[37]

CAIBIDIL V.

TURAS IAIN CHOPE GU TUATH.

DH’FHALBH Iain Cope air a thuras don Taobh-tuath air an fhicheadamh latha de mhìos dheireannach an t-Sàmhraidh le ceithir cheud-diag fear-feachda, a fàgail an réiseamaid thrùpairean ann an Dunéideann, a thaobh is nach burrainn na h-eich triall thar mhonaidhean as bhealaichean. Thug a leis ceitheir ghunnaidhean mòra, agus mìle mosg air son nan Gàël a bha en dùil a dhéireadh leis mar bhiodh e dol air aghaidh. Bha dròbh mhòr mhărt ga h-iomain an deigh an àirm agus prăsgan fheòladairean, air son a bhi spadadh mar shluigeadh an fheachd! Thug e leis mar an cianda lòn fhichead latha de dh-aran, a chum obair seachduin ris na bha de dhfhuineadairean ann an Dunéideann, an Léibhte, agus an Srùidhleadh!

Cha deach e na bfhaide na Crùidhair an latha ud, oir béiginn da fuireach sabhaile sin gus an tigeadh ceud sac eich de dharan a dhfhàg e na dheighe ann an Srùidhleadh suas ris. A Cruidhe chuir e teachdaireachd gu Morair Ghlinn-Urachaidh agus gu caochladh eile dheth na tighearnan Gàëlach iad an cuid daoine thogail an aobhar Righ Deòrsa. Ged nach déirich na daoinuaisle sin leis aPhrionnsle eagal gun cailleadh iad am cuid fearainn dhiùlt iad cobhair no còmhnadh a


[38] dheanamh ri Iain Cope, ach Morair Ghlinn-Urachaidh na aonar, air an aobhar sin thainig air Sir Iain seachd-ceud dheth na mosgaidean a thug e leis, an earalas gun eireadh na Gàëil leis, a philleadh air an ais gu Sruileadh. A nis chunnaig Iain Cope gum bu diamhain da dòchas a bhi aige gun eireadh na Gàëil Pheairteach leis mar a shaoil e air tùs, ged a bann nan earbsa a dhfhàg e Dunéideann le feachd cho lag ri ceithir cheud diag fear, agus bu mhiann leis pilleadh air ais gu Sruidhleadh, mar be luchd-comhairlan Rìgh a bhi ga bhrosnachadh cho dian air adhart.

Air an dara latha fichead rainig e Amul-Rìgh, agus Drochaid-Thatha air an treas latha fichead rainig e Tranphuir, agus air a chùigeamh latha fichead Dail-na-Ceardaich. Na h-uile latha mar a bha e dol air adhart, bha e faicinn na cùise na bu mhi-choltaiche, an rathad a fàs na bu mhiosa, agus sluagh na dùthchafàs ann an droch rùin da, ghoid iad na h-eich a bha giùlan a chuid bidhe air an òidhche; leis an sin, beiginn da na ceudan de a chuid pŏcachan arainn fhagail air a chùl, agus na daoine ris an dearb en t-aran so, ged do gheall iad a chuir ann adhéigh; thug iad a cheart aire, nach drinn iad sin, gus an deach e dholaidh. A rithist an uair a dhfharraideadh e naigheachd ri aon de mhuinntir na dùthcha mun Phrionnsa bheireadh iad dha tuairisgeul breugach fo sgàile càirdeis, air chor is fa-dheoigh nach burrainn e facal a theireadh iad a chreidsinn, araon bho uasal no chumanta.

Nuair a ràinig Iain Cope Dail-na-Ceardaich thachair e ri daoin-uasal a chunnaic feachd Thearlaich ann an Gleann-Fionain, ben duine so a thug a chiad naigheachd chinnteach dha mu thimchioll an fhir àireamh


[39] shluaigh a bhair eiridh leis a Phrionns’; bha iad mu thuaiream ceithir cheud diag, an uair a dhfhag e-san iad, agus chuale gun robh iad mun àm so, deich ceud thar fhichead an àireamh agus gun robh iad ann an ùinghearr gu séilbh a ghabhail air Coire-Ghearraig. Thainig fios eile dhionnsaidh Iain Chope gun robh pàirtidh mhòr Ghàël ga fheitheamh aig Drochaid Shnug-Borgh, asraidh cho cunnartachsa bhanns an dùthaich gu léir; agus gun robh pàirtidh eile gu iathadh mun cuairt da bho làimh na h-àirde niar, a chumadh e, mar gum beadh, eadar dha theine, agus a réir gach coltais gun robh e-fein agus fheachd gu bhi air an tŭr sgrios!

Bhan t-arm-dearg mun àm so air ruidhinn Dail-Chuinnidh ann am Bàideanach, ma thuaiream fichead mìle bho bhraighe Choire-Ghearraig: agus chuir an naigheach so Iain Cope ann a leithid do ghiorraigs gun chuir e-féin agus a chuid oifigich an comhairlra chéile, ciod bu chòir dhaibh a dheanamh; agus ciod an t-shlighe airm bu chòir dhaibh triall? Dhaontaich iad uile gun robh a dhol thar Coire-ghearraig do-dheanta, agus gun robh fuireach far an robh iad gun tairbh sam bith, a thaobh gum faodadh na Gàëil ròidean eile ghabhail agus na Machraichean Gallda thoirt orra; air an aobhar sin se shònraich Iain Cope Inbheirneis a thoirt air, far an robh sùil aig ri prasgan Chaimbeulach, Rothach, agus Chatach, ga choinneachadh, agus leis an so, bha e smuainteachadh nach gabhadh na Gàëil a dhànadas orra a Mhachair a ghabhail air eagal gum fàgadh iad an Dùthaich féin fo mheachain an nàmhaid. Rainig an t-àrm-dearg air éigin Inbheirneis air an naoidheamh latha fichead den mhìos, gun fhois aon latha ghabhail bhon uair a dhfhàg iad Cruidhe.

titleCaibidil V
internal date1844.0
display date1844
publication date1844
level
reference template

Eachdraidh a’ Phrionnsa %p

parent textEachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich
<< please select a word
<< please select a page