[233]

CAIB. XXXII.

TURAS THEARLAICH DO BHAIDEANACH: A THEICHEADH DON FHRAING.

BHA Tearlach a nisair son dol a chŏmhnaidh maille ri Cluainidh agus ri Loch-Iall, a chual e a bhi fantainn ann an ionad fhalaich sheasgair ann am beanntaichean Bhàideanach, air an aobhar sin chuir e duine dom bainn Iain Mac-Coilbhinn, (fear do choitearan Loch-Iall féin,) le litir do Bhàideanach a dh’ -fheuchainn am biodh na h-uaislean air son da dol a chòmhnaidh maille riu.

Air an lathairne-mhaireach an deigh sin ghluais am Prionnsagus a phàirti do Thorra-mhuilt fagus do dh-Acha-na-Garaidh. Dhfhàg Fear Ghlinn-Aladail am Prionnsann an so, agus chaidh e sìos thun achladaich far an robh e gu bhig amharc air son nan long Fràngach ris an robh sùil gach latha tighinn a nall; agus bha e gu fios a leigeadh gu Tearlach a cheart cho luath sa thigeadh iad. Mu dheireadh a mhìosa bha Tearlach air a chuir thuige gu mòr luasgan ann an Acha-na-Gairidh, lechluinntinn gun robh chiad fear, de Chaim-Beulaich Earra-Ghăël, agus do Ghranndaich Shrath-spé, fo chomanda Chaiptin Ghrannd a Chnocain-duibh atighinn fo làn armachd gu crìochan Loch-


[234] Iall, a thaobh gun cualiad gun robh Tearlach ga fhalach air sgàth an àite sin. Mar bhan sealbh an dàn do Thearlach theòraich na diùlaich a bha còmhladh ris e mach tro na choille air chor is gun do sheachainn e sùilean an nàmhaid, agus theich iad gu mulach Maoil-an-t- Sagairt beinn ard, chreagach, chas, ro dhuilich ri dìreadh. Rinn iad stad air aonach na beinne so na h-òidhche, gun bhiodh, gun dràm, gun tombaca!

Air an ath latha theirinn am prionnsa (mar bu dha bhĭth gu fuar, acrach) Maol-an-t- sagairt, agus chaidh e thar Loch-arcaig; agus rinn e-féin agus a Luchd-leanmhainn taigh falaich de bharrach nan crann ann an Giùbhsach Mhic Dhòil’ -Duibh. Cha bfhada bha e chòmhnaidh ann an sinnuair a thainig gilles litir dha ionnsaidh bho Chluainidh, a dhinnse dha gun robh dùil aig Cluainidh féin tighinn air a thoir gu ruigaGhiùbhsach chum a threòrachadh do Bhàideanach far an robh e-féin as Loch-Iall a chòmhnaidh. Cho luath sa leugh am Prionnsan litircha drinn e lugha fir òrain,” ach thog e air air ball agus thriall e do Bhàideanach, an dòchas tachairt ri Cluainidh air an rathad a tighinn. Bhonuair a dhfhàg Tearlach Acha-na-Garaidh cha deach e fo thaigh gus an drainig e taigh Mhic-Dhòmhnull na Tulaiche-cruime ri taobh Loch-Lagain, far do ghabh e biadh as deoch as clò beag cadail. ’Nuair a dhéirich e samhadainn, chuinnaic fear na Tulaiche-cruime gun robh éideadh air dol gu tŭr gu chùl, agus thug e dha cota-gearr de chlò donn, leine agus daothain bhròg! Rainig e Băideanach air an naoidheamh latha fichead den mhìos, agus chuir e chiad òidhche seachad ann an Coir’ -an-Iubhair fo iochdar Beinn-Altair. Than t-àite sin de Bhàideanach


[235]cho gann de choille is mach falaicheadh fiadh a chabar ann,” ach a dhaindeoin sin cha robh ionad falaich air tir-mòr cho math ris, tha e làn chàrn, gharbhlach, as chòs.

Bha Cluainidh agus Loch-Iallnan oghaichean, agus uime sin ro ghaolach air achéile, rinn iad ionad falaich dhaibh féin ann am Meall-an-Iubhair air Beinn-altair, agus bha Mac-a- Phearson Bhracachaidh, a bha pòsda ri piuthar do Chluainidh, acur thuc a bhiadhsa dheoch mar chaitheadh iad.

