MARBH-RANN AIR DAONAIBH CHAIDH DHITH, AIR BORD SOITHEACH BRISTE A CHAIDH MACH AIR CLADACH CHATBOIL Aig toiseach a bhliadhne 1843
LE ARTAR ROSS ANN AN SGIRE NA MANACHAINN.
MARBH-RANN, &c.
THUAIR sinn gairm a nis gu bròn,
Se th’ againn tuireadh ’n aite ceòl,
’S gach uile neach d’an leir ar doigh
Nis deanadh bròn iad maille ruinn.
Tha ’n duine truagh gach uile la
A dol air thuras dh’ ionnsaidh bhais,
’S gun fhios an t-àm an teid e ’n sàs—
Tha uair a bhais am folach air.
Ach tinn na slan, ’n tra thig an uair,
Theid e dh’ ionnsaidh ’n dachaidh bhuain,
’S mar sin a tha gach neach do’n t-sluagh,
Air thuras luath gu bith-bhuantachd.
’N “LINNET” mor bha siubhal a chuain,
Thainig i steach ri oidhche fo ghruaim,
Is chaidh iomrall anns an dorch,
Is thilg an storm i ’CHATABOL;
Is dh’ fhan i sin re uin’ gun ghluas’d,
Na soitheach brist’ ’sna cragaibh cruaidh;
Is cuid a dh’ fheuch ri ’togail suas,
’S cuir air a chuan ’s bhi ’g obair leath.
Ach dhiult i falbh dhoibh uair na dha,
’S iad ga feuchainn le luchd-ceard;
Ach ’nuair a thainig oidhch’ a bhais,
Sud ghabh i ’n sàl is dh’ imich i;
Is ge d’ bha aireamh mhor air bord,
Ga tarruing suas gu BALINTORE,
Dh’ fhalbh i uath gun stiur gun seòl,
Is cha bu deoin leath’ furach dhoibh.
Oir cheadaich DIA, ’san fhreusdal chruaidh,
Dhi dol san turas ud gu luath,
Oir ruith an uin’ is than’ an uair,
’S bu sheasadh cruaidh gun teagamh e.
Do ’n t-seachdnar a bha air bòrd,
’S bh’air am fagail sud gun treòr,
Is gun dol as ac’ o na bhàs
’B ’fhaid na barr na’n crannagan.
Is iad gun suil a ghabhadh truas,
Na stùir a thionnadh i m’an cuairt,
Ach ruith a cuirs’ le doirionn tuadh,
Leo dh’ionnsaidh ’n uaigh ’sna choidil iad.
Cha dòruinneach bha leabaidh ’m bàis,
’S na pianntaibh geur ud dol an sàs,
’N tra bha i gabhail steach an t-sàil
H-uc’ anns gach ait ’n robh briseadh oir!
Air pian nan daoine ud san àm
Co a dh’ fheudas chuir ’an cainnt?
’N uair chaidh ’m fagail anns an oidhche
Ri aghaidh ghairbh na doirionn ud.
Be ’n t-àm ’s an uair ud àm a chraidh,
’N trath chaidh i steach do ghlann a bhàis,
’S gun acair aic’ a rachadh ’n sàs,
’S gun chàbul bàis a chumadh i!
Cia uabhasach bha dhoibh san uair;
Is tonna ’chuan a ’g éiridh suas,
’N trath thugadh leis na sruthaibh luath
Iad steach gu uair a bhreitheanas!
Gun chaladh ac’ na baile dian,
’S an neart air faileanachadh gu leir,
’S gun chomas teicheadh ac’ o’n uair,
’S ann thugadh buaidh ’sna tuailtean orr’.
Och, a Bhais! b’ an-iochdmhor cruaidh
Thu ann an sud measg thonnaibh ’chuan,
’N trath chuir thu ort do chlogaid cruaidh,
Is thilg gun truas do shaighead annt’.
Co e a theicheas as uait fein?
Oir ’s tu oglach ’s teachdar Dhe;
’S ’n trath thig an t-àm a dhorduich e,
Do chlaidheamh geur ort crioslaichidh.
Is theid thu sud a mach nan déigh,
’S bheir thu mar eun iad ’bhar an t-sléibh,
’S duine cha lamhaich as do dheigh,
’N tra bheir thu dhachaidh ’m foghar leat.
