ORAN IV.
BROSNACHADH DO NA GÀËIL.
SA’ BHLIADHNA, 1745.
AIR FONN.— “Nan Ceannaichean Glasa.”
A CHLANNA nan Gàël,
Dh’am b’àthaist bhi rìoghail,
Hò-rò togaibh an’àird;
A’s freasdalaibh an dràsta
Do Thearlach mar dhìlsean,
Hò-rò togaibh an’àird;
Freasdalaibh dha uile
Gun fhuireach ri rìghneas
Na leughaibh ’ur cunnard,
Ach bi muinighinn Chrìosd.
Gu foirmeil tartarach,
Stoirmeil acuinneach
Sunnt gu astar oirbh
’S colg gu tapadh oirbh
Hò-rò togaibh an’àird’
Mu théid sibh á baile,
Thugaibh thairis d’ur ’n-eòlas
Hò-rò togaibh an’àird’,
Thugaibh thairis d’ur mnaibh,
D’ur taighean ’s d’ur stòras,
Hò-rò togaibh an’àird.
Biodh gach aon fhear ’na dhithis.
’Nàm tighinn gu comh-strì
Gach gàirdean ’na ruigheach
’S gach cridhe ’na leòghan
Gu dana, drabasta,
Làmhach, ladorna,
Biodh buaidh gach machair leibh
Sgach àit’ an tachair sibh,
Hò-rò togaibh an’àird’.
Na cuireadh fuaim fudair
Bonn cùraim ’n ’ur feòil-sa,
Hò-rò togaibh an’àird,
Namosgaidean dù-ghorm
Dad mhùthaidh ’n ’ur dòchas,
Hò-rò togaibh an’àird.’
’Nuair théirgeas am fuaim sin,
Dh’fhalbh an cruadal ’sa’n dòrainn,
Bithidh sibhse nam badabh
Leis a chleachdadh bu nòs duibh
Biodh gach treum-fhear fulangach,
Sàthach, builleanach,
Laidir, curanta,
’S cha deann nàmhaid fuireach ruibh,
Hò-rò togaibh an’àird.’
’S mòr am fàth misneach dhuibh
Dlighe na còrach
Hò-rò togaibh an’àird;
Cha bhi ’ur cogais ’g’ur n-agairt,
’S bi’dh ceartas ’g’ur còmhnadh,
Hò-rò togaibh an’àird.
Cha’n ionann ’s’ur nàimhdean,
Ged tha iad ro threòrach,
Bithidh ’n cogais ga’n dìteadh,
Chionn strìochdadh do Dheòrsa,
Bithidh sìbhse bunailteach,
Fo àmhghar fulangach,
Gun sgath ro chunnartan,
’S gabhaidh Dia mar mhuiniginn,
Hò-rò togaibh an’àird.
Ma chinneas leibh gnothach,
’S gu’n cothaich sibh rìoghachd,
Hò-rò togaibh an’àird’.
Théid bhur cliù thar an domhain,
Measg choimheach a’s dhìlsean,
Hò-rò togaibh an’àird’,
Gheibh sibh pailteas ’s gach dùthcha,
Cha ne ’r dùthchas a’s ni leibh
Ach raogha gach fearainn,
Gun ghearradh gun chìs air,
Bithidh sibh làisde sòchaireach,
Gun chàs gun dochaireachd
Ach bàigh g’ur brosnachadh
Gun chàch g’ur goirteachadh,
Hò-rò togaibh an’àird.
’Nuair théid esan a chrùnadh,
Ann an dùthaich a shìnnsir,
Hò-rò togaibh an’àird’.
Gheibh mòran deibh àite.
’S cha bhi càirdean air dìobairt,
Hò-rò togaibh an’àird.
Bithidh maithean nan Gàël,
Mar a’s àill leo gu dìlinn,
Bithidh ’n ìlsean ’ s an uaislean,
Gun bhruailean, gun mhi-thlachd,
Ann an socair shuigheachais,
’S iad a ghnà toirt buidheachais
Agus glòir do’n Chruthaiche
A shònraich siubhal daibh
Hò-rò togaibh an’àird’.
Ge be dh’ fhanas ri fhaicinn
’Nuair thig ceartas an uachdar
Hò-rò togaibh an’àird’.
Bithidh Eaglais a’s stàta
Mar bhràithrean gun bhruailean
Hò-rò togaibh an’àird’.
’Nuair ghlaodhas iad sì-chainnt,
Anns gach rìoghachd mu’n cuairt duibh
Bi’dh Prionnsa na Crìosdachd,
An tì air bhur fuasgladh,
Biodh miagh air eaglaisean,
A’s sunnt air teagasg annt,
’S gach ceaird a’ leasachadh
’S iad a ghnà gun easbhuidh orr
Hò-rò togaibh an’àird,
Nis’ siùbhlaibh le beannachd,
Gun mhaille, gun ghruaimean,
Hò-rò togaibh an’àird’.
A’s nochaibh sgach àite
Gur Gàëil tha gluasad,
Hò-rò togaibh an’àird’.
Nochdaibh ar spionnadh,
’Ur neart a’s ’ur cruadal,
Gach aon neach a chasas ruibh
Grad thugaibh buaidh air,
Feuchaidh dh’ fhir Shasuinn
Nach tais anns an ruaig sibh
Fagaibh ’s na claisean
Gach fear dhiù a bhuaileas
Hò-rò togaibh an’àird’.
Rinneadh am Brosnachadh so le Alasdair Mac-Aonghais duin’ uasal a mhuinntir Ghlinne-Comhann; a bha na oifigeach, ann an cogadh Thearlaich.
title | Oran IV |
internal date | 1844.0 |
display date | 1844 |
publication date | 1844 |
level | |
parent text | Cruinneachadh Taghte de Dh-òranan a Rinneadh do’n Phrionnsa agus na Aobhar |