[98]

AN DIOMHAIREACHD FHOILLSICHTE.

I.

Bha UilFhiosarachd an Ard-Righ,
S Uile Leirsenneachd a Naduir;
Faicinn gun tuiteadh Sliochd Adhaimh,
Cian mun robh ann Neamh no talamh.


[99]

II.
S mun do chruthaicheadh na saoghail,
On bha fhios gun tuiteadh daoine;
Ghairmeadh comhairle na Naomhachd,
Chum gu saorte iad o pheanas.

III.
Thuirt Trocair an-uchd na Morachd,
S duilich leam daoindhol gu dorain;
Tha mi toileach dol gun soradh,
Chum an treorachadh gu flaitheas.

IV.
Thuirt Maitheas is Iochd ri Trocair,
S Gradh-neo-chriochnach theid sinn co-ruit;
A thoirt fuasglaidh do luchd-dobheairt,
Bhios nan comhnuidh air an talamh.

V.
Labhair Ceartas ann na Mhorachd’,
Mun dtheid bhur n-iartaise dheonach;
Feumaidh mise fuil a dhortadh,
S umhlachd iomlan ghloirmhor fhaighinn.

VI.
Ged theich Neamh is Talamh co’ -la,
Seasaidh misaig firinn ordail;
S bheir mi peanas air luchd-dobheairt,
Mar a gloirichear mo thagradh.

VII.
Dhaontaich le Ceartas an Fhirinn,
Neo-chaochlaideachs Naomhachd fhiorghlan;
Cha leig sinn Trocair a sios,
Mar faigh sinn bhi diolte air peacadh.

VIII.
Oir Saltraidh iad oirn fo Sailtean,
Mar an Clabar anns na sraidibh;
S feumaidh sinn an umhlachd slan:
As peanas arraidh air a pheacadh.


[100]

IX.
Thuìrt Uile Chumhachd, neo-chriochnach,
Theid mi le ceartas gu diogh-ltas;
S bheir mi na bhagradh gu crich:
Ged b-ann an iochdar teinne lasrach.

X.
Thuirt Trocair mar neach do-chiosnaicht’,
N gleidhear m-iartais; mar am priosan;
Reitichibh dhomh slighe fhial;
An Onair Dhia gu tearnadh pheacach.

XI.
Bha tosd mar gu bann san t-shiorruichd,
S ceartas a tagradh bhi diollte;
Oir bem priomh nithbha air iarraidh;
Gloir do Dhia is sith don talamh.

XII.
Sged dhiobairtna h-ainglean naomha,
Suas mar eìric airson dhaoine;
Dheanadh peanas peacaidh aon neach,
N tiomlan diu maraon a chasgairt.

XIII.
Bhris an Gliocasmach an t-shamhchair,
A bhameasg nam buaghan aghmor;
S thuirt E gum b-aithne dha Rathan:
Bheireadh paigheadh dhoibh nan tagradh.

XIV.
Chuireadh suas mi sann o shiorruichd,”
Mar neach air m-altrom san Diadhachd,”
Deanamh gairdeachas na fhianuis;”
“ ’S mo mhiann air tearnadh nam peacach.”

XV.
S En dara pearsa don Trianaid,
Ghabhas air gu leìr na fiachan;
S bheir E gu h-iomlan dhoibh dioladh,
Ann an liad am fad sam fairsneachd.


[101]

XVI.
Nuair a thuig a Chuirt an riaghailt,
Bha san run aig Gliocas siorruith;
Cha robh Buaidh a bhanns an Diadhachd;
Nach robh riaruichte da aidmheil.

XVII.
Bhris a chuirt a mach le luath ghair,
S na cluig-chuil le h-aoibhneas buadhach,
S Mac-talla nan Neamh a fuaim;
Ri reullcho luachmhor bhi air brath acc’.

XVIII.
Thuirt an t-Athair ri Mhac, Gloirmhor,
Gabhse daonnachd fuil is feoil ort;
S theid mo Spiorad Naomha co-ruit;
Chums gun gloirichear mo Cheartas.

XIX.
S Thuirt an t-Aona Mhac Graidh Neochriochnach,
Gabhaidh Mis, os laimh bhur riarach;
S arduichidh mi lagh na Trianaid,
Ann an smuain an gniomh sam facal.

XX.
Fuilingidh mi masladhsgeurleanmhuin,
S olaidh min cupan gedsearbh e;
Saltraidh mi amar na feirge;
Dhfhaotain tearmuin dom luchd-leantuin.

XXI.
S fosglaidh mi dorus do Throcair,
S an dean i ceartas a phògadh;
S am bi iad maraon cho deonach,
Air luchd do-bheirt thoirt o pheanas.

XXII.
Thug an Spiorad Naomh grad aontadh,
S mi nach Sòr dol leat don chaonnaig;
S ni mi fianuis anns an t-shaoghal;
Air do shaorsetha gun mhearachd.


[102]

XXIII.
Gloir don Trianaid tha nan Aon-Bhith,
S na chomhluich Buaghan cho Naomha;
S iad uilen cumhnaintna saorse,
N cairdeas caomh san aonachd fhalluinn.

title1
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Dughallach Laoidhean Spioradail %p

parent text26
<< please select a word
<< please select a page