[96]

EAGLAIS PHILIPI.

I.

Si litir a sgriobhadh, gu Eagluis Philipi,
Tha gluasad air m-inntinn le cinntair an am;
Na h-earailean priseiltha beartach le dilseachd,
S le dleasanais chriosdail aon fhillte gun mheang.


[97]

II.
Gedbhan eaglais gu cìnnteachreir riaghailt na firinn,
Le h-easbuigibhs deaconaibhs Biobuil nan laimh;
Chad fhag Pol iad air di-chuimhnan earbsa rin diochal,
Ach dh-uraich en-inntinnbhi dileas nan gairm.

III.
Nuair thanuig en tir acce fèin agus Sìlas,
Be aoradhn an iodhal air chinnt a bha ann;
Ach le soisgeul na rioghachd chaidh moran diuiompach’,
On seachranaibh millteach, gu Criosda mar cheann.

IV.
Si tirr Mhacedonia dhfhairich an trocair,
Bhris Grian ona neoil orrle sòlas is sìth;
Chaidh Lidiashoillseachs fear coimhead nan geimhlean,
San tcaghlaichean caoimhneildeanamh aoibhneis an Criosd.

V.
Chaidh na h-abstolaibh gràdhach a mhasluch san ait so,
Ged be maith an luchd àitich bha laidir nan cridh’;
Ach cha d-fhannuich an danachd an obair an Ard-Righ,
Ged bha tuiltean na h-amhghair teachd an aird thar an cinn.

VI.
Ged bu làidir an naimhdeasbhan aghaigh an t-shoisgeil,
Chaidh Eaglais a dhaingneachmeasg gheint’ -leach san uair;
S fhuair Pol agus Sìlas amach as a Phrìosan,
S chraobhsgaoil iad an Fhirinn feadh nan tirean mun cuairt.

VII.
San deigh dhoibhbhin-ordugh sa sgaradh san fheoil iad,
Sa ghuilaineadh Pol san le foirneart don Roimh;
Mar athair an teaghluich bhan curam gu mòr air,
S bha e fein as Timoteus co- ’la san ams.

VIII.
S chuir en litir so sgrîobhte le Epaphroditus,
Coth-oibriche dileas san fhirinn a bhann;
Bheireadh aoibhneas dan ìnntinn nuairchitem Philipi,
Sa bhar air na sgrìobhadh dheanadh innsann an cainnt.


[98]

IX.
Bhan Eaglais so cliuteachmeasg chinneach is Iudhach,
Ann an comhnadh an t-shoisgeul bhan roinn san thar chaidh;
Ann am bochdain san teanntachd bha fialachd an saibhreis,
Sann an amhgharaibh claoiteach bhan aoibhneas fo bhlath.

X.
N am fagail an fhearain cha do roinn ris an Abstol,
Thaobh tabhairt is gabhail ach iadsan amhain;
S cha b-ann aon-uair le sgios deth choi-lion iad an gniomh so,
Ann Tesalonìca chuir rìs e le gradh.

XI.
N-eud soisgeulach coir san gun bhrosnuich sud moran,
Gu dleasanas comhnaidh le deoin is le gradh;
Sbha n uall sin aig Pol asdri Eaglais Chòrrinth,
Sb-ion-mhiannuichten doigh e bhi aig moran san làs.

XII.
Nuair dhaidich em fialachd san caoimhneas ion-mhianuicht,
Rinn em brosnach san diadhachdbhi fialuidh gach uair;
Co accthigeadh sa chìt e noas lathair gun cluinnt e,
Bithibh daingean dhaon-ìnntinn san fhìrinn le buaigh.

XIII.
N ur siubhals nar n-ìmeachd bithibh cubhaidh don fhìrinn,
Dhaon Spiorads dhaon ìnntinn gu dileas gach re;
Coth-ghleachdadh gu cinnteach arson creideamh na fìrinn,
Sior-fhoghlum na h-inntinn a bhaig Criosda E fein.

title25
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Dughallach Laoidhean Spioradail %p

parent textLaoidhean Spioradail a Chum Cuideachadh le Cràbhadh nan Gael
<< please select a word
<< please select a page