ORAN V.
LE MAC-MHAIGHISTEAR ALASDAIR.
AIR FONN—“Black Jock.”
O! THEARLAICH mhic Sheumais,
Mhic Sheumais, mhic Thearlaich,
Leat shiùbhlainn gu h-eatrom,
N’ àm éigheachd ’bhi màrsal,
’S cha b’ ann leis a phàigh ud,
A tharmaich o ’n mhuic.
Bheireadh creideamh a’s reusan
Oirn’ éiridh mar b’àbhaist,
Leis an àilleagan cheutach,
’Shliochd éifeachdach Bhàncho:
Mo ghràdh a’ ghruaidh àluinn,
A dhearsadh orm stuirt.
Thu ’g imeachd gu sùrdail,
Air tùs a bhataili,
Cha fhrosainn an driùchda,
’S mi dlù air do shàilean:
Mi eadar an talamh
’S an t-adhar a’ seòladh,
Air iteig le h-aighear,
Misg chath, agus shòlais;
’S caismeachd phìob’ mòra,
Bras-shròiceadh am puirt.
O ’n éibhinneachd ghlòr mhor,
An t-sòlais a b’ àirde!
G’ ar lionadh de spionnadh,
Air slinneinibh Thearlaich,
Gu ’n calcadh tu àrdan
An càileachd ar cuirp:
Do làthaireachd mhòr chùiseach,
Dh’ fhògradh gach fàilinn,
Gu ’n tiuntadh tu feòdar
Gach feòla gu stàilinn,
’Nuair shealmaid gu sunntach,
Air faradh do rŭisg.
Do gnùis torrach de chruadal,
De dh’ uaisle, ’s de nàire,
Nach taiseicheadh fuathas,
Ro’ luaidhe do nàmhaid:
’S mar deanadh fir Shauinn
Do mhealladh, ’s do thréigsinn,
Bhiodh an crùn air a spalpadh,
Le d’ thapadh air Seurlas,
A dh’ ain-deoin na béist’.
Leis an d’ érich na h-uilc.
Gu ’m b’ fhoirmeil leam tòrman
Na ’n òrghanan àluinn!
’S tein’ -éibhinn a’ lasadh
Gu bras-gheal air sràidibh!
’S na cròisibh ri àrd-ghaoir,
Mhòir Thearlaich ar Prionns’!
Gach uinneag le foinneal
A boisgeadh de dearsadh,
Le solus na ’n coillean,
’S deas mhàighean d’an smàladh;
’S gach ni mar a b’ airigh
’G cuir fàilt’ air le puimp!
Na canoin ri bùirich,
’S iad a stùradh an fhàilidh,
’Cuir crith air gach dùthaich,
Le mùiseag nan Gàël
’S sinne gu lù-chleasach
Mùirneach làn àrdain,
Am màrsail gu mùinte,
Ard-shunntach m’u shàilean—
’S gann bha chudthrom ’s gach fear dhuinn
Trì chairteil a phuint.
title | Oran V |
internal date | 1844.0 |
display date | 1844 |
publication date | 1844 |
level | |
parent text | Cruinneachadh Taghte de Dh-òranan a Rinneadh do’n Phrionnsa agus na Aobhar |