ORAN XI.
A RINNEADH SA’ BHLIADHNA 1746.
LEIS A’ BHARD CHEUDNA.
AIR FONN. —“Let history record. ”
’S FUAR fearrshionnach gach lò,
Gach òidhche dorcha, doinnionach;
’S tùrsach donn gach lò,
Mortaidh trom le ceò:
Ach mosglaibh suas a shlòigh.
’S ar n’ airsteal trŭsaibh chum an cairsteal’,
’S carstaibh uaibh ar bròn:
Tha léig ri muir ’s ri spéir,
Ri bhi aig Æolus, ’s aig Neptun,
’S thig gach tlachd na déigh.
Thig soirionn leis an Rìgh
Teichidh sneachd is éireadh uainn
Fògrar dòireann shian,
Thig sòlas, falbhaidh pian
Gach seòrsa de gach fìon,
Thig o’n Fhraìng na thunaichean;
’S gu caisg sinn uil’ ar n-ìot:
Gheibh sinn tuil’ d’ ar miann,
’S m’ar nàimhdean dh’ fhàg sin uireasach,
S’ dlù chuireas sinn ar lìon,
O sheanachainean nan Clann,
Suas deanaibh eachdraidh éifeachdach!
O sheanachainean ’s an àm,
Glacaibh dubh a’s peann!
So a’ bliadhna chòrr,
’San tig a’ ghrian le meò-bhlàs blathor
Le gathan chiatach òir:
Bi’dh driùchd air bharr an fheòir,
Bain’ is mil gun luach, gun mhargadh,
Airgead agus òr.
Na gabhaibh sìth o Dheòrs’,
Le ’r dòchas neartmhor, fìrinneach;
Creideibh dìan ’s a chòir,
Gu ’n tig relibh ni’s leòir;
Na biodh ar dòchas fann.
Gur h-ann a réir mar chuireas sibh,
A bhios ar buinig ann:
O fuirichibh a Chlann,
’S chì sibh ’ur n-uil’ uireasbhuidh,
D’a bhuinig le cruathas lann!
Ciod e do chearts’ air crùn,
Ach adhairceach bhi sparradh ort?
’S co sean ri d’ chòir o thùs,
Brìos òr-cheaird bha’n Renfriù:
Ach bha aon-faileis ann,
De thrustur de dh’ achd pàrlamaid,
A dh’ fhoil an crùn ma d’ cheann:
Ach tog so leat ’na d’ sgéith;
An t-Uilleam rinn an t-achds’ dhut,
Gu ’m b’ ea-coireach e-féin.
Dean aithre thùrsach gheur,
’S grad thoir air ais na th’ agad uat;
Dean aithre ghuineach ’s géill,
’S le bròim bruic toilich t’fheum:
Cum agad do chuid féin,
’S leig uat còir an atharraich,
Gun chlaidheamh gun dad sreup;
Dia, daoine’, is nàdur treun,
Bi’dh ann a léig mu’n òighr’,
Thoirt dachaigh, choibhris ceart a threud.
Craobh-sheanchais teaghlaich rìgh,
Na h-iocharain bi’dh eòlach uimp’;
Craobh-sheanchais teaghlaich rìgh,
Bi’dh map dh’i ’n iomadh tìr;
’S ma chuirear car am bidh toinn,
’S an t-snàithean dhireach òighreachdail,
Gu ’n toir fainear an fhoill;
Ach gairmidh Dia le sgoinn,
Chum an ionaid dhleasanaich,
Ceart oighre deas an loinn.
Cha n-eil an leith-sgeul ann,
Ach saobhadh fann mi-dhiongmhalta;
’S i ’n eugcoir shoiller th’ ann,
Do neach a bheirte dall:
Ma ’s creideamh an aon chùis,
Chionn nach d’ fhuair e oideachd,
Anns an teagasg a rinn Lùth;[Martin Luthar]
O ma ’m b’ e sin an càs!
Cuim na chuir sibh shì-seanair,
Cho mi-rùineach gu bàs?
