CAIBIDIL VII.
TURAS A PHRIONNS’ A’ DHUNEIDEANN.
AIR di-ciadain an t-aon latha-diag de mhìos mheadhonach an Fhoghair dh’ fhàg Tearlach agus armailt Peairt, agus rinn iad air son Dhunéideinn. Tha ’n dà bhaile mhòr’ sin ma thuaiream dà-fhichead mìle bho chéile, agus be’n rathad bu dìriche agus a b’ aithghearra dhaibh a dhol thar Port na Bann-righ; ach thug muinntir Dhunéideann mu’n ăiridh na bàtaichean aisig gu léir a tharruinn suas air taobh deas a Phuirt, —ach ged a bhiodh iad air faighinn nam bàtaichean deas air an cinn, ’s gann a b’urrainn iad an t-aiseag a ghabhail gu’n chall sluaigh, oir bha trùpairean Choirneil Ghàrnaileir ga feitheamh air taobh Dhunéideinn de’n Phort; agus cha bu mo a b’urrainn iad teine an luingeis-chogaidh a bh’air an acair am bun a’ chaoil a sheachnadh: mar sin thâinig orra a dhol timchioll ceann a chaoil, agus gabhail a mach air àth na h-aibhne os-ceann Shruileadh. Nuair a rainig iad Dùn-blathain thàinig tri fichead de Dhòmhnullaich Ghlinne-Comhann nan ceann, agus dà fhichead fear de Chlann-Ghriogair Ghlinne-Càrnaig fo chomannda Sheumais mhòir Mhic-Ghriogair, mac do Rŏb Ruadh. Dh’ -fhan am Prionnsa latha ann an Dunblathain a’ feitheamh gus an tigeadh cuid dheth na daoine a dh’ fhàg iad ann am
Air di-haoine an treas latha diag thriall an t-àrm gu àth na Friù, àite tana dheth an abhainn, ochd mìle os-ceann Shrùidhleadh. Bha iad am beachd gun robh trùpairean Choirneil Ghàrnaileir gu coinneamh a thoirt dhaibh aig a bhial-àth, a chum am pilleadh, ach cha tug. Gus an t-àm so bha na Gàëil ann an dùthaich anns a robh gach cothrom ac’ thar an arm-dhéarg, ach air a mhachair chòmhnaird réidh bha gach cothrom aig na dearganaich orrasan, a thaobh gur ann le ’n cuid mŏsgaidean a dheanadh na Sasunnaich euchd sam bith. Air an aobhar sin chomhairlich cuid dheth na h-oifigich Ghàëlach do Thearlach fuireach bharr a chòmhnaird, agus fantainn sa’ gharbhlach gus an tigeadh an t-àrm-dearg air aghaidh; ach cha tug Tearlach éisdeachd da’n comhairl. Air dhaibh a thighinn thun a bhial-àtha thug Tearlach a chlaideamh á thruaill, agus, a’nochdadh a bharra ri taobh thall na h-aibhne, thug e’ dhian leum anns an t-sruth, agus air bheag spàirne chuir e’n àth gu fearail agus lean an armailt gu léir as a dheigh. A thaobh na slighe so a ghabh na Gàëil, cha robh fios aig na Goill, co dhiù a bha rùn orra dhol do Dhunéideann na Ghlasacho. B’e Glasacho gu mòr bu shaibhire na Dunéideann, agus bha na Galla-bhodaich a’ saoilsinn gun robh gamhlas aig a’ Phrionns’ do muinntir Ghlascho a thaobh iad a bhi bho shean ann an nàimhdeas d’a shinnsir, Stiùbhartaich rioghail Alba. Ach a thaobh gu’m be Dunéideann àrd bhaile mòr na rìoghachd, far an robh lùchairt a shinnsir, chuir Tearlach roimhe a ruidhinn gun dàil: agus air dha pàirtidh a chuir do Ghlasacho a thagairt
Air an ath latha ghabh na Gàëil turas-timchill gu taobh deas Shrùileadh a chum a’s gu’n seachnadh iad teine ghunnaidhean mòr’ a chaisteil. Air a chuairt so, ghabh am Prionnsa thar faich’ Allt-a- Bhonaich, far an tug a roimh-sheanair, Brus, a bhuaidh a mhaireas mar chliù-shiorruidh air treubhantas laoch chruadalach na h-Alba. Chaith e’n òidhche sin aig Allt-a- Bhonaich ann an taigh Shir Uisdean Mhic-Phàdruig, duin’ -uasal a bha ro eudmhor na aobhar, agus laidh an armailt rè na h-òidhche air réidhleach Shàchaidh, far an deach Rìgh Seumas an III. a mharbhadh sa’ bhliadhna 1488 le iochdaranan tuath-shreupach féin. As an ionad so chuir am Prionnsa teachdaireachd gu daoin’ -uaisle Shrùileadh, ag iarraidh orra biadh a chuir a dh’ ionnsaidh na h-àrmailt, agus thug iad grad freagairt da òrdugh.