Air an deicheamh latha fichead de mhìos dheireannach an fhoghair (an darra latha an deigh do Chluainidh falbh an coinneamh aPhrionnsa) bha Loch-Iall Fear-Bhracachaidh agus dithis eile, acluich air na cairtean ann am bothan falaich Mheall-an-Iubhair a chum cur seachad na h-ùine, ’nuair a bha gillŏg eile dam bainm Ailean Cam-Shron acumail freiceadain air uchdan os-ceann a bhothain. Air dhaibh a bhi co-strì maghlacadh na deichThainig Ailean Cam-Shron a staigh le cabhaig a dhinnse gun robh cŭignear dhaoine fon armachd atighinn a dhionnsaidh abhothain, (se sin ri ràdh; am Prionnsa, Fear-Locha-Garaidh, Gilleasbuig Cam-Shron, bràthair Loch-Iall féin, agus a dhà sgalaig, biad so na fir a thainig maille ris aPhrionnsa bho Acha-na-Garaidh.) Bu diamhain do Loch-Iall a nisionnsaidh thoirt air teicheadh; ged a bhiodh a phăirtidh nàimhdean, mar a shaoil iad a bhi ann, ni bu lionmhoire; bha ghunna dhiag agus ceithir dagachan aca làn anns abhothan, agus bha iad an deigh cuid dhiu a chur a mach tro thuill a bhair abhalla chum làdach chinnteach a losgadh air a phàirtidh a bha dlùthachadh riu, agus cha bann gus an robh an t-iarunn-leigte ga


[236] tharrainn thuige a dhaithnich Loch-Iall gum be am Prionnsagus a chàirdean féin a bha tighinn!

Air ball chaidh Loch-Iallan coinneamh na pàirtidh agus air dha fàilte shuilbhear a chuir air aPhrionnschaidh iad gu léir a staigh don bhothan. Ged nach robh am bothan so ro mhòr, no rìmheach, bha e fada bho bhi na thalla dòlum: bha gu leòir a staigh ann de mhuilt-fheoil ùir as shàilt, de dhìm, de chàise, de dharan agus do dhuisge-beatha. Cho luath sa rinn Tearlach suidhe dhiarr e cuach a lionadh de dhriùchd Beinn-Altair, air dha sin fhaotainn dhòl e air stàinte na cuideachdabho bhalla gu balla.” Air don phàirtidh an dìnnear a ghabhail, thuirt Tearlach: “Tha mi nisa dhaoin’ -uaisle a cheart cho sona ri Prionnsa.” Dhfharraid en sin do Loch-Iall; “an robh e beò cho sòghar sud bho latha Chuil-Fhodair:” Thuirt Loch-Iall:— “Bha mi fhìn agus mo chairid Cluainidh dìreach mar tha sibh afaicinn bhon uair sin, gun a bhi car ni bu mhiosa na so, agus buidheachas do nèimh a luthaig do bhur mòrachd rìoghail-satighinn a nise ghabhail pàirt dheth na thagainn.

Nuair a ràinig Cluainidh Acha-na-Garaidh, agus gun am prionnsa bhi air a chinn: phill e air ais air ball do Bhàideanach; agus rainig e Meall-an-Iubhair latha an deigh aPhrionns’. ’Nuair a chaidh e steach don bhothan agus a chunnaic Tearlach e rinn e iathadhna ghlacan agus phòg se e; “Boil leamsrs esan, “a Chluainidh nach robh thu féin agus do chuid Pearsonach linn latha Chuil-Fhodair; ’s ann bho cheann ghoirid a chuala mi gun robh thu cho faisg oirnn an latha sin.”