Fhionnlaidh Thalaich, dhuine shuairc!
’S duilich leam gu’n deach thu uainn:
Co theireadh ’measg an t-sluaigh,
Gun robh an uair cho fogus dhuit?
Duine tapaidh, sultmhor, tréun;
Le d’ chaithe-beatha glan ’s deadh bhéus;
’S na coimhearsnaich ga chuir an céil,
Deigh dhol dhuit fein san turas ud.
O’n turas ud cha phill thu rìs,
’S ann bha i dhuits’ na turas sgì;
’S ach ma fhuair thu fear do shìth,
Chaidh crioch dhuit air an trioblaid.
Iain Mhorair, thairis, chaomh!
’S mor bh’ annad fein do ghaol,
’S tha fáile cùbhraidh dheth do clius’
’Nis air gach taobh air aithris ort,
Chaidh thu mach le neart is slaint’,
’N coinnidh cathan geur a bhàis,
Gun fhios gus an d’ rainig thu an t-ait’,
’S gun do shàth e sud a shaighead ort.
Cia mar thigeadh dhuinn gach uair
Bhi ’g iarraidh ’n t-ullachadh o shuas!
’S na nearts’ gum faigheadh sinn a bhuaidh,
’S gun fhios cia ’n uair an tachair e.
Dhomhail Mhorair ’n eudain chùin!
Co na thus’ bu tairis gnuis?
Cha chuir mi ’ceil ort air do chul
Ach sin ’n do ghnuis a chunnaic mi.
’S bha do cheuma glan do reir,
Le beusan grinn, gun idir beud,
’S gus an d’ thanaig oidhche’ bhais,
Bha ’n ailleachd ud ri fhaicinn ort.
Iain Tarail, ’n gasan ùr!
Bha fas gu dìreach suas mar chraobh
Cha d’ fhag thu mi-chliu air do chul,
Aig dol o uin gu bith-bhuantachd.
Alidh Mhorair, meangan òg!
O ghlun do mhathair fein gu bòrd,
Bha thus maraon gun spot ’n do chot
Trath chaidh thu leos an turus ud.
’S ged nach b’ eòl dhomh idir cách,
Gu cliu thoirt orr’ an déigh am bais,
Se tha’n coimhearnaich uil’ ag radh,
“Air chach nach robh air dheireadh iad.”
Cha bhunait sláint’ dhoibh sud deadh chliù,
Le bhi ga aithris air an cùl;
Ach b’ fhearr gum bitheadh na h-uile dhius’
Do’m buin deadh chliu is teisteanas.
Ach dochas ann an Dia nan grás
Gun d’ fhuair le cuid dhiu bunait slaint’,
Bha seasmhach dhoibhs’ aig oidhch’ a bhais,
’S nach d’ fhailnich anns na tuiltibh iad.
’S ged nach b’ urrt’ ump’ uil’ a gh’radh
Gun d’ fhuair na’n anmaibh fein iad gras;
Chaidh gu leir iad troimh na bhas,
O chleachda’ chach bha maslach.
Ach Dia, am breitheamhs’, b’ am gu leòr,
’N uair chaidh ’m fagail sud air bòrd,
’N uin a bha iad fathast beò,
An sin bha throcair comasach.
Shaor e ’n gaduich air a chrann,
’S e air a tairneachadh gu teann,
’N tra chuir am bàs a shaighead ann,
Air ball do fhuair e ’n turus ud—
Gu dol a steach don luchairt shuas,
A mhealtainn sith is sonas buan,
’S a chliuth’chadh ’n Ti thug dhasan buaidh,
Is anns an uair ud teasairginn.
Is sona dhoibhs’, aig uair a bhais,
Do ’m Criosd na bhunait slaint’;
’S beannaicht’, uime sin, gu brath,
Na gheibh am bas sa charaig ud.
Oir, ged air bith an uair n’an tait’
Anns an coinnich rius’ am bas,
’N tra chuireas e a shaighead sas,
Bith’ larachd Chriosd dol maille riu.
’S ged fheud na cathain ud bhith cruaidh,
’N tra chuid’cheas Gaisgeach treun nam buadh,
Bheir E mach dhoibh sud a bhuaidh,
Mar fhuar E fein na fhulangas.