Air a chùigeamh latha diag, ghluais an t-arm a chum na h-Eaglaise-brice, agus laidh iad rè na h-òidhche measg phreasan bealaidh air taobh sear taigh Chala-sraid anns an robh Iarla Chill-Màrnoc a chòmhnaidh: rinn an diun’ -uasal sinn beatha Thearlaich gu fiùghantach, fialaidh, agus dh’ -innis e dha gun robh trùpairean choirneil Ghàrnaileir an geall air seasamh air drochaid Ghlinn-Iuch, a chum na Gàëil a chumail air an ais. Air ball chuir Tearlach naoi ceud fear dheth na daoine bu chalma ’bh’ aige los na trùpairean a chumail dheth an drochaid, agus chaidh sin leo. Cha d’ fhuirich iad ris na Gàëil a dhol an àite teine dhaibh, ach ghabh iad an teicheadh gu Dunéideann, agus ann an camhanaich an
Bha ’m Prionnsa agus a chuid eile de ’n àrm ann an Gleann-Iuch ma dheich uairean sa’ mhadainn, an ath-latha, agus be ’n Dòmhnach a bha ann. Cha robh e nis’ ach sia-mìle-diag bho Dhunéideann. Bha muinntir Glinn-Iuch a’ dol do ’n eaglais ’nuair chunnacas am Prionns’ agus armailt a tigh’n do’n bhaile; agus a réir mar dh’ -innseadh dhomh, cha deach duine dhiù do ’n eaglais air an Dòmhnach sin, ach lean iad am Prionns’ le buaidh-chaithream éibhinn gus an deach e steach do sheann lùchairt Rioghail a shinnsir ann am baile beag Ghlinn-Iuch.
Chaith am Prionns’ agus a chuid uaislean, agus uaislean a bhaile tùs an latha ri òl fiona agus ri aighear—agus cha’n fhacas a leithid a mheoghail ann an Gleann-Iuch bho nuair sin gus an latha ’n diugh.
Ma cheithir uairean sa ’n fheasgar dhìrich an t-àrm ris an uchdach, fagus do chlach an dà mhìle-dhiag bho Dhunéideann, agus stad iad ann an sin rè na h-òidhche. Chaidil am Prionns’ ann an taigh beag a bha ri taobh an rathaid. Air a mhadainn di-luain, an seachdamh latha diag de ’n mhìos, ghabh iad air an aghaidh do Dhunéideann, agus cha robh iad a nis ach ma choiseachd cheithir uairean bho na bhaile!
Air dhaibh a thighinn am fradharc Dhunéideinn mheas iad iomchaidh a dhol bharr an rathaid mhòir, agus triall air frith-rathad a bha treòrachadh a chum na làimhe deise gu baile beag ris an canair sa’ Bheurla Sleat-ford. An sin laidh an t-arm rè na h-òidhch’ ann an raon peasrach, do’n goirear Pàirc a Ghreadhaich. Bha pheasair làn abaich san àm, agus dh’ith na Gàëil
’Nuair a chunnaic muinntir Dhunéideinn gun do theich na trùpairean, ghlaodh iad a dh’aon ghuth gu’m bu diamhain sùil a bhi ris a bhaile ghleidheadh, agus gum b’ fhearr dhaibh strìocadh mas dùisgeadh iad fearg nan Gàëil, agus ghlaodh iad ris a Phroäist, air dhaibh fhaicinn a falbh na sràide, gum bu chòir dha, muinntir a’ bhaile ghairm an ceann a chéile chùm an comhairle chuir cuideachd ma ciod bu chòir a dheanamh. Chuir am Proäist aonta ri ’n achanaich agus chruinnich an sluagh. Chuir am Proäist an sin teachdairean gu oifigich a chrùin gus am faigheadh e an comhairle-san mu’n chùis, ach air do ’n na teachdairean an ionadan còmhnaidh a ruidhinn, thuig iad gun theich na h-oifigich air falbh ás a bhaile! —Cha b’ fhad’ an deigh so gus an tàinig litir bho ’na Phrionns’ a dh’ionnsaidh àrd Phroäist riaghlaidh a’ bhaile, agus bha sùim na litreach mar so sios:—
“Bho ar Càmp, an 6-amh latha-diag de’n t-Seachdamh Mìos, 1745.
