LAOIDHEAN SPIORADAIL.
A CHUM CUIDEACHADH LE CRÀBHADH NAN GAEL.
LE
DONNACHADH DUGHALLACH, ANN AN EILEAN THIRIDHEADH.
Ach ni mise dichiol, a chum an deigh dhomh Suibhal; gu ’m bi agaibhse gnath chuimhne air ’na nithibh so. 2 Pead. i. 15.
O Seinnibh oran nuadh do Dhia, Salm xcviii. 1.
Gach sluagh ’th, air muir ’s air tir; Salm xcvi. 1.–lxix. 34.
Oir seinnidh iad gu ceolmhor ait,
An slighe ’Righ na sith, Salm cxxxviii. 5.
Le guth na Sailm biodh seinn a chliu’ Salm xcv. 2.
Le laoidhibh ’s danaibh fior; Colos. iii. 16.
Ach gus an cluinnear fuaim bhur guth;
Mur thurtuir anns an tir. Dan. Shol. ii. 12.
AN ROIMHRADH
THA iadsan a th’ air an gairm, gu bhi gnathachadh am feumalachd mar luchd teagaisg ann an rioghachd Chriosd; air an samhlachadh ri h-iasgairean Esecl. xlvii. 10. Mat. iv. 19. Luc. v. 10. Muinntir mu’m bheil sàr fhios, an deigh na h-uile biathadh a dh’atharuicheas iad air an cuid dhubhan—an deigh na h-uile dichiol a chleachdas iad ri ’n cuid bheartan, agus eanguichean a chur an deagh ordugh—an deagh na h-uile saothair a chaitheas iad; na h-uile fuachd is fliuchadh—Anradh Oiche ’s latha—Sgios, is acras; cunnart is gàbhadh; is eiginn doibh fhulang ’sa ghiulan. Tha cuid do iasgaibh nach urrainn iad gu bràth a ghlachdadh aon chuid; le dubhain na le eanguichean. Gidheadh tha cuid do iasgaibh nach urrainnear a a ghlacadh le dubhain; a ghlachdar gu furasda le eangaichean. Samhladh, freagarach do thaobh Saothair luchd teagaisg an t-Shoisgeil agus do thaobh iompachadh pheacach. An deigh na h-uile saothair ghraidh, dilseachd is eud a chleachdas iad ann cur an cèill na firinn—an deigh na h-uile cunnart a riutheas iad o aite gu h-aite—an deigh gach urnaigh is trasgadh; is tagradh durachdach a ni iad aig caithir na’n gras gu’m biodh saothair an graidh air a crunadh le buaigh. —Agus an deigh a bhi ’cur an ceill na firinn ann am follais agus o thigh gu tigh. An deigh an dichiol eudmhor ann an Sgriobhadh leabhraichean, Shearmoin ’s, Laoidhean. Tha cuid do pheacaich nach gabh a’ bhi air an glacadh an lion an t-soisgeil ’s air am bi an saothair caillte. Gidheagh tha cuid nach leig an uabhar leo cluas a thoirt do’n fhirinn air a searmonachadh, a tha gabhail a’ bhi air an iompachadh air uairibh le bhi leughadh sa ’g eisdeachd leubhraichean
Tha ’n t-ughdar air fhaire, gum feud an lèabhran so tachairt ri cuid ris nach cord a shaothair; a reir an t-shean-fhocaill “Cha bhi miann dithis s’an aon mheis.” Agus tha ’t-Abstol Pol a’g radh “na ’m bithinn fathasd a toileachadh dhaoine cha bhithinn am Sheirbhiseach aig Criosd.” On ’s iad firinnean a dh’ fheudas a bhi buannachdail do anamaibh; ciod sam bith cho mi-thait’neach sa bhios iad do “Chluasaibh tachasach.” Tha e dearbhta ged a dh’ fheudas cuid aig nach eil eolas air an fhirinn; a bhi coimheach riu Gidheadh gu’m bi iad air a failteachadh le mòr-fhuran aig na h-uile a “bhlais gu’m bheil an Tighearna gràsmhor.” Tha cuid a dh’ fheudas a bhi coireachadh an ughdair airson na ’m fonn fo ’m bbeil cuid do na danaibh spioradail so; ach tha e ’n dochas’ nuair a thuigeas iad a chrioch a bh’ aige anns na fuinn so ghabhail gu’n tiondaidh an gruaim gu gean ris. “On na dh’ fhoillsichieadh Mac Dhe chum gu sgriosadh e oibre an diabhoil;” roghnaich an t-ughdar a chum a “bhi na cho-oibriche maile ri Chriosd” ann an sgrios a chuid do oibribh Shatain a bha anns na h-oranaibh mi-naomh a bha fo ’na fuinn sin agus a chur nan aite danaibh spioradail a tha foillseachadh a mach gloir Dhia. Sa dh’ fheudas a bhi na ’m beannachd ’s na ’m buannachd do anamaibh neo-bhàsmhor mòran da cho-ghael. S’on se so a chrioch a bh’ aige arson nan fonn sin. Tha e ’n dochas ann an aite buille dhochannaich na criom—achair; gu’ faigh e failte ’leithsgeulach fhuranach an t-shuaircis. ’So ’n a tha Seinn a deanamh suas, cuid do sheirbhis na ’n naomh ann an tìr so an oilthireachd—agus na sheirbhis a bhios
A’ guidhe beannachd Dhia an Athar a Mhic, agus a Spiorad naoimh a bhi leanntuinn nan danaibh so a dh’ ionnsuidh na h-uile teaghlach is cridhe gus am feud an leabhran so teachd: is e iartus durachdach bhur Seirbhiseach umhal san t-Shoisgeul.
DONNACHADH DUGHALLACH.
title | An Roimhradh |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Dughallach Laoidhean Spioradail %p |
parent text | Laoidhean Spioradail a Chum Cuideachadh le Cràbhadh nan Gael |