DAN NA’N DEICH OIGHEAN.
I.
Tha ’Rioghachd neamh ’s na ranntaibhs’,
Air an samhlach ri deich òigh’n,
Thug leo an lochrain laiste,
Ann an coineamh an fhirr phosd;
A’s air deanamh moille dha,
Thuit cadal orra ’s clò,
’S bha cuig dhiu ’n gliocas faluin,
’S bha cuig aimideach gu leoir.
II.
Sa mheadhon oidhch’ bha caiseamachd,
Feuch! thàinig am fear-posd’,
Gràd rachaibh ’mach ga choineachadh,
Ma ’s toil leibh dol na cho-ail;
’N sin dhuisg na h-oighean cadalach,
A’s dheasaich iad air doigh,
’S na h-oighean glic bha’n ol ac,
Toirt soluis mar bu chòir.
III.
’S na h-oighean glic bha’n lochrannaibh,
Gu boidheach a toirt soills’,
A’s ol acca na’n cornaibh,
Dhol an comhail fhirr na bainns’;
IV.
’N Sin thuirt na h-oighean aimideach,
Fo fhaireachdain ro ghèur,
“Thoiribh cuid do’r n-ola dhuin,”
“ ’S ar solus air dol eug;”
Se thuirteadh riu san fhreagaradh,
Grad “cheanachaihh dhuibh fein,”
Oir sinne cha ’bhi ’chorr aguinn,
Na chomhnas sibh nar feum.
V.
Chaidh na h-òighean maiseach mùirneach leis,
A steach do’n luchairt shuas,
’S an dorus chaidh a dhùnadh,
’S chluinnte fuaim an ciul le buaigh;
S’am posadh air a chrùnadh dhoibh,
An ceangal dlùth bith-bhuan,
Le sonas nach d’thig mùthadh air,
Anns an Ierus’lem nuadh.
VI.
’N sin bhuail na h-òighean aimideach,
An dorus; ach gun fheum,
On bha iad dh’ eas-bhuidh ola,
Dheanadh solus dhoibh gu neamh;
A’s thuirt iad “fosgail dhuinne,”
Bha sinn cuideachd anns an t-shreud,
’S cha do chuir na h-òighean eile,
’Bheag do theagamh annain fein.
VII.
Cha d’fhosgail doibh an dorus,
Ged bu choltach iad na’n gluas’d,
Sann thuirt E riu cha b’ aithne dhomh,
Le tlachd sibh mar mo shluagh;
VIII.
Bu mhòr an t-aobhar thruais iad,
Air am fuadachadh o làith’r,
Gu dorain tha bith-bhuan,
Sa choidch’ cha’n ’fhuaraicher an cràdh;
An coguis gan sior bhualadh,
’S fearg an Uain mar chuan na tràigh,
’S cuis ghaoir thoirt an cluasan,
Bhi toirt luaidh dhuibh air an càs.
IX.
Ged dh’ èalaich iad do’n- aideachadh,
Gun aithreachas ’s gun ghaol,
Bha ’n ìnntinn is an aigni’ean,
Coth-cheangailt aig an t-shaogh’l;
Bha ’n-anam gun chruathatharach,
Le feart an Spioraid naomh,
’S do chreideamh ’s dochas falluin,
Bha iad falamh gu ro fhaoin.
X.
Bha ’n duais acca da reir sin,
Dorus neamh bhi orra duinnt,
Sam fuadach dh’ionnsuidh lèirsgrios,
Far an reubar iad co-dhiu;
Bidh deatach thruagh am peine,
Siorruith ’g èirigh dhiu mar ’s muid,
Le h-uamhasan a dhèireas doibh,
O chorruich Dhe na’n dùl.
XI.
Gu’r feumail gliocas ionnsachadh,
O’n tionsgnadh th’ann am dhàn,
’S mo nadur ’bhi ath-uraichte,
Am fuighleach so mo lài;
XII.
A’s ola bhi ’na’m lòchran,
Mar na h-òighean chaidh do’n rìogh’chd,
Maile ri ’m fear posda,
Dhionnsuidh gloir a tha gun chrioch;
Ni’n- anam ait le solas,
’M faicinn òirdhearcas an Righ,
Sa seinn air cliu a Mhòrachd,
Leis an Oran a tha bìnn.
XIII.
O’ thi a tha gun mhearachd,
Fogair aimideachd o ’m chrìdh’,
A’s deonuich gliocas falluin,
Beatha mhairrionach is sìth;
Tog uile mhuinghin m-anam’,
Air na thagaradh air Crìosd,
’S biodh fhireantachd mar m’fhalluing,
’S bidh mi canntuin; Amhluidh Bìodh.
title | 23 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Dughallach Laoidhean Spioradail %p |
parent text | Laoidhean Spioradail a Chum Cuideachadh le Cràbhadh nan Gael |