Air dhuinn a bhi nise comasach air ar rathad a’ dheanamh dh’ionnsaidh àrd-bhaile rioghail Albunn a bhuineas da Mhòrachd, tha sinn le so, a’ toirt bâirlinn
TEARLACH, P. R.”
’Nuair a leughadh an litir so dh’ aontaich iad nam measg féin gu’m b’ fhearr dhaibh geilleadh, agus na Gàëil a leigeadh a steach air chumhnanta gum biodh saibhreas a bhaile tèaruinte. Air an aobhar sin chuir iad teachdairean a mach ann an càrbad gu Slateford ma ochd uairean, agus phill iad air an ais ma dheich le litir bho na Phrionns’, ag iarraidh orr’ a leigeadh a steach do ’n bhaile le sìth, agus gu’n tugadh e ’ghealladh dhaibh gum biodh iad féin agus an cuid sàbhailt. Mu’n àm so
Mu’n téid mi na’s faide air m’ aghaidh anns a’ chuid so de’n “Eachdraidh,” is feumail dhomh innse gun robh Dunéideann mu’n àm ud air a chuartachadh le balla ard daighean de chloich ’sa’ dh’aol, a chum nàimhdean a chumail a mach ma àm cogaidh. Bha air a bhalla so iomadh geata ro laidir, air an deanamh de smior daraich a’s do dh’iarunn, air sheòl nach b’ fhurasd’ am bristeadh. ’Nuair a thuig iad gu’n tàinig na Gàëil fagus do’n bhaile chaidh na geatachan so a dhùnadh chum an cumail a mach; is cha mhò bha muinntir a bhaile féin a faighinn cead a dhol a mach no’ steach mar a b’ àbhaist dhaibh.
Bha Tearlach ro iomganach rè na h-òidhche so, agus dhiùlt e dhol gu ’leabaidh, ach chaidil e sa’ chàmpa na bhreacan guaile mar rinn a chuid eile dheth na laoich churranta bha còladh ris. ’S e bu cheann-fàth ga iomgainn
“O! triallamaid gu Sliabh an t-Siorraim
’Chuir na Cuigs’ an òrdugh.”
Mar so mhàrsail iad suas an t-sràid àrd gus an d’ràinig iad an taigh-geaird, agus b’e’ chiad rud a rinn iad an sin na h-airm a thoirt dheth an luchd-freiceadain. Ràinig iad mar an cianda an luchd-freiceidain eile ann an caochladh àiteachan dheth na bhaile, agus thug iad air an t-sheòl chiand’ an cud arm dhiùsan, agus chaidh Găël
Ged do ghlac na Gàëil am baile, bha ’n caisteal fathast gu’n a ghlacadh, agus beagan dheth na saighdearan ruadha ann mar fhreiceadan; ach cha b’ urrainn do na Gàëil a dhol an còir an daighnich so, a thaobh e bhi air a chuartachadh le gunnaidhean mòra, air an aobhar sin, chuir na Gàëil freiceadan air, chùm ’s nach b’ urrainn duine dol thuige no bhuaidhe, is cha mhò leigeadh iad biadh no deoch a dh’ionnsaidh nan saighdearan, a bha chòmhnaidh ann.
title | Caibidil VII |
internal date | 1844.0 |
display date | 1844 |
publication date | 1844 |
level | |
reference template | Eachdraidh a’ Phrionnsa %p |
parent text | Eachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich |