[265]

ORAN VII.

ORAN EILE AIR LATHA CHUIL-FHODAIR.

LEIS AN DUIN’ -UASAL CHEUDNA.

O! gur misthair mo chràdh,
Thuit mo chridhe gu làr,
S tric snithe gu mshàil o mléirsinn.
O! gur mis , &c.

Dhfhalbh mo chlaistinneachd uam,
Cha chluinn mi san uair,
Gu mall na gu luath nis éibhinn.
Dhfhalbh mo, &c.

Mu PhrionnsThearlach mo rùin,
Oighre dligheach achrùin,
S e gun fhios ciod an tùbh a théid e.
Mu Thearlach, &c.

Fuil rìoghail nam buadh,
Bhiga dìobairt san uair,
S mac diolain leshluagh ag éiridh.
Fuil rìoghail, &c.

Sìol nan cuilean a bha,
Gan ro mhath chinnich an t-àl,
Chuir iad sinnann an càs na h-éigin.
Sìol nan cuilean, &c.


[266]

Ged a bhuannaich sibh blàr,
Cha bann dur cruadal a bha,
Ach gun ar shluaghainnbhin dàil a chéile.
Ged a bhuannaich, &c.

Bha iad iomadaidh uainn,
Dheth gach finne mu thuath,
S bu mhiste sinne ri uair ar feuma.
Bha iad iomdaidh, &c.

Côig brataichean sròil,
Bu ro mhath chuireadh an ,
Gun duine dhiu chòir a chéile.
Còig brataichean, &c.

Iarla Chrompa le shlògh,
Agus Bàrasdal òg,
S Mac- ’Ic-Ailein le sheòid nach géilleadh.
Iarla Chrompa, &c.

Clann-Ghriogair nan Gleann
Buidheann ghiobach nan lann
S iad a thigeadh a nall nan éightiad.
Clann-Ghriogair, &c.

Clann-Mhuirich nam buadh,
Iadsan uile bhi bhuainn,
Gur h-e miomadan truagh ra leughadh.
Clann-Mhuirich, &c.

A Chlann-Dòmhnuill mo ghaoil,
Gam bu shuaithcheantas fraoch,
Mo chreach uile! nach dfhaod sibh éiridh.
A Chlann-Dòmhnuill, &c.


[267]

An fhuil uaibhreach gun mheang,
Bha buan, cruadalach, ann,
Ged chaidhur bualadh an am na téugbhail.
An fhuil uaibhreach, &c.

Dream eile mo chreach,
Fhuair an laimhseachagoirt,
Gan ceann am Frisealach gasda, treubhach.
Dream eile, &c.

Clann-Fhionnlaidh Bhraidh-Bharr,
Buidheann ceannsgalach, ard,
Nuair a ghlaoidhten adbhans adhéireadh.
Clann-Fhiunnlaidh, &c.

Mo chreach uiles mo bhròn,
Na fir ghasdtha fo leòn,
Clann-Chatain nan sròl bhi dhéis-laimh.
Mo chreach uile, &c.

Chaill sinn Dòmhnull donn, suairc,
O Dhùn Chrompa so shuas,
Mar ri Alasdair ruagh na féile.
Chaill sinn Dòmhnull, &c.

Chaill sinn Raibeart an àigh,
S cha bu ghealtair em blàr
Fear sgathaidh nan cnàmhs nam féithean.
Chaill sinn Raibeart, &c.

S ann thuit na rionnagan gasd;
Bu mhath àluinn an dreach,
Cha bu phàigheadh leinn mairt nan éirig.
S ann thuit, &c.


[268]

Air thus an latha dol sìos,
Bha gaodh acathadh nan sian,
As an adhar bha trian ar léiridh,
Air thus an latha, &c.

Dhfhàs an talamh cho trom,
Gach fraoch, fearunn as fonn,
S nach bu chothrom dhuinn lom an t-sléibhe.
Dhfhàs an talamh, &c.

Lasair theine nan Gall,
Frasadh pheileir mur ceann,
Mhill sid eireachdas lanns bu bheud e.
Lasair theine, &c.

Mas fior an dàna ga cheann,
Gun robh Achan [Morair Seoras Moireach. ] ’sa chàmp,
Dearg mheirleach nan rauds nam breugan.
Mas fior an dàna, &c.

S e sin an Seanalair mòr
Gràin as mallachd an t-slòigh,
Reic e onoirsa chòir air eucoir.
S e sinn an, &c.

Thionndaidh choileirsa chleòc,
Air son an sporain bu mhò,
Rinn sud dolaidh do sheoid rìgh Seumas.
Thionndaidh, &c.

Ach thig cuibhle an fhortain mun cuairt,
Car bho dheas na bho thuath,
S gheibh arn eas-caraid duais na h-eucoir.
Ach thig cuibhle, &c.


[269]S gum bi Uilleam Mac Dheòrs’,
Mur chraoibh gun duilleach fo leòn,
Gun fhreamh, gun mheangan, gun mheòirnean géige.
S gum bi Uilleam, &c.

Gu ma lom bhios do leac,
Gun bhean, gun bhràthair gun mhac,
Gun fhuaim clàrsaich, gun lasair chéire.
Gun ma lom, &c.

Gun sòlas, sonas, no seanns,
Ach dòlas dona mu dcheann,
Mar bhair ginealach Chlann na h-Eiphit.
Gun sòlas, sonas, &c.

As chì sinn fhathasd do cheann,
Dol gun athadh ri crann,
S eoin an adhair gu teann ga reubadh.
As chi sinn, &c.

’S bi’dh sinn uile fa-dheòidh,
Araon sean agus òg,
Fon rìgh dhligheachgan còir duinn géilleadh.
S bidh sinn, &c.

titleOran VII
internal date1844.0
display date1844
publication date1844
level
parent textCruinneachadh Taghte de Dh-òranan a Rinneadh do’n Phrionnsa agus na Aobhar
<< please select a word
<< please select a page