[291]

ORAN XII.

MAR GU’M B’ANN EADAR AM PRIONNSA AGUS NA GAIDHEIL.

LEIS A BHARD CHEUDNA.

AIR FONN—“Good night, an’ joy be wi’ you a’.”

AM PRIONNSA.
MILE marbhaisg air an t-saoghal,
S carach baoghalach a dhàil;
Cuibhlan fhortain oirnair caochla,
Cha do chleachd sinn moim rochàch;
Tha sinn a nisair ar sgaoileadh,
Air feadh ghleann, as fhraoch-beann àrd;
Ach tionailidh sinn fòs ar daoine,
Nuair a dhfhaodas sinn gu blàr.


[292]

Misneach mhath a mhuinntir ghaolach,
S gabhaidh Dia dhuinn daonnan càs;
Cuiribh dòchas daigheann, faoilteach,
Anns an aon ni dhuinn stà:
S buanaichibh go rìoghail, aorach,
Traisgeach, ùirneach, caoineach, blà;
S bithidh dìleas chàch a chéile,
S duinear suas ar creuchdan bàis.

Achs feadar dhomhsa nisbhi falbh uaibh,
A Ghàëlabh calma mo ghràidh:
Bu mhòr mearbsaas ar fònadh,
Ge do dhfhònadh dhuinns an àr,
S iomad ana-cothrom a choinnich
Sinn, ’s an choinnidh bha gun àgh:
Ach gabhaidh misa nismo chead dhibh,
Uine bheag: ach thig mi tràth.

Leasaichidh mi fòs ar callsa,
Churaidhnean gun fheall, gun sgàth;
A dhìlse, dhliodhach, rìoghail, threuna,
A dheanadh euchd ri uchd nam blàr:
S cinn as coluinn chuir o chéile,
Sinn’, ’s sibh-féin a sgaradh fàs;
Ach togaibh suas ar misneach gleusda,
S cuiream féin rar creuchdan plàsd.

NA GAEIL.
A Mhuire sinn ta air ar ceusadh!
Air dhì céille, sinn gun chàil:
Tearlach Stiùbhart Mac Rìgh Sèumas,
A bhi na éigin anns gach càs:
Gur h-e sin a rinn ar léireadh,
Gur h-es féudar dha gum fàg:
Sinn na dhéigh gun airm, gun éideadh,
Falbhn àinm Dhé; ach thig a ghràidh.


[293]

Ar mìle beanachd na ddhéigh,
S Dia do dghleigheadh anns gach àit’:
Muir as tìr a bhi cho réidh dhut:
Mùrnaigh gheur leat féin os n-àird;
S ge do sgăr mio-fhortan deurach
Sinn o chéile, ’s ceum ron bhàs:
Ach soraidh leat a mhic Rìgh Seumas,
Shùigh mo chéille thig gun chàird.

Chaill sinn ar stùir, ’s ar buill-bhairte;
Thugadh uainn ar n-acair-bàis:
Chaill sin ar cùmpaisds ar cairtean,
Ar reill-iùils ar beachd gach :
Tha ar cuirp gun chinn, gun chasan,
Sinn mar charcaisich gun stà:
Ach gabh thusa ghràidh do tastar,
Dean gleas tapaidhs thig gun dail.

AM PRIONNSA.
Beannachd gu léir le Clann-Dòmhnuill,
Sibh a dhfhoirinn ormn-amchàs,
Eidir eileanan, as mhòr-thir,
Lean sibh deònach, rium gach trà:
S iomadh beinn, is muir, is mòinteach,
A shiubhail sinn air chòrsa bàis;
Ach theasraig Dia sinn air fuar-fhòirneart,
Nan con sròn-ghaoth’ ’bha rir sàil.

Sibh a rinn fo làimh an Trionaid,
Misa dhìon o mhi-rùin chàich:
Mo dhearg nàimhdean neartmhor, lìonmhor,
Chuir a lion feadh ghleann as àrd.
A mheads a thaisbean sibh dar dìlseachd,
S còir nach dìchnich gu mi bràch;
A bharr, gur sibh is luaithe shìn rium,
Toic air tìrs an talamh ard.


[294]

NA GAEIL.
Ochan! ochan! cruaidh an dearmad,
Bhig ar tearbadh uat gun bhàs
Ben fhoir éibhinneachd, ’s am beartas,
Bhi da tfhaicinn gach aon :
Bidh ar rŭisg lan tìm afrasadh;
Ar cridhlag-chùiseach gun chàil,
Gum pill thusa rìst air tais oirn.
Beannachd leat le neart ar gràidh.

AM PRIONNSA.
O! tiormaichidh-sa suas ar sùilean,
Chomuinn rùnaichfuair ar cràdh,
Bidh sibh fàs, maoineach, mùirneach,
Nur gàrd dùbailtmu White-hall,
Nuair a bhis an reabal lùbach,
Ri bog chrùban feadh nan càrn,
Gum bi sìbhsan caithream cùirte,
Lsadail, -chleasach, làn-àigh.

titleOran XII
internal date1844.0
display date1844
publication date1844
level
parent textCruinneachadh Taghte de Dh-òranan a Rinneadh do’n Phrionnsa agus na Aobhar
<< please select a word
<< please select a page