CAIBIDIL VI.
TURAS NAN GAEL GU GALLDACHD.
ANN an Gleann-Fionain far na thog Tearlach a bhratach air an naoidhamh latha diag de’n mhìos, chaith e féin agus a luchd-leanmhuinn dà latha, ri òl agus ri aighear, ri ceòl agus ri dàmhs. Dh’ fhalbh e as a sin gu Ceann-Loch-iall agus chaidil e air òidhche di-h- aoine anns an Fhasadh-Fhearna, agus air dha fios fhaotainn sa’ mhadainn gun tainig Long-chogaidh gu Gearasdan Inbher-Lòchaidh ghabh e thar a bhealach thun na Mòidhe, baile beag leis na Cam-shronaich. Bha e nise faotainn naigheachd gach latha ma dhéibhinn Ian Chope bho shaighdearan Gàëlach a bha ruith air falbh as an arm-dhearg air an òidhche, a chum an cairdean féin a chòmhnadh an àm feuma. Air an t-sia-amh latha fichead chaidh e thar abhainn Lòchaidh, agus aig an drochaidh iosail thainig da cheud as trì fichead de Stiùbhartaich na h-Apunn na chodhail, agus Stiùbhartach Aird-seil’ air an ceann; stad an fheachd an òidhche sin aig taigh-òsda Leitir-Fhionnlaidh ri taobh Loch-Lòchaidh. Mu mheadhon òidhche thainig teachdaire bho Ghòrdanach Ghlinne-Bucaid gu’n robh Iain Cope a teannadh ri Bàideanach le rùin a dhol thar Coire-Ghearraig. Air ball ged a bha’n òidhche stoirmeil agus
Moch sa’ mhadainn thainig Frisealach Ghortulaig gu Caisteal Inbher-Garaidh, air teachdaireachd dhiamhair bho Mhorair Sìm Ceann-Cinnidh nam Frisealach, a dh’ iarraidh air a’ Phrionns’ a leisgeul a ghabhail air son gun e thighinn ga amharc, a thaobh e bhi lag le aois: anns an àm cheudna ag iarraidh air Tearlach a dhol do Shrath-Tharacaig a chum na Frisealaich a thogail.
Air an ath mhadainn, a b’e an seachdamh latha fichead de’n mhìos, am feadh a bha’n t-arm-dearg air an turus do dh’ Inbheirneis, chaidh Dòmhnullaich Ghlinne-Garaidh agus Granndaich Ghlinne-Moriston gu bràighe choirre Ghearraig far an robh na Gàëil eile san àm cruinn. Rinn sin armailt a’ Phrionns’ ma thuaiream ochd-ceud-diag fear an àireamh. Sa’ mhadainn an uair a dh’eirich am Prionnsa thoisich e air cuir uim’ a dheise Ghàëlich, agus air dha bhi ceangal barr-iall’ a bhròg, thuirt e gun robh dòchas aige gum biodh greim aig air amhaich Iain Chope, mas deanadh a rithist am fuasgladh!
Air tùs, b’e miann nan Gàël gun gearradh iad Iain Cope agus a dhaoine “cho mìn ri biadh eun,” ach air dhaibh an Garbh-àth-mòr a ruidhinn dh’ aontaich iad gu léir gum b’ fhearr dhaibh leigeil do Chope a dhol do dh’ Inhernis, mar a shònraich e; agus gun tugadh iad féin Machair nan Gall orra gu Dunéideann a ghlacadh.
Mar bha na Gàëil a triall gu Galldachd, is gann gun robh gleann, no bealach, gus an robh iad a tighinn anns nach robh leasachadh sluaigh a dol ri’n àireamh, ach am
Air an lath-air-na-mhàireach thòisich am Prionnsa air àireamh a shluaigh agus dh’ionndrainn e cuid mhath ás an àireamh; air ball chuir e cuid dheth na h-oifigich ga’n greasad air aghaidh, agus thuig e gur h-e fearg a ghabh iad air son an cumail bho thòiseachadh air feachd Iain Chope, a thug orra fuireach air deireadh! Dh’fhan e air an àm sin dà latha ann an Blàr-Abhall, agus thainig Tighearna Narainn agus caochladh de Chinn-feadhna eile le’n luchd-leanmhuinn a chum a chuideachadh, maille ri prăsgan gasda de Chlann-Dònnachaidh. An sin ghluais a’ mhòr-fheachd sios Blàr-Abhall agus stad iad an òidhche sin ann am Dun-chaillean agus air an ath latha ghabh Tearlach a dhinnear ann an taigh Narainn, a tha ri taobh an rathaid eadar Dun-chaillean agus baile Pheairt.
