[301]

ORAN XV.

AN AGHAIDH AN EIDIDH GHALLDA.

LE IAIN MAC CODRUM.

THA mi cràiteach tinn,
S tha mi sgìth làn dochair;
Ceangal air mo bhuill,
Cha deann mi ceum coiseachd;
Mallachd air an rìgh
Thug am breacan dhinn,
Guidheam air beul-sìos!
On a shìn en t-osan
Ged than stocain fada
Se na chochall farsuinn
Bannsan t-osan gearr
Nach biodh réis on t-sàils on ghartan.

Dhorduich thu ar còt
Bhi na sheòrsa casaig,
Luthaig thu ar brògan;
Bhi leòn ar casan,
Mheudaich thu ar cìs,
S lùghdaich thu ar ni,
Dhfhàg thu sinn gun phrìs,
Chan- eil dìreadh againn,
Thug thu dhuinn abhriogais
Theannaich thu ar neasgaid
Bannsam breacan sgaoilte,
Aodach aotrom, sgiobalt.


[302]

S olc, achulaidh òidhche
Bhin luib na casaig
Chan fhaigh sinn căs a shìneadh
S chan fhaigh sinn cadal
Bfhearr an sòlas inntinn,
Na deich slatan aon-fhilt
Chuireadh sinnsan éile
Nàm éiridh samhadainn,
Sud an t-aodach dreachmhor
Chumadh gaoth as fras uainn
Mallachd an da shaoghail
Don aon achuir as e!

Chan eil culaidh shàmhraidh;
S fearr nam breacan
Tha e aotrom fonnmhor
An àm an t-sneachda,
Bha e greis mar chòmhdach
Aig na gaisgeich lòghmhor
S acaineach an còmhradh
Onach eil e aca;
Culaidh bha cur fasgaith,
Air gach Gàël gasta,
Ri! bu mhòr am beud
Le bleid a chuir á fasan.

Chan fhaca tu mac màthar,
Air sràid no faiche,
S deise na mac Gàëil
Bu shàr-mhath pearsa
Breacan air den fhéileadh,
S claidheamh air chul sgéithe
Le dhagachan cho gleusta
S nach éisd iad sradag


[303]

Sgiath air guala ghaisgeich
Cuilbhear caol fo achlais,
Chan eil Gall san t-saoghal
Nach caochladh ri fhaicinn.

S math thig bonaid ghorm,
Air chul borb a chogaidh
Cota-gearr as féileadh
S na sleisdean nochta,
Dol an lathair cruadail
Gu fuilteach neimh-bhuailteach,
Aliodairt nam fear ruadha
Bhiodh an smuais ga fosgladh;
Neart treun nan curaidh
Cur nan lann gufulang
Bhiodh luchd nan casag millte
San cinn a dhì am muineil.

Nuair chruinnicheas na Gàëil
Anlàthair troda,
Len geur lannan spàinteach
S len dearsadh chlogaid,
Pàighidh iad gu daor,
Ann am fuil san gaor,
S cha bhi bonn gun mhàladh,
Air son blàr Chuli-Fhodair,
Chan eil fear achreachadh;
No neach a chaidh ghlacadh,
Nach faigh an luchd mi-ruin
Gu ragha diol thoirt asta.

Nuair chluinneas fir na h-Alba
Gu dearbh do chaismeachd,
Theid iad gu neo-chearbach
Fo dhealbh do bhrataich;


[304]

Dòmhnullaich bu dual
S daoine theid san ruaig,
Tailearan clò ruaidh
Ged nach fuaigh iad sracaidh;
Len cruaidh lannan sgaiteach
Snaigheadh chluas as chlaignean,
S gum bi àireamh cheann
Air na h-uile ball sa bhreacan.

Gur h-oil leam ar néideadh
A chaochladh cumaidh
Ach chì mi bhi ga dhioladh
Mu gheata Lunnainn,
Leis na fleasgaich bhòidheach
Chluicheas mar na leòghain
Chuireas geilt air Seòras
S nach faod e fuireach,
Nuair a théid e dhachaigh
S am Prionnsòg a ghlacadh,
Bidh Tearlach na Rìgh
S feairrde prìs nam breacan.

Ni sinn ùrnuigh dhicheallach
S gheibh sinn taice,
Thig deich mìle Frangach,
S bidhmball fon casan
Bidh Tearlach mar cheann orra,
Le gleois chasgraidh,
Armailteach gu leòir
Luaigheas an clò Catach:
Theid amhuc a dhaghadh
S a cuid uircean fhaileadh,
S air claidheamh no air breacan
Cha bhi tuileadh bacaidh.

titleOran XV
internal date1844.0
display date1844
publication date1844
level
parent textCruinneachadh Taghte de Dh-òranan a Rinneadh do’n Phrionnsa agus na Aobhar
<< please select a word
<< please select a page