’S bheir E dhoibh bhi seinn na buaidh,
’N tìr na fireantachd thu shuas,
Air clarsaich ghrinn, ’s gun bhriseadh teud,
’S gach deur o’n suil’ na ghlanadh leis.
Iarraidh sibhs’, a chlann nan gras,
Neart chum seinn a chliu gu h-ard,
Fhad ’s tha neart, is la, is slaint,
’S do chach gu’n d’ thabhair eiseamplair.
Cha’n eagal dhuibhs’, oir gheibh sibh ’bhuaidh,
Ged fheud na cathain ud bhi cruaidh,
Air bas, is ifrinn, ’s air an uaidh,
’S an truaillidheachd tha maille ribh.
’Cliuthaichibh uime sin gu h-ard,
’S na h-aimh’ntibh teinndeach neart a ghrais,
Oir ged ’tha chathair shuas gu h-ard,
Bith’dh ghairdean treun toirt cobhair dhuibh.
’S e sud rinn dion dhoibh anns gach linn,
Ri aghaidh uisgibh mar’ is tuinn,
Le Es’ bhi ’n comhnuidh air an crann,
Ga’n stiuradh anns na tuiltibh ud.
’S lionmhor trioblaid clann nan gras,
O la an ath-bhreith dh’ionnsaidh ’m bais;
Ach asd air fad ni Dia nan gras
Gu sabhailt’ ’n stiuradh dhachaidh leis.
Ach cia truagh tha neach gun Chriosd!
Ann an glacaibh bhais ’s don uaigh dol sios,
Gu dearbh ’n tuil nan uisgibh mòr
Cha ruig fa dheoigh e ’n caladh ud.
Oir ’s uisge domhain ud is dorch,
Sruthaibh Iordan atmhor, borb,
’An la an fhoghar ’g eiridh garbh,
’S an t-iosg’ marbh cha shnamh se thairis air;
Ach ’s ann a bheir an sruth e sios
Gu cuan na siorruitheachd, gun chrioch,
’Sa dh’ionnsaidh chnuimh bhiths dhas’ mar phian
’S fo thuiltibh dian na corruich ud.
Sibhs’ tha cluintinn Biobull Dhia,
Teichibh dh’ionnsaidh ’bhaile dhian,
Mu’n doirt na tuiltibh oirbh a nuas,
Is greim gun dean an lasar oirbh.
M’an d’thig an t-am ud oirbh gu dian,
Mar mhnaoi ri saothair ann am pian,
’S dorus trocair ’bhaile dhion
Gu siorruith air dhruidheadh oirbh,
Cia cho ghoirid ’s dh’ fheudas ùin
Sibhs’ a thabhairt do’n dachaidh bhuan!
Mar Fhionnlaidh Talach chaidh do’n eug,
Sa cho-luchd-dreuchd bha maille ris.
Dh’ fhag am mnathan pòsd ’s an clan,
’S an co-luchd-eolais ann an am,
An saoghal, is an lan a bh’ ann,
’S bu teann a ghabh an turus leo.
Bhriseadh sud an ceangal dluth
Ri anam ’s corp an tir nam beò;
’S bh’ eadar an clann ’s am mnathan pòsd,
’S bu bhronach am an dealaichidh.
’S na parantan o’n deach an clann,
Bu ghoirt dhuibh ’n dealachadh a bh’ ann;
An sud a còaineadh ur cuid mairbh,
A dh’ fhalbh uaibh air an turus ud.
Gun d’ thugadh e dhuibhs’ gu leir ri gh’radh
Mar thubhairt Iob ’an la a chraidh,
“An Tighearn’ a-thug, sa ghabh air falbh,
’S ainm’san gun robh beannaichte.”
Gun seas e dhuibhs ’n ait’ na dh’ fhalbh,
’S gun dean e suas dhuibh sud a bheairn
A rinneadh anns an Fhreasdal shearbh,
’N uair a dh’ fhalbh a chobhar uaibh.
A chobhar ud dha phill gu brath,
Oir chaidh gu leir iad dh’ionnsaidh ’nait—
Gu bith-bhuantachd a ghabhail tamh,
’N trath thug am bas dhoibh sumanadh.
A CHRIOCH.
title | Marbh-rann air Daonaibh Chaidh Dhith |
internal date | 1843.0 |
display date | 1843 |
publication date | 1843? |
level | |
reference template | Ross Marbh-rann %p |
notes | FnaG text manual |