Cha n-eil ar goal d’ar rìgh,
Ach mar air an t-siùrsaich choitcheannta;
’S cuglach staid ar Rìgh,
Cuairt thoirt d’a ’s bhi sgìth:
Gu ’n d’fhogair sibh e rìst’
Le’r n-iomluas sliochd a’ mhartoir sin,
Le as-caoineachd ar crì;
’S na dheigh sin gun tug oghachan,
Do dh’ Anna crùn a sinnsearachd,
Gu ’n phuinseinich sibh luath.
O ’s caol na teud a Dheors’!
Air na shéinn thu gu trì rìoghachdan;
Gur mealta an t-achd le ’n chleòc,
Iad thusa, ’na d’ rìgh oirnn;
Tha leth-cheud pears’ ìs còrr,
Is faigse fuil is tagraidhean,
Na thusa sa’n Roinn-eòrp;
Bu leath-oireach lag, cam,
Am miar boireann o na bhuineadh tu,
B’ fhior iomallach ’sa chrann.
O ’n culluch sin Rìgh Deòrs’,
Mac na craine Gearmailtich!
’S e chàirdeas rinn ’s a dhàimh,
Gaol fithich air a’ chnàimh;
Gu ’n d’fheann e sinn o’r béin;
Ghlac a’s chreach an cealgaire,
’S gu ’n mhàrbh e sinn gu léir;
Na daoine cha leis féin,
’S ann uime sin gur coma leis,
Go d’ phronnamaid a chéil’.
An leanabh nach leis féin,
Ge d’ dheanta da leath chothrom dheth,
Cha tiomaichd e le phéin;
A chrì’ gun tlŭs, gun deur:
’S amhuil sin mar tha,
G e d’ chuirt’ a h-uile Breatuinneach,
Gun mhéin, gun chead gu bàs;
O nach leis féin am pàist,
Cha ghluaist’ a neach nach b’athair dha,
Gu fàbhar na gu bàigh.
Greos ort a Sheumais chaoimh,
’S tu ’s rìgh ’s is a athair talmhai’ dhuinn
Fo’n adhar nèamha naomh’;
Gabh tlŭs ri d’ chlainn ’s bi caoin:
’S o ’s leat féin a chlann,
Cuir casg air croìch ’s air geuragan,
Tha reubadh dhinn nan ceann;
’S cuir do threud fo lann;
’S na leig a bhi d’ ar geur-leanmhuinn,
Feadh garbhlaich, sléibh, a’s bheann.
Mo chionsa Seurlas ruadh,
Ceart oighr’ an fhior rìgh dhleasannaich;
Chad toir sinn dutsa fuath,
Gus ’n cuirear sinn ’san uaigh;
Cha dean croich no tuagh,
Glacaireachd, no creachannan,
Gu bràch ar stracadh uat;
Tha ’n dig ud ceangailt shìos,
An caigeann ris gach annam dhinn,
Cho daigheann ri Beinn-shiant’.
Och! a Rìgh nan dùl,
Ne leigs’ neart a ghnà thar cheart;
Ach aon Dia ’ta d’ thriùir,
’S ann dut is léir gach cùis!
Tog dhinn a mhuc s’a cùingh,
’S a h-àl breac, brothach, uirceanach,
Le’n cuid chrom-shoc thar tuinn;
’S cart gu glan White-hall,
Air chinn an teughlaich rìoghail sin,
Bha finnsir ann an tàmh!
Rinn Mac Mhaighstear Alasdair an t-òran so agus an dà òran a leannas an deigh latha Chuil-Fhodair air dha féin agus d’a bhràthair, Aongas beag mac Mhaighistear Alasdair a bhi ga’m falach ann an còsan chreag Cheann-loch nan uamh.
title | Oran XI |
internal date | 1844.0 |
display date | 1844 |
publication date | 1844 |
level | |
parent text | Cruinneachadh Taghte de Dh-òranan a Rinneadh do’n Phrionnsa agus na Aobhar |