[245]

ORAN II.

ORAN NAM FINEACHAN GAELACH.

LE MAC-MHAIGHISTEAR ALASDAIR.

A CHOMUINN Rìoghail rùinich,
Sàr ùmhlachd thugaibh uaibh,
Biodh ar roisg gun smùirnein,
S gach crìdhgun treas gun lùb ann;
Deoch-slànte Sheumais Stiùbhairt,
Gu mùirneach cuir mun cuairt!
Ach ma ta giomh air bithn ar stamaig,
A chàilis naomhna truaill.

Lion deoch-slàinte Thearlaich
A mhéirlich stràic achuach;
Bi sid an ìoc-shlaintàluinn,
Dh-ath-bheothaicheadh mo chàileachd
Geda bhiodh am bàs orm,
Gun neart, gun àgh, gun tuar.
A Rìgh nan dùl a chuir do chàbhlaich,
Oirnthar sàl ri luas.

O! tog do bhaideil àrda,
Chaol, dhionach, shàr gheal nuadh,
Ri dcrannaibh bhì-dhearg, làidir,
Gu taisdeal nan tonn gàireach;
Tha Eolus ag ràitinn
Gu séid e rap-ghaoth chruaidh,
On aird an ear; ’s tha Neptun dìleas,
Gu mìneachadh achuain.


[246]

S bochd a ta do chàirdean
Le ro mhead tfhàrdail uainn;
Mar àlach mhaoith gun mhàthair;
No beachainn breac aghàraidh,
Aig sionnachn déis a fàsachd’,
Air fàilinn feadh nam bruach.
Aisig cabhagach le dchàbhlach,
S leigheis plàigh do shluaigh.

Tha na deé ann an deagh rùn dut:
Greas ort le sùrd neo-mharbh,
Thar dhronnag nan tonn -ghorm,
Dhruim-robach, bharr-chas, shiùbhlach,
Ghleann-chlaghach, cheann-gheal, shùgh-dhlù,
Na mothar cùl-ghlas, garbh;
Na cuan-choirean, greannach, stuagh-chorach,
S crom-bhileach, molach, falbh.

Tha muir as tìr cho réidh dhut,
Mar deann thu féin a searg;
Doirtidh iadnan ceudan,
Nan laomabh tiugha, treuna,
A Breatuinn as á Eirinn,
Mu dstandard bréid-gheal dearg:
A ghaisridh, sgaiteach, ghuineach, rìoghail;
Chreuchdach, fhior-luath, ghàrg!

Thig do chinneadh féin ort,
Na tréun-fhir laomsgair gharbh,
Nam beitheiribh gu reubadh;
Nan leòghanaibh gu creuchdadh;
Nan nathraichibh grad-leumnach,
A lotus geur len càlg,
Len gathaibh faobharach, rinn-bheurra
Ni mòr euchd len arm.


[247]

N àm bhrataichean làn éideadh,
Le dealas geur gun chealg,
Thig Dòmhnullaichnan déigh sin;
Cho dìleas dut ri dléine;
Mar choin air fastadh éile;
Air chath-chrith geur gu sealg;
S màirg nàmhaid don nochd iad fraoch,
Long, leòghan, craobh, ’s làmh-dhearg.

Gu neartaich iad do chàmpa
Na Caim-beulaich gu dearbh,
An Diùc Earra-Ghalach [Chìtear anns anEachdraidh,” nach robh aig abhàrd an so achrann mar dhùrachd,” oir cha déirich diùc Earra-Ghàël no iomadaibh eile a thair an ainmeachadh san òran so; se sin, Clann-Leòid, Clann-Choinnich, na Granndaich, agus Clann-Dòmhnuill nan Eilean. ] mar cheann orr’,
Gu mòrghalach mear prionnsail;
Ge be bheir air ionnsaidh,
Be sid an tionsgnadh searbh,
Le lannabh lotach, -ghorm, toirteil,
Sgoltadh chorp gum balg.

Gu tarbartach, glan, caismeachdach,
Fior thartarachnan rànc,
Thig Cluainidh le chuid Pearsanach,
Gu cuannda, gleusda, grad-bheirteach;
Le spàintichean teannbharrach
S cruaidh feud ri sgailceadh cheann;
Bidh fuil da dòrtadh, ’s smuais da spealtadh,
Le sgealpaireachd ar lann.

