[81]

PILLEADH AIR AIS.

I.

Tha mi ’m faicinn an trà so,
Aobhar eagail ro àrraidh fon ghrèinn:—
Dream bha leanntuinn an t-Slan-fhirr,
Ann an coslas luchd crabhaich nam bèus:
S a rinn aideachadh laidir,
Guna ghlanadh on gràinneileachd iad,
Nis a pillèadh ri Sàtan,
S gun iad toileachbhifagail a shreud.

II.
Thachair dhoibhsean da rìreadh,
Rèir an t-shean-fhocailsgriobhadh ochèin,
Phill amadadh ri dhìobhairt,”
S gun e toileach bhi diobèar a bhèus;
Samhuc a ghlanadh gu sonruicht’,
Chùm a h-eabradh a neo-ghloin na crèa,”
Sud mar thàchras don t-sheòrsa,
Phill air ais le cùl sleamhnachadh brèun.

III.
Sud na gèugan gun tòradh,
A chaidh ìnnsann am focal an Uain,
Theid a thional mar chònnadh,
Sthèid a lòsgadh le teinne bith-bhuan;
Sud na h-òighean gun òla’,
Air an dùinear an dorus a suas,
S ged a gh-èigheas iad fosgladh,
S ann a dhìtear nismo iad gu truaigh’.

IV.
Tha iad cosmhuil ri fearann,
A bhiodh uisgair a frasadh on àird,
S nach fhaicte da mhaitheas,
Ach drisean is droighean a fàs;


[82] A tham fàgus don mhalluchd,
Dan deireadh bhi loisgte gu bràth,
Sud mar thachras don aitim,
A tha pìlltinn oCharraig naslaint’.

V.
Sud an dream as dìteadh,
A tha again; sa Bhìobul gu lèir,
Pheacaich iad le sàor ìnntinn,
An deigh eolas air fìrinn a bhèil.
S doibh chan- fhàgur aon ìobairt,
Rinn iad tàir air a nìth dheanadh fèum,
Ach duil ri breitheanas sìorruith,
S fearg theinteach bheir sìos iad gu pèinn.

VI.
Chuir iad lamh ri crann-aradh,
Agus sheall iad airn-ais as an dèigh,
Thog iad stèigh air a ghaineamh,
S cha do lean iad aMac len crann-cèusd’;
Sann marlìonn damhan allaidh,
A than dòchasan tàna gun fhèum,
Chaneil trocair dan anam,
Chuir iad cul ri Emanuel fèin.

VII.
Cuid a phill arson beartais,
Mar rinn Iudas am brathadair mòr,
S cuid eiles cha tearc iad,
Arson fhearann as dhamh as bhan pòsd
S cuid than saoghal a mealladh,
Sann le buairidhean salach nafeol,
Cuid gu cleachdaichean masluch,
Bhios na thruaighe dan- anam rim beo.

VIII.
Cuid a phill ris an t-shaoghal,
S ri thoil-inntinnean faoine gun chiall,
Mar bha Dèmas na àonar,
S gun sgeul air gun shàoradh e riamh;


[83]S Himenĕuss Philètus,
A bha g-àicheadh ais-èirigh gu dian,
S lean mòran an cèuman,
A thuit don àites nach eirigh a ghrian.

IX.
S tha nigheanan Mhòaib,
Nan ceup-tuislidh do mhòran don àls
Tha uabhar is morchuis,
S anamhiannuibh na feola do phairt;
Eagal oilbheum air mòran,
M fagail Focail a Bheoil dhoibh gun stà,
S fearr leo pilleadh gu dòruin,
Nabhi siubhal na ròdsan fo thàir.

X.
Sean cliuth-accon t-shaoghal,
Nach eil annta ach daoine gun stèigh,
Chan- earbar riu aon nith’,
Sam bheìl onair on chaochail iad beus;
Na aon nithatha fìochail,
S cha chreidear geil fìrinn nam beul,
S tha iad buileach fo dhìteadh,
Thaobh tiom agus sìorruitheachd fèin.

XI.
Thog iad tuaileas neo-chìnnteach,
Air an an fhearann thaig Israel ,
Thug iad masladh is mi-chliu,
Aguss mal air na firein gu lèir;
S ghabh an anamaibh sgiosa,
Don mhana tha-aig Iosa da Shrèud,
Agus phill iad a rìse,
Air an ais ann nan crìdhe don Eiphet.

XII.
Fhirr a shaolas bhid sheasamh?
Thoir an aire nach tuislich do chèum,
Agus cuimhnich bean Lot,
A nuair a sheall i airh-ais as a dèigh:


[84]S deansa cabhag bho Shòdom,
Agus teich a chum -ar na grèin.
S feuch! nach stad thu sa chòmhnard,
Ged bhiodh baccadh nadròd thun an t-shlèibh.

XIII.
Ach tha dealachadh sònruicht’,
Eadar pilleadh gu dòruin gu lèir,
Agus Israel chul-sleamhnuich,
Tha i pilleadh le bròn a chum Dhe;
Tha igaideach a gòraich’,
S tha i tagar a thròcair gu trèun,
S thaghealladh gu mòr dhith,
Gun leighis ebreòiteachdan fèin.

XIV.
Leig do thaice air Iosa,
SE Fearsaoraidh nam fireain E fein,
Cuim do shuil air gu dìreach,
S lean eiseimpleir iosalsgach cèum;
Biodh a ghradh ann do chrìdhse,
S ni E saor thu o dhiteadh so phèinn,
S buinnidh dhàsan da thrid sin,
Glòir gun cheann aig a chrìch feadh gach .

title20
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Dughallach Laoidhean Spioradail %p

parent textLaoidhean Spioradail a Chum Cuideachadh le Cràbhadh nan Gael
<< please select a word
<< please select a page