Mun àm sin thuig Cluainidh gun robh am Prionnsa na lùim a chin aineirt-cneis, cha robh aon leine ghlan


[237] no shalach aige ach aon droch giobal de dhanard garbh a bha ma dhruim, do nach do bhun boine uisge, ach na bha drùdhadh air de dhìlan adhair, o cheann chùig seachduinnean. Uime sin thug e air a thriùir pheathraichean [Iseabal, banntrach Mhic-an-Tòisich Abar-àrd-thìr, Cairistiana, Bean Fhir Bhracachaidh, agus Anna, bhanuair sinna maighdein ach a phòs goirid an deigh sin Mac-a- Phearson Dhal-Ràdai. ] tòiseachadh air léintean a dheanamh do Thearlach, ni nach robh iad leisg air a dheanamh. Air madainn an ath latha bha leine bho gach de na mnathan uaisle so ann am bothan Mheall-an-Iubhair.

Air an lathairne-mhàireach, mheasadh iomchaidh Meall-an-Iubhair fhăgail, uime sin ghluais iad gu achadh àiridh Uisge-chill-rath, an deigh dhaibh trì òidhche chur seachad anns abothan ăiridh air an achadh so, a bha ro neo-sheasgair agus ceòthach; chaidh iad iomraich a rithist gu taigh diona a thog Cluainidh gu ro innleachdach ann an Leitir-na-Lic, ma astar mhìle nas faide suas ann an Beinn-Altair. Bham bothan so air a dheanamh a meas gharbhlach chlach as chràmasg chraobh, ann an aodann beinnard chăs; bha e air iathadh le dìgair a bhial-thaobh, agus le creag ard liath air a chùl-thaobh; Bha àitair a dheanamh don cheò a mach ri aodainn na creige so: agus do bhrì gun robh an ceò agus achreag air an aon tuar, ’nuair a sgaoileadh, no dhìreadh e ri aodainn na creige, mar thuirt mfhear sgeòil riumsa, “cha dhfhuair duine sùilna chlaigeann a chuireadh eadar-dhealachadh eadar e-féin sachreag. Thug na h-uaislean ansìth-bhruthmar ainm air an taigh-dhiona so, agus gu deimhin bu mhath an t-ainm air e, oir cha burrainn don na sìochraichean a bhi ni bu shàbhailtenam bruth féin na bha luchd-còmhnaidh an talla so!”


[238]

Bhan sìth-bhruth cho farsuinn is gun robh rùm math ann do shianar no sheachdnar. Bu tric a bhiodh ceithrear dhiu sog iomairt air chairtean agus an triùir eile ri fearas-taighe; fear a fuine, fear a tiunndadh nam bonach ris an lic, agus fear eile ri cumail freiceadain ma bhraighe na beinne.

Fa-dheòigh air an t-siadhamh latha de Mhìos mheadhonach an fhoghair, thainig long-chogaidh Fhràngach a steach do Loch-uan-Uamh dam bainm LHereuz agus La Princessi, a chum am Prionnsaiseag don Fhràing. Chuir iad so air tìr dithis dhaoinuaisle, Caiptin Seiridan agus Mr OBreine, los am Prionnsafhaotainn a mach: chaidh iad air achiad tarrainn far an robh Fear-Ghlinn-Aladail. Air ball chaidh Fear-Ghlinn-Aladail do dhAcha-na-Garaidh far an dhfhàg e Tearlach, a thaobh nach robh fios aige gun dfhalbh e as an sin do Bhàideanach. —Faodaidh sinn a nisa smaointeach gun robh Fear Ghlinn-Aladail ann am mòr chàmparnuair a fhuair em bothan anns an dfhag e Tearlach air a losgadh sìos gu làr leis na saighdearan dearga, gun fhios sam bith aige càitan rachadh e dha iarraidh féin. Bha Fear-Ghlinn-Aladail a nisann an imcheist mhòir, a dol an nullsanall, ag iarraidh Thearlaich air seacharan, agus mar a faigheadh se e ann an ùinghearr, bhan luingeas gu seòladh dhathaigh as aonais, mar rinn an long a thainig am meadhon an t-sàmhraidh do Loch-.

Bha Fear Ghlinn-Aladail a falbh air alaban mar so fad thrì latha, gus fa-dheôigh gun thachair e ri seanna bhean a dhinnis dha gun dhfhalbh am Prionnsá crìochan Loch-Iall gu tŭr, agus gun robh e nisann am Bàideanach còladh ri Cluainidh. Gun tuile dàlach chuir e


[239] Iain Mac-Coilbhinn, a chaidh air an turas roimhe so, le fios do Bhàideanach gun tainig an luingeas. An deigh sin phill Fear-Ghlinn-Aladail gun stad a dhinnse do na h-uaislean Fràngach gum biodh am Prionnsa còladh riu ann am beagan ùine.

