ORAN XVII.
MARBH-RANN DO PHRIONNSA TEARLACH.
LE UILLEAM ROS.
CO’ -SHEIRM.
Soraidh bhuan do’n t-suaithneas bhàn,
Gu là-luain cha ghluais o’n bhàs;
Ghlac an uaigh an suaithneas bàn
’S leacan fuaraidh tuaim’ a thàmh!
AIR bhi dhomh-sa triall thar druim
Air di-dònaich, ’s còmhlan leam,
Leughas litir naigheachd leinn,
’S cha sgeul’ ăit a thachair innt’,
Soraidh bhuan, &c.
Albainn àrsaidh! ’s fathunn bròin,
Gach aon mhuir bàit’ tha bàrcadh oirnn,
T-òighre rìoghail bhi san Ròimh,
Tirt’ an caol chist’ lìobhta bhòrd!
Soraidh bhuan, &c,
’S trom-leam m’osnaich anns gach là
’S tric mo smuaintean fad’ o làimh—
Cluain an domhainn truagh an dàil,
Gur cobhartach gach feòil do’n bhàs!
Soraidh bhuan, &c.
Tha mo chrìdh’ gu briste, fann,
’S deòir mo shùl a’ ruith mar àllt,
Ge do cheilinn sud air àm,
Bhrùchd e mach ’s cha mhiste leam.
Soraidh bhuan, &c.
Bha mi seal am barail chruaidh,
Gu’n cluinnte caisimeachd mu’n cuairt;
Cabhlach Thearlaich thigh’n’ air chuan,
Ach thréig an dàil mi gu là-luain,
Soraidh bhuan, &c.
’S lionmhor laoch a’s mili treun,
Tha ’n diugh an Albainn as do dhéidh,
Iad fo’s n-iosal sileadh dheur,
Rachadh dian leat anns an streup.
Soraidh bhuan, &c.
’S gur neo-shubhach, dubhach, sgì,
Do threud ionmhuinn anns gach tìr,
Buidhean meamnach bu gharg clì,
Ulamh, àrm-chleasach ’s an strì.
Soraidh bhuan, &c.
Nis cromaidh na cruitearan binn,
Am barraibh dhŏs fo’ sprochd an cinn,
Gach beò bhiodh ann an srath na’m beinn
A caoidh an co’ -dhosgainn leinn.
Soraidh bhuan, &c.
Tha gach beinn, gach cnoc, ’s gach sliabh,
Air am faca sinn thu triall,
Nis’ air call, an dreach ’s am fiamh,
O nach tig thu chaoidh nan cian.
Soraidh bhuan, &c.
Bha’n t-àl òg nach fac thu riamh,
’G altrum gràidh dhut agus miagh,
Ach thuit an cridhe nis’ nan cliabh,
O na chaidil thu gu sìor.
Soraidh, bhuan, &c.
Ach biodh ar n’ ùrnaigh moch gach là
Ris an Tì is aird’ a ta,
Gun e dhioladh oirn’ gu bràth,
Ar ’n eucoir air an t-suaitheas bhàn.
Soraidh bhuan, &c,
Ach ’s eagal leam ge math a chléir,
’S gach sonas gheallair dhuinn le’m beul,
Gu’m faicear sinn a’ sileadh dheur,
A chionn an suaithneas bàn a thréig.
Soraidh bhuan, &c.
Cuireamaid soraidh uainn gu réidh
Leis na dh’imicheas an céin,
Dh’ionnsaidh an àit’ na laidh an reull,
Dh’fhògradh uainn gach gruaim a’s neul.
Soraidh bhuan, &c.
’S bitheamaid toilicht’ leis na tha,
O nach d’ fhaod sinn bhi na’s fearr,
Cha bhi n-ar cuairt an so ach gearr,
A’s leanaidh sinn an suaithneas bàn,
Soraidh bhuan, &c.
a’ chrioch.
title | Oran XVII |
internal date | 1844.0 |
display date | 1844 |
publication date | 1844 |
level | |
parent text | Cruinneachadh Taghte de Dh-òranan a Rinneadh do’n Phrionnsa agus na Aobhar |