ORAN XIV.
ORAN AILEIN.
LUINNEAG.
Hùg ò ho-rì ho hoireannan,
Hùg ò ho-rì ’s na hì ri hù ò,
Hithill ù hòg oireannan,
Hù o ho ri hòg oireannan!
AILEIN, Ailein, is fad an cadal,
Tha’n uiseag a’ gairm ’s an là ’glasadh,
Grian a’g èiridh air an leacainn,
’S fada bhuam fhìn luchd nam breacan.
Hug o ho-ri, &c.
Ailein duinn gabh sgoinn ’s bi g’ éiridh,
Tionail do chlann, cùimhnich t-fheum orr.
Bi’dh Alba mhor fo bhinn bhéisdean,
Mar a dion a muinntir féin i.
Hug o ho-ri, &c.
Bheir iad Mòrag [Prince Charles.] mhìn air éigin,
’S eagal leam gu’n dean i géilleadh,
’S gu’m bi sliochd gun an còir féin ac.’
De Bhreatann mhòr no de dh-Eirinn.
Hug o ho-ri, &c.
’Mhòrag na’m faicinn t-fhear-ceusaidh,[The Duke of Cumberland.]
Ge b’ ann air càbhsair Dhùn-Eideann,
Thàirginn na lainn chaola, gheura,
’S dh-fhagainn fhìn e màrbh gun éiridh.
Hug o ho-ri, &c.
title | Oran XIV |
internal date | 1844.0 |
display date | 1844 |
publication date | 1844 |
level | |
parent text | Cruinneachadh Taghte de Dh-òranan a Rinneadh do’n Phrionnsa agus na Aobhar |