoimhneis cha leigeadh Rìgh Tearlach air gu faiceadh se e ’nuair a
[185] ruigeadh e lùchairt.” “
O Fhir Bhaósdail,”
ars’
am Prionns’, “
na bi garbh suathadh seanna chreuchdan,
ma gheibh mise mo chòir air ais cha tréig,
mi na Gàëil gu bràch.”
An sin mu’
n do thàr mise mo theachdaireachd fhìn a chur an céill dh’
innis fear-
Bhaósdail gu’
n robh prasgan sluaigh a dol do Bharra air tì am Prionns’
a cheapadh.
Dh’
fharraid am Prionnsa, “
Cia as a thainig an sluagh sin.”
Thuirt fear-
Bhaósdail gum bu Leòdaich agus Dòmhnullaich iad a thàinig as an Eilean-
Sgiathanach.
Air dha sin a chluinntinn thuirt e nach robh eagal sam bith aige rompa a thaobh gu’
m bu Ghàëil iad.
An sin chuir mis’
an céill le mòr shaidealtas mo theachdaireachd fhìn bho Bhaintighearna Shir Alasdair,
oir bi’
dh cuid de dhaoine leisg air droch sgeul’
innse.
Bha’
m Prionnsa nise lan dhearbhta gu’
n robh e ann an gàbhadh mòr,
agus gum b’
iomchaidh dha Gleann-
Biasdail fhàgail,
gidheadh!
cha robh fìos aige féin no aig a chàirdean ciod an làmh air an tionndaidheadh iad.
Co-
dhiù,
chaidh iad ann am bàta, (
air a cheathramh latha diag de mhìos mheadhonach an t-
Shàmhraidh)
agus dh’
iomair iad i gu ruig Eilean-
Bhia far an dh’
fhan iad ceithir òidhche.
Air an ochdamh latha diag de’
n mhìos,
chaidh am Prionnsa,
O’
Neill,
agus Imhear Burc,
do Ros-
Innis,
agus dh’
fhàg iad Dòmhnull Mac-
Leòid,
agus O’
Suilibhan ann an Eilean-
Bhia.
Air an turas sin dh’
fhan Tearlach dà òidhche ann an Rŏs-
innis,
far an deach innse dha gu’
n robh prasgan de Chaimbeulaich Earra-
Ghàël a gabhail na slighe gu Beinne-
Mhaol,
uime sin smaointich e gum ’
b’
fhearr dha pilleadh air ais do Choradal.
A nise bu chruaidh-
chest cia mar a dheanadh e sin;
bha bàtaichean Fìneach nan Caimbeulach a dol air an ais agus air an aghaidh ann an caolas Bhia,
[186] far an dh’
fhàg am Prionns’
a bhàta féin.
Co dhiù, ’
nuair a dhorchaich an òidhche,
thainig Dòmhnull Mac-
Leòid,
agus O’
Suilibhan do Ros-
innis,
agus ghabh iad a staigh am Prionns’
agus an dithis chompanach eile do’
n bhàta.
Air dhaibh a bhi ’
g iomradh suas gu Còradal,
chunnaig iad dà long-
chogaidh,
agus a chum na nàimhdean a sheachnadh,
chaidh iad a staigh do’
n Acarsaid-
shalaich,
faisg air Uisinish far na ghabh iad tamh rè na h-
òidhche.
Chaidh am Prionns’
a laidhe ann an lagan creige,
air a shuaineadh ’
na bhreacan agus a bhonaid air a tharruinn sios air a shùilean.
Ghluais iad as a sin moch sa’
mhadainn an ath latha,
agus dh’
imir iad suas gu ceanna-
deas Uidhist,
a los dol a steach do Loch-
Baósdail,
far an robh iad an dùil tachairt ri Fear-
Bhaós,
dail a chum fuasgladh air pàirt de an uireasbhuidhach cha b’
fhada chaidh iad gus am fac iad dà long eile,
agus chum iad sin a sheachnadh,
ghabh iad tearmunn fad an latha ann an geobha creige,
thaobh is nach bu chomas daibh a dhol n’
a b’
fhaide air an aghaidh gu ciaradh na h-
òidhche.
