FEARANN A GHEALLAIDH.
I.
Nuair bha Israel ga’n sàrach aig Phàraoh san Eiph’t,
Bu bhrònach an càdhradh fo àmhgharan gêur;
Ach chuimhnich an t-Ard-Righ air Abraham fèin—
Gun do gheall E Canàan do shliochd Iacob na dhèigh.
II.
Dh’fhiosaruich an Tì sin le mìorbhuilean gràidh,
An Sluagh a bha cho ìosal gu’n didean fuidh thàir;
Sann a dhealruich a chaoimhneas gu boisgeil o’n àird;
Thoirt fuasgladh do bhraighdean bho theanntachd a’n nàmh.
III.
’S dh’fhiosaraich E Pharaoh le plaighin ’s le pèinn,
Gach cèud-ghinn a bhualadh le uàmhain do’n èug;
Gus na dh-aontaich e’n sluagh ’leigeadh uaithe ma rèir:
Ach le mì-run ro bhuan; lean e’n ruaig air an dèigh.
IV.
Ach threòruich Iehòbha na slòigh ’bha fo sgàil,
Ged ’bha ’naimhdean le fòirneant an tòir air am bàs;
Le lèus anns an oidhche ’s le nèul anns ’an là,
Ga’n toirt sabhailt do’n oighreachd bha’n geall Abrahàm.
V.
Nuair bha Isr’el am fàng, ’sann an teanntachd bha brùit,
Gun fhuasgladh air laimh acc’ san naimhdean ro dhlùth;
’S ann a dheonaicheadh fàbhar le Ard-Righ na’n dùl—
A sgaoil a mhuir-ruadh gus an d’fhuair iad a nùll.
VI.
’N sin sheinn iad le luath-ghair nuair fhuair iad gu tìr—
Le gairdeachas anama ’s le taingealachd crìdh’:
On a bhàthadh a naimhdean bha teann air an tì—
Gun deach Pharaoh sa charabaid san fhairge ’chur sios.
VII.
Bha iad ciocrach is pàiteach san fhàsaich gun bhiadh,
’S chuir E mana o’na h-àrdaibh a shàsuch a ’miann—
’S chaisg E’n ìotadh le ìochdshlaint’ o’n fhior charraig Criosd;
’S cha robh dìth orr’ san tiom sin fuidh dhidean an Triath.
VIII
Ach ghabh an ’anam grainnd’ air a mhàna mar bhiadh,
Agus phill iad ’na ’nàdur gu tràill’eachd gun chiall;
’S bhrosnuich an’ ardan an; t-Ard-Righ cho dian:
’S gun bhuail E gu bàs iad le plàigh a bha giar.
IX.
Bhuadhaich a phlàigh so ’chuir àireamh gu dìth:
’S bha cunnart do shliochd Iàcob air bàs gun cheann-crich’;
Mar togte ’nathair phràis dhoibh air àithnne an Righ,
’S na sheall rithe ’n airde bha slàint’ acc’ gun dìth.
X.
Ged bu lionmhor an ardain, bha fabhar dhoibh ann,
Fhuair iad lagh agus aithn’ tean am fàsach Shinai;
Chuireadh suas doibh am Pàiliun mar àileachd do’n champ’;
’S bha’n t-shlat a bha aig Aàron fo bhlàth anns gach am.
XI.
Bha clàraibh a chumhnainte duint’ anns an àirc’,
Bord, coinnleir, a’s tùiseir bha dlùth rithe ghnà;
A’s cathair na trocair an oirdhearcas àrd,
A’s cherubim na glòire gan comhdach le sgail.
XII.
Ged bha trocairean lionmhor aig Isr’el sa champ’,
Thug iad aoradh do dh-ìodhal le strìopachas teann;
’N aghaigh Mhàois agus Aàroin gu’n d-àrduich iad cainnt,
’S chaidh Còrah is Dàthan gu bàs anns an ams’.
XIII.
Bhiodh e fadalach ri ìnnseadh a sìos ann am rann,
Mu thurasaibh chloinn Israel ’gach nìth’ thachair dhoibh.
Bha naimhdean cho lìonmhor a strìth riu gu teann,
’S bha seacharain an ìnntinn toirt dìth orra ’s call.
XIV.
Ach bhrosnuich a’morchuis: Iehòbhah a rìs,
’S na chorruich thug E bòidean na slòigh chur gu dith;
’S nach rachadh dhiu don oighreachd a gheall E air chinnt,
Ach Caleb ’is Iòshua ’s òigridh, bhà crìon.
XV.
Bha Amelic is cananaich gu searbh air an tith,
Hibhich, Hitich agus girgasaich ’s Ebusaich san strìth;
Bha Peridsich, is Philistich gu garbh ’toirt doibh spìd,
’S thug sud mòran do dh’fhànaineachd air armailt an Rìgh.
XVI.
Ged bu lìonmhor na sloigh a bha comhrag rì ’shluagh,
Chuir E fàda iad air fògar san coirsan ’thoirt uath’;
’S thug E’n t-iarmad bha làth’r do Chanàan le buaigh,
Mar a gheall E do Abra’m ’s do Iacob mar dhuais.
XVII.
’Sud am fearann ’chaidh a ghealtain mar oighreachd o’ chèin,
’S cha neil coimeas da ri shealltuin fo shoilse na grèin;
Bha mil’ is bainne ’s fìon steachdantìr air a rèir,
O’r is airgiod is nith’ ann cho lionmhor ri feur.
XVIII.
Sud am fearann anns an d-ìosalaich Criosda E fèin,
Nuair a thànig E nuas, a thoirt fuasgladh da threud;
Dhol ga’n saoradh o thràilleachd, is grainde na’n Eiph’t;
’S gan toirt sìochail le ghras, do’n Chanàan th’air Neamh.
XIX.
Sud Canàan is fearr tha gun àmhghar na luib,
Cha bhi peacadh ann na bàs cha bhi cràdh ann na caoidh;
Cha bhi màor ann le bair linn na namhaid gu claoidh,
Ach sonas bhios do-àireamh gu brath aig na’n naoimh.
title | 19 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Dughallach Laoidhean Spioradail %p |
parent text | Laoidhean Spioradail a Chum Cuideachadh le Cràbhadh nan Gael |