[102]

AN DARA PAIRT.

An Diomhaireachd Fhoillsichte agus Aithnichte.

I.

Ann an iomlaineachd na h-aimsir,
Ghabh Mac Dhe air Fein airn-anaineachd;
Sann an Stàbul measg nan ainmhean,
Rugadh E mar leanaban aimbeart.

II.
Thug E umhlachd fad a laithean,
Don lagh sin a bhris sliochd Adhaimh;
S on a sheas E ann nan aite,
Thagradh fiachan chaich air fad air.

III.
Shearmonaich En soisgeul siorruith,
Dona braìghdibh ann am priosun;
S bu lionmhor cumhachd a mhiorbhuilean,
Toirt fianuis air an talamh.

IV.
Dhuisg na mairbh on uaigh air iartas,
Ghlan E na lobhairbha iargalt;
S thug E le cumhachd a Dhiadhachd,
Siubhal iasguidh do na baccaidh.

V.
Thug fradharc do dhoill bha bronach,
Thilg E deamhainmach a moran;
S fhuair na bodhair claisteachd oirdhearc,
Nuair bhaChomhnuidh air an talamh,


[103]

VI.
Gedo ghabh na feartan graidh ud,
Comhnuidh tharais ann air Slanuighfhear:
Ann an irisleachd a Naduir;
Dhfhuiling E tarcuis is fanoid.

VII.
Dhfhuiling E dhiteadh san eucoir,
Agus sin le fianuis bhreige;
San crun droighinn ged bu gheur e,
S guirsadh deislinneach na bhallaibh.

VIII.
Dhfhuiling E, Cruaidh-ghleachd is amhghar,
Nuair a bha E anns a gharradh;
As fhallas aig meud a chraidh,
A ruith gu làr mar chlodan fola.

IX.
Dhfhuiling E gach uile amhghar,
Dhfheudadh mi-gheanchur air nàdur;
S ged a bhuaireadh E le Sàtan;
Fhuair En airdas eugmhuis peacaidh.

X
Dhfhuiling E bàs a a chroinn-cheusaidh,
S peacaidhean a Shluaigh gu leir Air;
S ged dhamhlaic, iad E na dheigh sin;
S treun a dheirich En treas latha.

XI.
Bhris E na cuibhrichean laidir,
Cheangail peacadh bàs is Sàtan;
S mar Ghaisgeach air tighnn on-araich;
Dhuisg En aird orra le caithream.

XII.
S gealb na creagan bha gu h-iosal,
Nuair a ghlaoidh Etha e criochnuicht’ ;”
Chlisg na mairbh on uaigh anios,
Sa Ghrian fo mhi-ghean dibreadhsoluis.


[104]

XIII.
Ach nuair dheirich E na Mhorachd,
Sheinn reulta na maidne co-la;
S chuir Mic Dhe gu h-iomlan ordail;
Clarsaichean an ceoil gu caithream.

XIV.
S mar fhianuis gun d-thug E riarach,
Do gach Buaidh a thanns an diadhachd;
Fhuair E Righ-dheas-lamh na Trianaid,
Feadh gach ial an cuirt na flaitheas.

XV.
Dharduich E gu h-iomlan aluin,
An reachd sin a bhris Sliochd-Adhaimh;
S cha robh call aige ri aireamh,
S buannachd slainte aige ri sheachnadh.

XVI.
Tha Ceartas na bhàs air co-lach,
Le pòig reitcur failt air Tròcair;
S thuirt e theid mo lagh ged chò-nadh,
Dhuisgadh moran dona peacaidh.

XVII.
Dhfheuchas doibh gum bheil iad cailte,
Aig anamhaid ann nam braighdibh;
Sa threoricheas gu beinn Shinai iad;
Gus an cluinn iad cainnt am bagraidh.

XVIII.
S duisgidh en cogais gan diteadh,
Bheir mi-shuaimhneis doibh nan-inntinn;
Nochdas leirsgrios aig a chrich dhoibh,
Mar a pill iad aisd le creideamh.

XIX.
S bidh e feuchain doibh an dorain,
Gus an eigh iad airson trocair;
Mar sin bidh e mar oid-fhoghluim,
Doibh, gu iobairt ghloirmhor fhalluin.


[105]

XX.
S nuair a bhios iad sgith don fhasach,
Dris is droigheanns uisge màra:
Labhraidh trocair riu gu cairdeil,
Ann an caoimhneis graidh a gheallaidh.

XXI.
S gu Calbhari bheir gu seimh iad,
Far am faigh iad trocairs reite;
S gras gu comhairn-am a feuma,
S iad air reis gu tir a gheallaidh.

title2
internal date1841.0
display date1841
publication date1841
level
reference template

Dughallach Laoidhean Spioradail %p

parent text26
<< please select a word
<< please select a page