ORAN III.
BROSNACHADH NAM FINEACHAN GÀËLACH.
SA’ BHLIADHNA 1745, le A. M. D.
AIR FONN—“An am dol sios bhi deonach.”
THA deagh shoisgeul feadh nan Garbh-chrìoch,
Sùrd air armaibh còmhraig;
Uird ri dairirich deanamh thargaid’
Nan dual ball-chruinn bòidheach;
Chaidh ar seargadh le cam earraghloir,
Sluaigh fior chealgach Seòrais,
O’s sgeul dearbha thig thar fàirge,
Neart ro gharbh d’ar fòirinn.
Thig thar lear le gaoith a near oirn’,
Toradh deal ar dòchuis,
Le mhìlte fear, ’s le armabh geal,
Prionnsa ullamh, mear, ’s è dò-chaisgt’
Mac Rìgh Seumas, Tearlach Stiùbhard,
Oighre chrùin th’air fògar,
Gu’n dean gach Breatuinneach làn ùmhlachd,
Air an glùn’ d’a mhòrachd.
Ni na Gàëil bheòdha, ghasda,
Eiridh bhrăs le sròlabh;
Iad ’nan ciadan uim’ ag iathadh,
’S coltas dian [Deé. ] chuir gleòis orr’:
Gun fhiamh ’s iad fiata, claidheach, sgiathach,
Gunnach, riaslach, stròicheach,
Mar chonafadh leòghanaibh fiadhaich,
’S acras dian gu feòil orr’.
Dèanamh ullamh chum ar turais,
’S bithibh guineach, deònach;
So an cumasg ’m bi na builean,
An deantar fuil a dhòrtadh;
Och a dhuine is lionmhor cuiridh
Is fior sturail còmh-strìgh,
A leigir far eile mar chuilean,
Dh’ fhaotainn fuil air Seòras!
’S ioma neach a théid air ghaisge,
Tha fior lag ’na dhòchas,
Gus a’ nochdar standard brat-dhearg,
An Rìgh cheart-s’ tha òirnne,
Ge do bhiodh e ’na fhior ghealtair.
Gur cruaidh rag gu bhròig e,
Ceart cho gairge ris an lasair,
A losgadh as-bhuain eòrna.
Mhoir’ is sgairteil, foirmeil, bagant,
Gàëil ghasda, chròdha;
Gach aon bhratach sìos do’n bhaiteal
Le ’n gruaidh laisde ròsg-dearg;
Iad gun fhiamh, gun fheall, gun ghaiseadh;
Rioghail, beachd-bhòrb, pròiseil;
Gu no-lapach ri rinn gaisge,
Spàinntich ghlas ’nan dòrnabh.
’S binn linn plapraich nam bréid bratach,
Srannraich brăs ri mòr-ghaoith,
An glacaibh gaisgeich nan ceum stàideil,
Is stuirteil, sgairteil, mòison;
’S lann ghorm sgaiteach, do shàr-shlacan
Geur gu sracadh shròn’ aige,
Air bac cruachain an fhir bhrataich,
Gu cuir tais’ air fògradh.
’S furbaidh tailceant, ’s cumpa pearsa,
Treun-laoch spraiceil, dòid-gheal;
Piòb d’ a spalpadh suas ’na achlais,
Mhosglas lasan gleòis duinn;
Caismeachd bhrăs bhinn, bhrodadh aignidh,
Gu dian chasgairt slòigh leis;
Chuireadh tòrman a port baisgeil,
Spioraid bhras ’n-ar pòraibh.
Bidhibh sunntach, lùghor, beumach,
Sgriosach, geur gu feòlach,
“S bi’dh Mars creuchdach, cogach, reubach,
Anns an speur d’ ar seòladh:
Soirbhichidh gach ni gu léir libh,
Ach sibh-féin bhi deònach;
Màrsailibh gun dàil, gun eislean,
Lùghor, eatrom, ceòlmhor.
Màrsailibh, gun fheall, gun airsneul,
Gach aon bhratach-bhòidheach:
Cuideachd shuaicheanta nam breacan,
’S math gu căsg na tòrachd:
’Nuair a rùisgeas sibh na claiseich
Bi’dh smuais bhreac feadh feòir libh;
Gaor, a’s eanachuinn na spadul,
’S na liath-shad feadh mòintich.
Sliocraich, slacraich, nan cruaidh shlacan,
Freagra basgar sheannsair;
’Nuair a théid a ruaig gun stad libh
Gur ro fad’ a chluinntear,
Feidrich bhuillean, sgoltadh mhullach,
Sìos gu bun an rùmpuill;
Ruaig orr’ uile mar mhuim tuile;
Chuidh cha ’n urr’ iad tionntaidh.
’S ioma fear a dh’ òladh lionta,
Slàinte an rìgh s’ tha oirnne,
Spealgadh ghlaineachan an grìosaich,
’S e cur binn air Seòras;
Ach ’s onaraiche a’ nis’ an gniomh,
Na cùig-ceud mìle bòla;
’S fearr aon siola a dh’fhuil ’s an fhrìth,
Na galain fhìon air bhòrdaibh.
Dearbhaidh beachdaidh sibh bhi ceart d’a,
Eiridh grad le’r slòghaibh;
Gun ar mnathan, clann, no beartas,
Cuir stad-feachd ’n ar dòchas;
Ach gluasad inntinneach, luath, cinnteach,
Rìoghail, liont’ de mòr-chuis:
Mar an raithneach a dol sìos duibh,
Sgriosadh dian luchd-chlèocan.
Ar ceathairne ghruamach, neimheil,
Làn do mhire cruadail;
’S misg dhearg chatha gu barr rath’ orra,
’S craobh dhearg dhath ’nan gruaidhean,
Iad gun athadh sìos le’n claidhean,
Ri sìor sgathadh chnuacan,
Lotair dearganaich le’n gathan
’S le fior chrathadh cruadhach.
’S e beagan sluaigh i’s tric thug buaidh,
An iomairt chruaidh a’ chòmhraig,
Deannamaid gluasad gun dad uabhainn
’S na biodh fuathas oirnne;
Doirtidh uaislean an taobh-tuath,
Mac Shìm nan ruag ’s Diùc Gòrdon,
Le mharc-shluagh as nuarrant gruainn
’S ruaim aimhidh fhuar ’nan srònaibh.
Chaidh an t-òran so agus an t-òran roimh-sgrìobhte chur’ do’n Fhràing a dh’ionnsaidh Aonghais Domhnullaich tànaisdear thighearna Chinn-Locha Mùideart a bha chomhnuidh ’mu’n àm anns an rìoghachd sin. Tha e air aithris gun d’rinn an duin’ uasal so a thiondaidh gu Beurla chum is gu’n tuigeadh am Prionns’ a’ bhrìgh, ni a thug moran misnich dha gu tighinn a nall do dh’ Albainn. Faic Taob-duilleig 20.
title | Oran III |
internal date | 1844.0 |
display date | 1844 |
publication date | 1844 |
level | |
parent text | Cruinneachadh Taghte de Dh-òranan a Rinneadh do’n Phrionnsa agus na Aobhar |