Druididh suas ri dmhéirghe,
Nach méirbh an àm an àir,
Clann- ’Ill-Eoin nach meirgich
Airm ri uchd do shéirbheis;


[248] Lem brataicheans snuadh féirg orra,
S an léirg mar thairbh gun sgàth:
Am foirne, fearail, neamhail, arail,
S builleach, alamh làmh!

Gutig na fiùrain Leòdach ort,
Mar sheòchdains eoin fo spàig;
Nan tuircabh lann ghorm, tinnisneach;
Air chorra-ghleus streup gun tiomachas:
An réiseamaid fior ionnalta,
S fàth gioraig dol na dàil;
M bi iomadh bòchdan fuilteach, foirmeil,
Théid le stòirm gu bàs.

Thig cuiridhean Chlann-Cham-Shròin ort,
Théid meanmnach sìos na dspàirn;
An fhoirionn ghuineach, chaithreamach,
S neo-fhiabhach an am tarrainn:
An lainn ghlas mar lasair dealanaich,
Gu gearradh cheann as làmh;
S mar luthas na dreige, ’s cruthas na creige,
Chluinnte sgreud nan cnàmh.

Gur cinnteach dhuibh dar coinneachadh,
Mac-Choinnich mòr Chinn-Tàile;
Fir laidir, dhàna, chòimhneala,
Don fhior-chruaidh air a foinneachadh,
Nach gabh fiabh no somaltachd,
No sgreamh rotheine bhlàr;
S iad gu nàrach, fuileach, foinnidh,
Air bhoil gu dholna dchàs.

Gur foirmeil, priòseil, òrdail,
Thig Tòisicheannan rânc,
Am màrsail stàtoil, còmhnard;
Gu pìobach, bratach, sròl-bhui:


[249]

Tha rìoghalachd as mòrchuis,
Gun sòradh anns an dream:
Daoine laidir, neartmhor, crodha,
S iad gun ghò, gun mheang!

Thig Granndaich gu ro thartarach,
Neo fhad-bheirteach do dchàmp
Air phrìoblosgadh gu cruadal,
Gu snaidheadh cheann, is chluas diu;
Cho neamhail ris na tìgeribh
Le feachdraidh dian-mhear, dàn’,
Chuireas iomad fear le sgreudail,
S a bhreabadaich gu làr.

Thig a rìs na Frisealaich,
Gu sgibidh le neart gàrbh;
Na seochdaibh fìor-ghlan, togarrach,
Le fuathas bhlàir nach bogaichear;
An còmhlan fearradh, cosgarach,
S màirg neach do nochd iad fearg;
A spuir ghlas ag dlùs an dérich
Bidh nan éilibh dearg.

Nan gasraidh ghaisgeil, lasgarra,
Thig Lachunnaich gun chàird;
Na saighdibh dearga, pùiseanta;
Gu claidheach, sgiathach, cuinnsearach;
Gu gunnach, dagach, ionnsaichte,
Gun chunntas acair àr:
Dolnan deannamhn aodainn pheileir,
Teachd o theine chàich.

Gabhaidh pàirt de tiorghaills’,
Clann-Iomnhuinns òirdheire càil:
Mar thuinn ri tìr a sìor-bhualadh;
No bile lasrach dian-loisgeach;


[250]

Nan treudabh luatha, sior-chonfach,
Thoirt griosaich air an nàmh:
A dream chathach, Mhuileach, Shrathach,
S math gu sgathadh chnàmh.

S mor a bhios ri corp-rùsgadh,
Nan closaicheansa bhlàr,
Fithich anns an rocadaich
Ag itealaich, ’s acnocaireachd;
Cìocras air na cosgaraich,
Ag òlsag ith an sàth.
Ochs tùrsach fann a chluinntir moch-thra,
Ochanaich nan àr!

Bidh fuil as gaor da shuidreadh ann,
Le -chleasan ar làmh;
Meangair cinn, as dùirn diu;
Gearrar uilt le smuasraidh;
Ciosnaichir ar biui,
Dan -losgadh, ’s dan cràmh;
Crùnair le poimp Tearlach Stiùbhard:
S Feidric Prionnsfo shàil.

titleOran II
internal date1844.0
display date1844
publication date1844
level
parent textCruinneachadh Taghte de Dh-òranan a Rinneadh do’n Phrionnsa agus na Aobhar
<< please select a word
<< please select a page