AN TIOM A BH’ ANN O’ SHEAN.
Air Fonn.
Mar chaith mi’n tiom a bh-ann o’ Shean,
Mar chaith mi’n trà o chianuibh;
Gun ùmhlachd naomh do’n Ti as aird,
San fhasuch gu mi-rianail.
I.
O Teagaisg dhuinn a Thì as aird,
Mar-air’ear leinn ar bliadhnan:
Oir ’s cìnnteach gun do chaith sinn cearr,
Air làithibh gu’ neo-dhiadhuidh.
Mar chaith mi’n tiom a bh-ann o’ Shean, &c.
II.
Chaith sinn ar làithibh san fhàsach,
Gun chàileachd do’n diadhiuchd;
A’s sinn mar sin n’ur cloinn don bhas,
A sàsuchadh ur miannan, &c.
III.
Air laithibh air an aireamh; tà
’S gun tàmh a tì’nn gu criochnach,
’S as goirid gus an d’thig an uair,
A ni do’n uaigh’ur triallna, &c.
IV.
Oir ceart mar shruth a ruitheas bras,
’S nach pill air ais ra shliabhan;
Tha laithi’, ’S bliadhnai, ’s linn ’dol seach,
’S cha phill ri neach an triallsan, &c.
V.
Air laithin mar leud bois atà,
’S mar neoni ’ghnà air bliadhnan;
Cho luath ri spàl a dol roimh shnà,
Tha sinn gu bàs a dian-ruith, &c.
VI.
Air beath’ mar dheataich tha gu fior:
A dhireas ris an iarmailt’;
Cha’n- fhada ’bhios sinn anns’ an tìrs’,
Nuair ’theid sinn ’rìs gu siorruith’chd, &c.
VII.
Air n-uile laithin sìor dhol seach’,
Mar neach aig ìnnseadh sgiala;
’S gu bràth; cha phill i air a h-ais,
An tiom a chaith sinn diamhuinn, &c.
VIII.
Oir ceart cho luath ri gille-ruith,
’S ri iolair dol san iarmailt;
’S mar luing a sheolas air a chuan,
Air laithibh uainn’ tha trialladh, &c.
IX.
Dh’fhalbh air laithin uainn mar sgàil,
Gun chuimhn’ air bàs na siorruith’chd;
’S ged bhiodh ’ur n-umhlachd ’nis ni ’b ’fhear,
Cha dean e’n àithnne ’riarach, &c.
X.
Ach dh’fhoillsich iochd an Ti as aird’,
Dhuinn gradh a tha neo-chriochnach;
Nuair chuir E Mac a ghaoil o’n àirde;
’Phaigheadh ’ur n-uile’ fhiachan, &c.
XI.
’S ma fhuair sinn reite ann na bhàs,
Gur coir an tràs ’bhi ciallach;
Sa bhi g’ath-cheannach trid a ghrais,
Na laithin ’chaith sinn diamhuin, &c.
title | 21 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Dughallach Laoidhean Spioradail %p |
parent text | Laoidhean Spioradail a Chum Cuideachadh le Cràbhadh nan Gael |