AN CEATHRAMH PAIRT.
Si ’n rioghachd shona bhuan i,
Suibhlaibh trid na’n geatachan
’S bidh Flaitheas dhuibh mar dhuais
Anns an rioghachd shona bhuan so.
I.
San dream a rinn mi ainmeach,
Sluchd leanmhuin bh’aig an Uan iad:
A’s lean E cho dileas
’S gun chriochnuich iad le buaidh, &c.
II.
’S nuair ruigeas sibh an t-ait’,
Anns ’m bheil lathaireachd an Uain:
Theid an armachd chuir na tàmh;
Anns an arois tha gun bhuaireadh.
III.
Theid crìoch air creidimh ’s dochas,
Ged ’s mor an cath a fhuair iad:
Tha fois an riogh’chd na gloire,
A’s solas nach d-thig uatha, &c.
IV.
On duslach bheir E’n deòiridh,
Sam bochd on òtrach dhuaichni’:
Gu’n cur na’n suidhe codhla,
Ri prionnsaibh a chuid sluaigh, &c.
V.
Tiormaichidh Iehòbhah,
Deur bròine bhar an gruadhean:
’S bidh moladh ’n-aite bròin,
’S cruintean Gloire ’n-àite luathre, &c.
VI.
Cha chum an uaigh na’m bas iad,
Bidh air chàraid buaigh acc’;
Sann sheinneas iad gu glòirmhor,
’S bidh òran Mhaois sa’n Uain acc’, &c.
VII.
Cha’n fhacas e le sùilean,
’S cha mhotha ’chuala cluas e:
Na’m bheil do shonas siorruith,
Aig Crìosda da chuid sluaigh,
Anns an rioghachd, &c.
title | 4 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Dughallach Laoidhean Spioradail %p |
parent text | 11 |