ORAN VIII.
DEALACHADH A’ PHRIONNSA RI FIONNGHAL NIC-DHÒMHNUILL.
LE D. B. MAC-LEÒID.
AIR FONN.— “Eirinn gu bràth.”
GU cladach a’ chuain,
Ri fuar-ghaoth an anmoich,
Thriall Tearlach gun dealradh
Air allaban ’se sgìth;
Gun reull air a bhroilleach,
No freiceadan a’ falbh leis
Ach ainnir nan gòrm-shul
Bu dealbhaiche lìth.
Mar dhaoimean ’san òidhche
Bha mhaighdean fo thùrsa,
’Si cràiteach mu’ Thearlach
Bhi fàgail a dhùthcha;
Bu trom air a h-osna,
’S bu ghoirt deòir a sùilean
’Nuair chunnaic i’n iùbhrach
A’ dlùthadh ri tìr.
Bha ghealach a’ tearnadh
Thar àirde nan stùc-bheann,
’S gathan gu siùbhlach
Air dlù-thonna ’leum;
Ach ghrad thug i ’n aire,
’S mar òigh air a ciùradh
Chuir sgàil air a gnùis-ghil
De dhù-neoil nan speur;
Sheas Flòraidh a’s Tearlach
Air tràigh nan tonn caoir-gheal,
’S bu bhrist-chridheach aog-neulach
’N aogas le cràdh;
Gun fhacal o ’m bilibh
Ach sileadh gun chaochladh,
’S iad aodann ri aodainn
Air glaodhadh le gràdh!
Ach thainig a’ bhirlinn,
’S i ’n ribhinn a thòisich,
Le brist-ghuthan anmhuinn,
Air seanachas gu dòimheach;
Mar chlàrsach ’sa teudan
Gun ghleusadh gun òrdugh,
Bha reull nam ban òga
Fo dhòrainn ’s fo spàirn.
“A Thearlaich mhic Sheumais,
’Ic Sheumais nan cùirtean,
Mo leòn-sa do chrùn ’bhi
Air ùmaidh gun euchd;
Mo leòn-sa na treun-laoich,
Cha ’n éirich ’s cha dùisg iad
A trom-chadal dùint-shuileach,
Udlaidh an éig!
Cha ghlac iad an lann anns
A’ chàmp ri uchd nàmhaid,
Cha sgap iad fir Shasuinn
Mar asbhuain ’sna blàraibh,
Cha’n fhaic iad do bhratach,
’S cha ghlac iad air làimh thu;—
Ni sàile ’s am bàs
Bhur fad fhàgail o chéil
“A Thearlaich mhic Sheumais,
Mu dh’ fheumas tu triall uainn,
Gu’n coimhid do Thriath thu
Bho fhiaclan nan daoi;
Gu’n stiùir e an iùbhrach
Thar dlù-thonnan liath-ghlas,
Gu réidh-shligeach, dian-shiùbhlach,
Fior-luath gu tìr!
Gu ’m boillsg anns an òidhch’ ort,
Na soillsearan nèamhaidh,
Gu h-iùlmhor ga d’ ghiùlan
Gu tùbh anns nach feum thu
’Bhi t’ fhògarach brònach,
Fo chòmhdach mar reubalt,
Aig allamharach éitidh,
Neo-spéiseil gun chlì!
“O! Alba! tha ’n t-àm aig
Do cheannsa bhi dòrtadh,—
Do Phrionns’ uat air fhògradh,
’S do laochraidh ’san uaigh;
Bi’dh crònan do phìobun
A’ sìor-dhiùltadh ceòil dhut,
’S do chlàrsairean rò-mhilis
Dòimheach gach uair:
Bi’dh cruitearan sgiathach
Nam fior-chrannaibh sàmhach,
Cha dòirt iad an ceileir
Am broilleach mo Thearlaich,
Cha dùisg iad na treun-laoich
A dh’eug anns an àraich,
’S cha mhosgail ara bàs dhaibh
Air àirdead am fuaim.
“ ’Se chuibhle dhol cearr oirnn
A dh’ fhàg sinn san àm so
Fo smàdadh nan Gall
Ann an calldachd na cùis’;
Na ’n robh cothrom na Féinn’
Aig na treun-laoich ’san teanndachd,
Bu roinn-bhiorach lann daibh
’Cuir nàimhdean an cùil:
Mu’n d’ fhaod iad ’bhi shìos
Bhrùchd sian as na speuran,
Gu trom-fhrasach, lom-sgaiteach,
Steall-bhras ’nan eudann,
Fo riasladh a’s tìadh-bhuirich
Iargalt nam beur-ghunn’ ;—
Cha d’ fhaod na fir ghleusda
Bhi reubadh le sùrd.
“Ach soraidh, mo Phrionns’, leat
A dh’ ionnsaidh na h-uaghach,
’S mo bhannachd gach uair leat
Fhir uasail nan sròl!
Cha slànaich ri’m’ aimsir
Mo shearbh-lotan cruaidhe,
’S cha dùisg mi bho smuairean
Ri duan no ri ceòl:
Bi’dh ùr-luibhean sàmhraidh
Ach stad i; ’s le ’ròs-bhilibh
Phòg e a’ mhaighdean,
A’ siabadh gu caoimhneil
Na deuraibh o ’sùil;—
“Glac sòlas, a Fhlòraidh
Tha òganaich Fhràngach
A dh’ éireas neo-ghann leam
A bhuannachd mo chrùin;
’S théid lasgairean fearg-ghlonnach
Albuinn a’ dhùsgadh,
Le’n trusganan balla-bhreac,
’S an armaibh math dùbailt;
Théid cath-thromp nan Garbh-chrìoch
Le borb-sgreud ’sa bhùraich,
’S bi’dh trùpairean ciùirte
Gun lùgh anns gach cùil!”
Ach dh’ fhàg e i caoineadh
Na h-aonar air fàireadh,
A’s sheòl e ’sa bhàt’ uaip
A’ fàsgadh nan dòrn:
Bha’ cliabh air a lionadh
Le iargain a’ sgàineadh,
S i airtneulach, ànrach,
Gun mhàran, gun cheòl;
Laidh fuar-dhealt na h-òidhch’
Air a’ mhaighdein ghlain àluinn,
title | Oran VIII |
internal date | 1844.0 |
display date | 1844 |
publication date | 1844 |
level | |
parent text | Cruinneachadh Taghte de Dh-òranan a Rinneadh do’n Phrionnsa agus na Aobhar |