Air an t-slighe do Bhàideanach thachair Cluainidh agus Mac-Coilbhinn ri chéile; chuir Mac-Coilbhinn an céill a theachdaireachd. Phill Cluainidh air ais gun stad a dhinnse sgeul an àigh do Thearlach. Air don Phrionnsan naigheachd so a chluinntinn, air ball theirinn e-féins na h-uaislean le bruthach, agus bha iad air madainn an t-se-amh latha diag ann an Acha-na-Garaidh, far an dfhuair iad caisteal Mhic-Dhòil’ -Duibh air a losgadh gu làr, pàirtidh dheth an àrm dhearg a thainig a nuas á Cille-Chuimean: co-dhiù leag iad an aineal ann an sin gus na chròm aghrian. ’Nuair a chiaraich an òidhche dhfhàg iad Acha-na-Garaidh, agus bha iad ma dha uair samhadainn ann an Gleann-Camaghair aig ceann Loch-Arcaig. Spad iad ann an so, agus rinn iad an suipeir air aran corcas feòil as slige no dha an fhir de dhuisge-beatha. Ma bhial an latha air an ochdamh latha diag dhfhag iad Gleann-Camaghair, agus bha iad ma choinneamh an luingeis aig ceann Loch-nan-Uamh air an ochdamh latha diag de mhìos mheadhonach an fhoghair.

Ghabh Cluainidh agus Fear-Bhracachaidh an cead do Thearlach agus do Loch-Iall ann an so, agus phill iad air an ais do Bhàideanach: bu roghnaiche leo fantainn fo thuinn nan dùthaich féin no dhol a dhiarraidh fasgaith ann an tìr choigreich anns nach robh iad cinnteach ri gabhail riunuair a ruigeadh iad.

Air feasgar an naoidheamh latha diag, chaidh am


[240] Prionnsagus na h-uaislean so air bôrd na LHereuz: —Loch-Iall, Tighearn òg Chlainn-Raonaill’, Fear Ghlinn-Aladail, Dòmhnullach Dhail-a- leith agus a dhà bhrăthair, Iain Ruadh Stiùbhart Chinne-Chardainn, agus an t-Olla Cam-Shron bràthair Loch-Iall. Ghlac iad Colla Bàn Bhărasdail, agus thug iad leo ena phrìosanach don Fhràing, a thaobh gun cualiad gum bu ghnà leis a bhi sgrìobhadh litrichean brathaidh a dhionnsaidh Dhiùc Uilleam do Chille-Chuimein!

Chùm Tearlach an luingeas fad thrì latha ann an Loch-nan-Uamh an deigh dha féin agus do na h-uaislean a dhainmaich mi dhol air bòrd, a chum gum biodh ùinaig achuid eile de na Gàëil a bha nam fògaraich air feadh nan Gàrbh-chrioch cruinneachadh a dhionnsaidh an luingeis, a chum Breatuinn fhàgail mar an ceudna. Uime sin cha bu lugha na trì fichead duin’ -uasal agus cùig fichead saseachd den tuath-cheathairn a ghabh an t-aiseag don Fhràing maille ri Tearlach. Sheòl iad air an treas latha fichead de mhìos mheadhonach an fhoghair. Bha mhuinntir a chunnaic iad ag aithris, gum faichte na deòir atearnadh bho shùilean gach uasail as iosail, mar bhan luingeas aseòladh o thìr, agus iadsan aghabhail an cead do bheanntaichean corrach Alba, ged a bha iad gu léir an dòchas pilleadh air an ais ann an ùinghearr— “Le pannal ghruagach a luaigheadh an clò ruadh gu daigheann.”

Crioch na h-Eachdraidh.

titleCaibidil XXXII
internal date1844.0
display date1844
publication date1844
level
reference template

Eachdraidh a’ Phrionnsa %p

parent textEachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich
<< please select a word
<< please select a page