Mu òidhche ghabh iad a cuan agus dh’
iomair iad gu math:
m’
a mheadhon òidhche chaidh iad a steach bun Loch-
Bhaósdail.
Air dhaibh a dhol gu tìr,
sgìth,
fann,
acrach,
rainig iad làrach seanna chaisteil far na shònraich iad a’
chuid a bha rompa de’
n òidhche chur seachad. ’
Nuair a bha iad a beothachadh teine air son na suipeireach a dheanamh réidh,
thug Dòmhnull Mac-
Leòid an aire do dhà long-
chogaidh tacan beag a mach uapa.
Thug Tearlach agus dithis de na daoine buinn ás suas do’
n mhonadh;
agus ghluais càch leis a bhàta gu ceann shuas an locha.
Ghabh an luingeas seachad gu’
n tighinn an còir an fhearainn,
agus thàinig na fògaraich bhochda aon uair
[187] eile an ceann a chéile,
ach bha iad rè dha òidhche an deighe sin gun a dol fo dhruim taighe,
ach ’
n-
an laidhe fo fhasgadh bhun an tuim,
agus seòl a bhàta tharais orra.
An deigh sin chaidh Dòmhnull Mac-
Leòid gu taigh Bhaósdail,
agus phill e air ais ann an ùin’
ro ghearr le naigheachd nach bu ro thaitneach le Tearlach a’
chluinntinn;
gun robh fear Bhaósdail an làimh aig na Sasunnaich,
air son a bheagain caoimhneis a nochd e dha cheana:
gidheadh,
a dhain-
deoin gach cùis chuir bean Bhaòsdail ceithir searragan branndaidh agus iomadh goireas eile a dh’
ionnsaidh Thearlaich le Mac-
Leòid.
Air an treas òidhche chaidh iad n’
a b’
fhaide air an aghard gu ceann shuas Loch-
Bhaósdail far an dh’
fhan iad fad dà òidhch’
eile;
ann an so chual iad gun robh an luchd-
tòrachd air iathadh mu’
n timchioll air gach làimh.
Air ball thriall Tearlach gu Beinne-
Mhaol a’
giùlan leine fo gach achlais,
agus cha leigeadh e le duine dhe a’
luchd-
leanmhuinn an t-
slighe so a ghabhail maille ris,
ach O’
Neill a mhain.
Réir mar bu chùimhne le Dòmhnull Mac-
Leòid,
b’
ann air a cheathramh latha fichead de mhìos mheadhonach an t-
Sàmhraidh a ghabh am Prionnsa (
faodaidh mi ràdh)
a chead siorruidh,
de’
n triùir dhaoine dealaidh a dhlù-
lean ris fad ochd seachduinean fo iomadh gàbhadh agus dosgainn.
Mun do dhealaich e riu thug e tastan ’
s an latha an fhir mar thuarasdal do na ràmhaichean.
Do bhrigh nach robh de dh’
airgead aig’
air a shiubhal na phàigheadh Dòmhnull Mac-
Leòid ăs ’
s ăs,
thug e dha dreachd air tri-
fichead pistol,
[Pistolles se sin bonn òir de chuinneadh Spainteach a tha cho math ri sia-tastain diag a’s sia-sgillinn. ] a bha gu bhi air a phàigheadh le duin’
[188] uasal da’
n b’
ainm Iain Hay,
ach cha d’
fhuair Mac-
Leòid cothrom riabh air an dreachd a nocdhadh do’
n duin’ -
uasal sin a chum an airgeid a tharruinn;
air an aobhar sin cha dh’
fhuair Dòmhnull Mac-
Leòid sgillinn fathast air son na dh’
fhuilig e chruadal maille ri Tearlach,
gidheadh cha chualas e riabh a’
gearan no caoidh air son a shaoithreach!