[65]

AN SGATHAN.

I.

Bha mis mar chàch ann an chreach aig Sàtan,
Sior dheanamh tàrcuis air t-àithntibh caomh:
Fuidhchuibhreach bàsmhor aig truailleachd naduir;
S mim nàmh do ghràsan an Spioraid naoimh.

II.
Och! ’S mòr an fhàiliung thug mi o Adhamh,
S cha mhis amhàin ach an t-àl gu lèir:
A thànaig uaithe tre ghinneil ghnathuicht’;
Rinn sud nan tràillean do Shàtan iad.

III.
Chaith mi mo làithean air feadh an fhàsaich,
Gu h-uaibhreach àrdanach feargach bàoth;
Nam struigh fhear neo-ghlan làn macnuiss -strith,
S am ruit-fhear ceolmhor le gòraich fhaoinn.


[66]

IV.
Lem chridhe cealgach tha làn do shalachar,
Thug fad air mhearallan mi feadh a cheò;
Mo nadur truailleg òl suas gach barraghloir,
Gu naimhdeil anacainnteach fad on chòir.

V.
Gun eolas Slainteil air Dianan gràsan,
Am chreach aig Sàtan Sam thràill don fheòil;
Toirt graidh don t-shaoghal sdo chuideach bhaoghail,
Sa chuideachd naomhs mi nach taòbhadh beo.

VI.
S mi h-uile lag radh ris an t-Shlan-fhear,
Imich an trà so chan aill leam thu;
A bhi nad Righ shagairt dhomh na t-fhaidhe,
S nuair thig am bàss math leam lamh rium thu.

VII.
Ged theireadh fhìrinn san rium gu laitheil,
N diugh lana slaint gabh an gràs sna diult;
Ach on bha m-inntinnse dha na nàmhuid,
Se bhi cuir dàil ann a bha nam run.

VIII.
Sa sin a Smuaintich mi air an truaighe,
A bhiodh mar dhuais dhomhn taobh thall don bhàs;
Sann dhuisg sud riasuinn do sheorsa diadhachd,
Sa sin a dh fhiach mi ri dol ni bfhearr.

IX.
Chaidh mi gu fuaigheal na mìrean nuadh,
Ris a chridhe chruaidh san robh fuath do ghràs;
Le duil gum leoir dhomh bhig urnaighn comhnuidh,
S mo chridhe feolmhor na chròdh dom nàmh.

X.
Ben dochas làidir bhagum an trà sin,
Gun coisninn Pharrais lem- airigheachd fèin;
S ged bhithinn failuingeach ann am pàirt diu,
Gun cosnadh cacha dhomh deagh ghean De.


[67]

XI.
N sin thoisich leughadh isleathsach bhèusan:
Leduil gun deantadh mo rèit ri Dia;
Sa nis gu h-àrraidh gum bfhearr na càch mi,
Se sud bha Satan cur orm mar fhiach’.

XII.
S ged thrèig mi cuid do mo mhiannaibh mìlteach,
Air mhodh dìomhair bha mi an sàs;
As ghabh mi tamh ann an didean brèige,
Fuidh mhallachd DheS cha bu leir dhomh e.

XIII.
Biad m-oibre fèinn rud a bha mar stèigh dhomh,
Chab lèir dhon-èifeach bhan steigh naslaint’;
Fuidhn lagh gu gniomhach sior dheanamh dìchill,
Le duil gum fìrnicheadh e mo ghnà.

XIV.
Se so an Sgàthan sam faic sibh pairt dheth,
Mo thoradh naduirs dom- umhlachd fèin;
Sa chairdean gràdhach nach truagh leibh -radh,
An neach as gràineala a tha fuìdhn ghrèin.

XV.
Ach dhfhosgail Ughdar na slaintmo shuilean,
Nuair thanaign-ùinne a rùnaich E;
S chuir E cho drùiteach an lagh dom- ionnsuidh,
S gun dhearbh e m-umhlachd bhi dhona bàs.

XVI.
Bhan lagh gam sguirsadh is dhuisg mo choinnseas,
Bha mi gam chuibhleadh agus gam chradh;
S bhan Spiorad daorssin gam chloidheadh daonnan,
A sior thoirt m-eutromais dhionnsan làir.

XVII.
Bhan lagh gam sguirsadh oir bem- oidfhoaghluim,
Gam thoirt a dhionnsuidh m-Fhiorrshaoraidh naoimh;
S Om uallach tromS Easan a rinn saor mi,
S chaidh mearbsbha faoinnchuir a thaoibh gun suim.


[68]

XVIII.
S E Iosa Crìosdathug Saorsa shiorruith,
Donamilltean bham prìosun truagh;
S is ann na fhireantachd a tha prìseil,
A fhuair min didean na dion o thruaighe.

XIX.
Ged tha mo namhuid rium gleachd gu làthail,
S E Criosd le ghràsan nim fhailuing suas;
S E ghealladh slainteil nach dean Em fhàgail?
S gu fàigh mi laithreachd is gràs gu buaidh.

XX.
Ged theirgeas sleibhtean sged leagh na reultan,
Ged theich no neamhan an Speur san cuan;
Se gealladh grasmhor an Ti as aird dhomh,
Gum faigh mi failt uaithair sgàth an Uain.

title15
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Dughallach Laoidhean Spioradail %p

parent textLaoidhean Spioradail a Chum Cuideachadh le Cràbhadh nan Gael
<< please select a word
<< please select a page