Ma fheasgar ràinig e-féin agus an t-àrm baile Pheairt agus ghairmeadh Rìgh-Seumas na Rìgh air Breatuinn
Air an latha màireach chuir am Prionnsa’ pàirtidh air falbh do Dhun-Diagh agus Tighearna Chlann-Raonaill agus Fear na Ceapaich air an ceann; ràinig iad am baile sin ann an glasadh an latha, agus ghlac iad dà long bheag chogaidh a bha ’n-an laidhe anns an acairseid anns an robh mòr armachd a bhunadh do ’n rìgh, maille ri phailteas fùdair a’s pheileirean; ghiùlain iad so air ball suas do Pheairt gu feum an airm Ghàëlich.
Faodaidh mi ann an so innse gur an do “Chreideimh an t-Shagairt,” mar their iad ris, a bha caraid dealaidh a Phrionnsa, Diùc Pheairt. A thaobh a mhàthair a bhi dheth na chreideamh sin, choisinn sin da mòr
Feadh a dh’ fhan Tearlach ann an Peairt thainig iomadach ceann-cinnidh le’n cuid daoine ga ionnsaidh, Tighearna Shrath-Ailein sa’ chuid daoine; Tighearna Ogailbhi, mac Iarl’ Airlie, agus a dhaoine; Tighearna Shruthain agus a dhaoine; Iain Ruadh Stiùbhart Chinne-Chàrdain agus Stiùbhartaich bhraigh Pheairt: agus mòran de thuath Dhiùc-Abhaill; Morair Seòras Moireach le feachd ro lionmhor dheth a chinneadh féin. Bha Morair Seòras na leth sheann-duine mu’n àm so. Bha e ann am blàr Sliabh an t-Siorraim sa’ bhliadhna 1715. Bha e na shaighdear ro fhòghluimte ann an dòighean an airm; bha uidhir a’ dh’earbs’ aig Tearlach ás a sheòltachd is gu d’ rinn e ard-sheanalair dheth thar chàich gu léir.
’Nuair a ràinig Tearlach Peairt cha robh aige na sporan ach aon ghinni òir. Air an aobhar sin dh-òrduich
Dh’fhan Tearlach ann am Peairt ochd laithean a’ trusadh airgeid agus a’ togail dhaoine, agus bha Morair Seòras Moireach a’ cuir an airm ann an òrdugh, agus a’ toirt beagan ionnsachaidh dhaibh mar dheanadh siad iad-féin a ghnàthachadh ri uchd catha; agus fhuair e màlaidean cainbe air an deanamh, a h-aon do gach saighdear, anns an giùlanadh iad an cuid mine oir cha b’uirrt’ an fheachd so a chumail suas air dòigh sam bith eile le cion cosgais.
Air di-Dòmhnaich an t-ochdamh latha de mhìos meadhonach an Fhoghair chaidh am Prionnsa agus a chuid uaislean do’n eaglais, agus tha e air aithris gum b’e sin a chiad Searmoin Phrostanach a chual’ e riamh. Am feadh a dh’ fhan e ann am Peairt bha e còir, caoimhneil ris gach duine rachadh na’chainnt, agus thug e litrichean-rathaid, no cead-siubhail, do dh’ioma fear de luchd na féille ’chum is nach glact’ iad féin no’n cuid, mar bhiodh iad a triall dachaigh gu’n ionadan comhnaidh fa-leth. Am measg chàich thainig ceannaiche mòr Lunnainneach a dh’iarraidh litir-rathaid air, agus an uair a thug e dhà i dh’iarr e air a bhi ’g innse do na Lunnainnich nach b’fhada gus am faiceadh iad Tearlach Stiùbhart agus na Gàëil ann an cùirt an Righ an Lunnainn.
title | Caibidil VI |
internal date | 1844.0 |
display date | 1844 |
publication date | 1844 |
level | |
reference template | Eachdraidh a’ Phrionnsa %p |
parent text | Eachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich |