ORAN XVI.
ORAN NA BRIOGSA.
LE DONNACHA BAN MAC-AN-T-SAOIR.
AIR FONN— “Sean’ Triubhais Uilleachain.”
’So tha na briogsa liath-ghlas
Am bliadhna cuir mulaid oirnn,
’S e’n rud nach fhacas riamh oirnn;
’S nach miann leinn a chumail oirnn;
’S na’m bitheamaid uile dileas
Do’n rìgh bha toirt cuireadh dhuinn,
Cha’n fhaichte sinn gu dilinn,
A striochda do’n chulaidh so.
’S OLC an seòl duinn am Prionns’ òg
A bhi fo mhòran duilichinn,
A’s Rìgh Deòrsa a bhi chòmhnaidh,
Far ’m bu chòir dha tuineachas;
Tha luchd-eòlais a toirt sgeòil duinn
Nach robh còir air Lunnainn aige,
’S e Hanòbhar an robh sheòrsa,
’S coigreach oirnn an duine sin—
’S e’n Rìgh sin nach buineadh dhuinn,
Rinn dì’ -mheas na dunach oirnn,
Mu’n ceannsaich e buileach sinn,
B’ e’n t-àm dol a chumasg ris;
Na rinn e oirnn a dh’ ann-tlachd,
A mhì-thlachd, a’s a dh’ àimhreit,
Air n-eudach thoirt gu’n tàing dhinn,
Le ain-neart a chumail ruinn.
So tha na briogsa, &c.
A’s ò’n chuir sinn suas a’ bhriogais,
Gur neo-mhiosail leinn a’ chulaidh ud,
Ga’r teanadh ma na h-iosgannan,
Gur trioblaideach leinn umainn iad;
’S bha sinn roimhe misneachail,
’S na breacain fo na criosan oirnn,
Ged’ tha sinn am bichiontas
A nis a’ cuir nan sumag oirnn:
’S air leam gur h-olc an duais
Do na daoine chaidh ’sa chruadal,
An eudaichean thoirt uapa
Ge do bhuadhnaich Diuc Uilleam leo:
Cha’n fhaod sinn bhi suigeartach,
O’n chaochail ar culaidh sinn,
Cha’n aithnich sinn a chéile
La-féile no cruinneachaidh.
So tha na briogsa, &c.
’S bha uair-eigin an t-saoghal
Nach saoillinn gu’n cuirinn orm,
Briogais air son aodaich,
’S neo-aoidheil air duine i;
’S ged’ tha mi deanamh ùis deth,
Cha d’rinn mi bonn sùlais
Ris an deise nach robh dàimheil
Do’n phàirti ga’m buinnin-sa;
’S neo-sheannsar a’ chulaidh i,
Gur grannda leinn umainn i,
Cho teann air a cumadh dhuinn,
’S nach b’fheairrde leinn tuilleadh i;
Bidh putanan na glùinean,
A’s bucalan ga’n dùnadh,
’S a’ bhriogais air a dùbladh,
Mu chùl-thaobh a h-uile fir.
So tha na briogsa, &c.
Gheibh sinn adan ciar-dhubh,
Chur dian air ar mullaichean,
A’s casagan cho shlìogta,
’S a mhìnicheadh muillean iad;
Ged’ chumadh sin am fuachd dhinn,
Cha’n fag e sinn cho uallach,
’S gun toillich e ar n-uaislean,
Ar tuath no ar cumanta;
Cha taitinn e gu bràth ruinn,
A choiseachd nan gleann-fàsaich,
’Nuair a rachamaid do dh’ àiridh,
No dh’ àit am biodh cruinneagan:
Se Deòrs’ a rinn an eucoir,
’S ro dhìombach tha mi féin deth,
O’n thug e dhinn ar n ’éideadh,
’S gach eudach a bhuineadh dhuinn.
So tha na briogsa, &c.
’S bha h-uile h-aon de’n Phàrlamaid
Fàllsail le’m fiosrachadh,
’Nuair chuir iad air na Caimbeulaich
Teanndach nam briogaisean;
’S gur h-iad a rinn am feum dhaibh
A’ bhliadh’n a thàin’ an streupag,
A h-uile h-aon diu dh’éiridh
G u léir ’am Milisi dhaibh;
’S bu cheannsalach duineil iad,
’S an àm an robh ’n cumasg ann,
Ach ’s gann daibh gu’n cluinnear iad
A chàmpachadh tuille leis;
O’n thug e dhinn an t-eudach,
’S a dh’ fhàg e sinn cho-fhaontrach,
’S ann rinn e oirn na dh’ fhaodadh e,
Shaoilidh e chuir mulad oirnn.
So tha na briogsa, &c.
’S ann a nis tha fios againn
An t-iochd a rinn Diuc Uilleam ruinn,
’Nuair a dh’fhàg e sinn mar phriosanaich
Gun bhiodagan, gun ghunnachan,
Gun chlaidhe, gun chrios tarsuinn oirnn,
Cha’n fhaigh sinn prìs nan dagachan;
Tha comannd aig Sasunn oirnn;
O smachdaich iad gu buileach sinn—
Tha angar a’s duilichinn
’S an àm so air iomadh fear,
Bha’n Càmpa Dhiuc Uilleam,
A’s nach fheairrd iad gu’n bhuidhinn e.
Na’n tigeadh oirnne TEARLACH,
’S gu’n éireamaid ’na chàmpa,
Gheibhte breacain chàrnaid,
’S bhiodh àird air na Gunnachan.
So tha na briogsa, &c.
title | Oran XVI |
internal date | 1844.0 |
display date | 1844 |
publication date | 1844 |
level | |
parent text | Cruinneachadh Taghte de Dh-òranan a Rinneadh do’n Phrionnsa agus na Aobhar |