AN CUIGEAMH PAIRT.
Air Fonn.
An Slugan dubh na truaighe
Ruaigear iad on Seasgaireachd
Gach neach ’bhios anns an t-shuainse
Gu Slugan dubh na truaighe.
I.
’San dream nach duisg na thrà,
Gu’s am beir am bas na suain’ orra:
Gheibh iad cuibhrionn chraiteach,
Le Satan rinn am buaireadh.
An Slugan, &c.
II.
’S na bhasuicheas neo-iompuicht’,
Gun Chriosda ’s gu’n ath-nuadhach:
Bidh gul is gìosgan fhiacal,
Gu siorruith acc’ gun fhuasgladh.
An Slugau, &c.
III.
Bidh deatach thruagh am pèinne,
Gu siorruith ’g-èiridh suas ann:
’S bidh gul is gìosgan dheud acc’;
Le mheud ’s thig fearg an Uain orr, &c.
IV.
Ma ’s ’neach thu tha ’n Staid naduir,
Dean mosgladh trà on t-Shuain sin;
’S ri Criosda Seall an, Airde
Mu’m bàthar thu ’gun fhuasg’ladh.
An Slugan dubh na truaghe, &c.
title | 5 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Dughallach Laoidhean Spioradail %p |
parent text | 11 |