CRUINNEACHADH TAGHTE DE DH-ÒRANAN A RINNEADH DO’N PHRIONNSA AGUS ’NA AOBHAR, LE UGHDARAN EUGSAMHAIL.
Mheas mi iomchaidh na h-òranan a leannas a chur mar leasachadh ris an leabhar so chum an “Eachdraidh” a dheanamh cho iomlan sa’ b’urrainn mi. Tha iad a’ cur mòran soluis air cŏr agus dùrachd nan Gàël mu’n àm anns an d’éirich iad a mach a’ chur an aghaidhean ri cruadal “Bliadhna Thearlaich.”
ORAN I.
ORAN AIR BREITH PHRIONNSA TEARLACH.
LE MAC LACHUINN CHILLE-BRÌDE.
AN naigheachd a fhuair sinn an dràst,
A thainig oirnn nuadh do’n tìr,
Chuir m’ airtneul air chairtealan uam
Dh’ fhàg aigeantach, uallach mi,—
Cha bhi sinn tuille ni’s mò,
Aig Deòrsa fada fo chìs,
Thig sonas ri linn a’ Phrionns’ òig
’S gheibh fir a th’air fògradh sìth.
Rugadh Phenics thall anns an Ròimh,
Sgeul aigeantach mòr ri linn,
Gu’m bi neart, agus ceart, mar ri treòir
Do’n fhear sheasas chòir an rìgh;
Théid a’ chuibhle fathast mu’n cuairt,
’S am fear a tha shuas bi’dh e shìos,
Bithidh ’m fear a tha streupa gu h-àrd
’S fear eile gu làr tuitidh sìos.
Tha rionnag [Bha na Gaeil a’ cumail a mach gu’n d’ eirich reull anns na speuran cho luath sa rugadh Tearlach. Tha cuid de na seana Ghaeil a chotharraicheas a mach an reull so fo ainm “rionnag a’ Phrionns.” ] a’ bhreithe mar tha,
Toirt fios agus fàisneachd fhior,
Gur mach-rath’ a thainig an dràst
Chuir Athair nan Gràs g’ar dion,
’Neach thogas ’na aghaidh a làmh,
Thigh bhreitheanas mhàn air cinnt,
Thig cogadh air, gort, agus plàigh
A’s faighinn a bhàis chin bìdh!
Tha Neptun a’ mionnachadh dhà,
Gu’m beil muir dha cho réidh a’s tìr
Tha Eolus a’ feitheamh a ghnà
’Sa gleigheadh dha bàigh a ghaoith
Tha Mars a’s a chlaidheamh ’na làimh,
Le buaidh chath ’s gach àite ’m bi,
Tha plannta nan duilleagan tlàth,
Toirt urraim ’nan àite féin.
Thig mùthadh air fonn a’s droch gnàs,
Cha bi dris ann an làr nach crìon
Bi’dh gach tulach ’nan iomairean réidh,
’S fàs criothnachd air aodainn shliabh,
Cha deann sinn tuilleadh ceann-fàth,
O’n theirig an fhreumh nach cinn,
Sin an gartlan a ghlanadh o’n chàrr
’Bha bacadh dhuinn fàs n’ar sìol.
Sgeul eile cha cheil mi an dràst
Cuiridh coille trom bhlà os a cinn,
Cuiridh ’n talamh gun airceas de bàr
Tacar mara cuir làn ’s gach lion,
Bi’dh bain aig an eallaich ’s gach àit,
Mil air bharraibh nan sràbh ’s gach tìr
Gun ghainne gun airceas gu bràch
Gun ghaillionn ach blàths gach sian.
Rinneadh an t-òran so le Mr Iain Mac-Lachuinn Chille-Brìde, ann an Lathuirn iochdrach. Bha gach duine de Theaghlach Chlann-Lachuinn Chille-Brìde teòm air eachdraidh agus bàrdachd, agus bha e air aithris gu’m b’iad sgoileirean Gàelig a b’ fhearr e bha ’n Albainn ri’n latha. Dh’ fhag iad leth chiad leabhar ’nan deigh sgrìobhta air craicneann mharbh-laogh, agus chaorach, anns an t-sheana ghearra litir Ghàëlich anns bu ghna le seanachaidhean Albainn agus Eirinn a bhi sgrìobhadh. Tha leabhar ’ar fhichead dhiu so fathast ri faicinn ann an Leabhar-làn Luchd-lagha Ghlascho, maille ri tri leabhraichean leigheis a bh’ aig Iain Beaton an t-olla Muileach.
title | Oran I |
internal date | 1844.0 |
display date | 1844 |
publication date | 1844 |
level | |
parent text | Cruinneachadh Taghte de Dh-òranan a Rinneadh do’n Phrionnsa agus na Aobhar |