LAOIDHEAN SPIORADAIL.
A BHREITH A RIS.
I.
THUIRT an TI tha NEO-CHRIOCHNACH le firinn a bheoil,
“Mur a beirear duine ris,” “ ’S mar a ceus iad an fheoil;”
Nach mealadh iad a Shith san an rioghachd na gloir:
Ach gu’m biodh iad air am fuadach gu truaighe ’s gu bron.
II.
Tha briathran na firinn air ìnnseadh le Pol,
Mu ’n dream a’s le CRIOSD “gn’n do cheus iad an fheoil;”
Sgur a creutairean nuadh iad tha gluasad na rod,
A chuir dhiu ’n duine truaillidh, ’s ’chuir suas an duin’ og.
III.
O THI th’ anns na Neàmhan air t-àrdachadh shuas,
Seall ann ad fhàbhar air àrdan an t-Shluaigh:
Sa mheud dhiu ’s ’tha gòrach snach d-fhòghlum iad uait;
O pill agus seol agus treoraich iad suas.
IV.
Fosgail suilean air n-înntinn le ’d Spiorad o’n àird;
’S thoir d’ ur n-anamannaibh treòir gu bhi beò ann ad ghràdh;
’S cuir tart oirn’ a dh’ ol as an t-shòlas nach tràigh,
As an lanachd tha ’n CRIOSD ’phaigh na fiachan le bhàs.
V.
Thoir fradharc agus èisdeachd le eifeachd do’n t-Shluagh,
’S gu’m faiceadh iad a ghne ’tha do eucail na ’m buaigh’n;
’S gu’m blaiseadh iad cho gràsmhor tha Slàn-fhear nam buadh,
A tha tairgseadh le ghràs ’n deanamh àluin is nuadh.
VI.
Ach tha ìnnleachdan laidir aig Satan gach uair,
’S tha e dh’ oiche s’ do là dol mar nàmhaid mun cuairt:
Tha e gealltuin duibh sith sgur i crioch a bhios truagh;
’S mur a pill sibh gu Criosd’ gheibh sibh diteadh bith-bhuan.
VII.
Och! a mhuinntir an t-Shaoghail nach aom sibh bhur cluas;
Agus eisdibh an sgeul tha ga leughadh do’n t-Shluagh;
Gun a cheusadh MAC DHE airson èuceart a Shluaigh,
’S thug E sith agus Slaint’ trid a bhais ud ma’n cuairt.
VIII.
’Sud am bàs a bha cràiteach is nàrach gu leòir,
Bha na tairgnean ga Sathadh troimh’ lamhan le h-òrd;
’N t-shleagh ga sàthadh na thaobh as na thaom fuil gu mor:
’S ud an fhuil am bheil a bhuaigh, a dh-athnuadhachadh Slòigh
IX.
Chuir iad crùn droighinn teann air a cheannsan a Sàs,
’N deigh fholas a bhi braonadh tre chaomh chorp gu lar:—
’S dh’ fhuiling E’n crann-ceusaidh lan pèinn agus cràidh;
’S ged a leag iad E san uaigh, thug E buaidh an treas là.
X.
Cha do thruaill E san uaigh ’s thug E buaigh air a bhàs,
’S fhuair E Saorsa da ’shluagh O! bu bhuan doibh a ghràdh;
’S thug mar bheò-dhochas gloire ga’n còmhnadh a ghnà,—
Oighreachd Shiorruith neo-thruaillidh, nach gluaisear gu brath.
XI.
’S ged a tha iad gu tàireil san fhàsach ’s air chuairt,
Chionn gu’n d-iompaich a ghràs iad gu gràdh thoirt do’n Uan:
Bheir E fathast iad an àireamh na’m bràithrean thug buaigh;
Gu bhi Seinn ann am Pharais le gairdeachas buan.
XII.
Nuair a dhireas tu ’n àird’ gheibh thu fàilte o’d Righ,
Cha bhi bron ann na bàs cha bhi cràdh ann na peinn:
Bidh a ghnùis dhuit’ nas aille na dealradh na grèinn’ ;—
Agus Siabaidh a lamh uait gu cairdeil gach deur.
XIII.
Rioghachd cumhachd agus gloir biodh do Mhor Righ nan Sluagh,
A dh’ umhlaich, dhuin, an t-shaorsa trid Aon-ghin nam buadh;
A ghabh a nàdur daon’ air ’chum naomhachd a shluaigh,
’S theid na chreideas ann a shaoradh o dhaorsa ’so thruaigh.
XIV.
Ach a mhuinntir neo-iompaicht’ nach striochdadh da ghràs,
Nach gabhadh ris an fhìrinn mar Shiol na “breith o’n- àird,”
Bidh iad uile air an diteadh o rioghachd gu bràth:
“ ’S mar a beirear duine ris” Gheibh e Siorruitheachd a chraidh.
XV.
On a rugadh sinn on fheòil tha sinn neòghlan is truaillt’,
’S tha naimhdeas do IEHOBHAH mar phòr annainn buan:
’S cha’n urrainn sinn san dòigh sin gu glòir a’ dhol a suas;
’S nach eagalach an ceò sam bheil moran do’n t-shluagh?
XVI.
Cha dean saothair na inbhe, n-athghineamhainn: ach gras:—
Cha dean foghlum na èolas ach còmhdach mar sgàil;
Tha sud mar Sgathadh gheugan, San fhreumh anns an làr;
Bha Sud aig Nicodemus ’s b’e fheum breith o’n aird’.
XVII.
Tha na creutairean nuadh ’ruith gu buan sa bhlar-réis,
’S iad ri Spairn a tha cruaidh chum ’s gu’m buannaichd iad neimh;
Thaisg iad ionmhas ro luachmhor ’s ann shuas mar an ceudn’;
Rinn Spiorad naomh na ’m buadh, an athnuadhach gu treun.
XVIII.
Thug E creideamh dhoibh an CRIOSD agus sith mar an ceudn’,
’S dhoirt E’ghràdh ann na’n crìdh’ leis an iomhaigh th’ air fèin:
Tha beatha AIGE ga’n àrach, Se ’m blàth bhainne Seimh;
“ ’S bidh am fàs ann an gras gus an tàrr iad gu nèamh.”
title | 2 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Dughallach Laoidhean Spioradail %p |
parent text | Laoidhean Spioradail a Chum Cuideachadh le Cràbhadh nan Gael |