COMHRADH NAN CNOCHD NO COTH-CHAINNT EADEAR AM FEAR DUCHA, SAN T-OILTHIREACH.
I.
F. D.
’N cluinn thu fhir tha dol seachad,
Sa tha siubhal an rathaid cho luath,
Teann a nall is leig t-anail,
Agus suidheamaid tamul air bruaich;
Cuir an ceil dhomh do naigheachd?
Oir is ionmhuin leam t-fhaicinn san nuair,
’S an sin cha chuir mi ort bacadh,
’S theid thu rithist air asdar do chuairt.
II.
’N. T.
Chuir thu furan orm ’s fuireach,
’S tha thu coltach ri duine tha còir,
’S ni mi tamul leat suidhe,
’S ni sinn inndrinn air uirigiol beoil;
Ciod an naigheachd so ’s miann leat?
O’n a tha thu cho dian air a toir,
’S innsidh mis’ dhuit gu fialuidh,
Mar as aithne dhomh ’m briathran gun sgleo.
III.
F, D.
Sgeul air margadh bhi ’g-ardach—
Sgeul air isleachadh mail be mo mhiann,
Sgeul air cleachdain sair gnath-chean,
A bhi fuireach mar b-abhaist doibh riamh,
Stoil leam eachdruidh na rioghachd,
Co dhiu tha cogadh na siochaint na’miann?
Stoigh leam naigheachdan tiomail,
’S cha do ghabh mi bonn sgiosa dhìu riamh.
IV.
N. T.
’S ann a shaoil mi a dhuine,
Gu robh tiartais a’s t-fhuran air choir,
Nuair a chuir thu orm fuireach,
O bhi triall air mo thuras san ròd;
’S ann a shaoil mi gu’m b-ait’ leat,
Sgeul mu’n t-shaoghal ri teachd is mu’n doigh
Sa’m bheil tearnadh do’n anam,
Ach sann a rinn thu mo mhealladh gu mòr.
V.
F. D.’
M bheil thu saoilsinn gur mealladh,
Dhomh bhi g-iaraidh ort naigheachd san uair?
Air an t-shaoghal so thagain,
Sgur a caomhail leam caithream a bhuaidh;
Ach mar meall thu mi dhuine,
Tha mi smuainteach gu bheil thu do’n t-shluagh,
A bhios a glaodhaidh gun sgur ruinn,
Breith a ris agus cruthachadh nuadh.
VI.
’N. T.
’S mor mo ghaol ’s mo thlachdsa,
Do na daoine ’tha ’n aithris do sgeil,
Cha be saoghal na’n car so,
Bhiodh mar aobhar an aighir gu leir;
Ach se sòlasan anam,
Agus gloir a tha mairion ’s nach treig,
Si ’n Fhuil a dhoirteadh gu talamh,
Bonn an dochais an aiteas san gleus.
VII.
F. D.
Ach tha mi faicinn an t-shluaigh sin,
A rinn thu aithris: athnuadhaichte an tràs,
Air an diteadh le suaraich ’s,
’S na’m ball amhairc measg sluaigh anns gach ait.
Tha na daoine ’s fearr sealladh,
Mar na h-uachdrain, ’s luchd teagaisg an aits,
’G amharc sios orr’ le fanoid,
Comhar cinnteach air mearachdan chaich.
VIII.
’N. T.
Cha’n eil do bharail s’ ach suarach,
Ann an aghaidh an t-shluaigh ud air chinnt;
Nach luchd teagaisg is uachdrain,
’S motha dhit ’s chuir an suarachas Criosd?
Sann tha ’bhinn thug thu mach orr’,
Ann am fabhar luchd aidich gu fior,
Airson buannachd da ’n-anam,
A bhi cuir suarach gach fanoid is spìd.
IX.
F. D.
Ach cha ’n-ionmhuin ’s cha loineil,
Leam: An doighean ’s cha toigh leam am beus,
Tha iad neo-nach is draghail,
’S ann na’n comhradh ta ’d beaduidh gu leir;
Oir se’n seol ’bhi cur coire,
Air gach seors’ ach na leanas iad fein,
’S an nith ni sòlas dream eile,
’Se ni bron agus leith-trom da’n gne.
X.
’N T.
Ach se ’n dleas’nas gu’n seachnadh,
A bhi dileas do dh’ -anam chloinn daoin’;
’S bhi sior innseadh a ’mearachd,
’S cunnart siorruith na’n seacharain chlaon;
Dh’ fheuch am pill iad an cabhaig,
Dh’ ionnsiudh Ios’ on se a mhaitheadh gu saor,
H-uile peacadh a rinn iad,
Ann an gniomh, ann an cainnt, ’S ann an smaoin.
XI.
F. D.
Ach ’s peacaich uil’ th’anns an t-shaoghal,
’S tha e sgriobhta ’n air n-aodain gu fior;
Ach dh’ fhuiling Criosd airson dhaoine,
’S ni E ’rithist air saoradh sair dion;
’S iad na linneabh a dh’ fhalbh uainn,
Bu chian iomradh sa b-ainmeal na sinn,
’S leanaidh sinn air an lorg iad,
A reir cleachdaichean foirmeil na tir.
XII.
’N. T.
Ach tuig a dhuine gun fhaoghlum,
’S ann tha Criosd na Fhear Saoraidh is dion,
Do na ghabhas ri shaorsa,
’S threigeas cleachdain an t-shaoghal’ta cli;
Sud na dochasan sgriosach,
A chuir moran gu h-ifrion a sios,
Bhi ’n ’duil gu saorta o pheanas,
Dream nach aicheadh am peac’ airson Chriosd.
XIII.
F. D.
’S nach eil thu fein ’s do luchd leanntuin,
A cur an ceil duin le barrantais fhior’,
Gu’n glan Fuil Ios’ o gach peacadh,
’S tha e sgriobhta san fhacal air chinnt,
A ’ne nach dean i mo ghlanadh?
Ge’d is duaichni’ is salach tha mi,
’S ge ’do ghluaisinn am bheatha,
Cheart cho truailli ri peacach san tir.
XIV.
’N. T.
Sann a dhearbh mi dhuit cheana,
Gu’m bheil eifeachd is fheartan amhain,
Air a mheasadh; do’n aiteam sin,
A ghabhas tre chreideamh ri shlainnt’.
’S chuireas cul ris a pheacadh,
’S a bheir umhlachd do fhocal a ghrais,
S ud an dream a theid suas leis,
’S bidh cach uil’ air am fuadach bho lath’r.
XV
F. D.
’S a n-ann a b-ail leat bhi g’amharc?
Air an t-shaoghal ’s air seach’ran gu leir;
Ach am beagan do pheacaich sin,
Tha aoint ann am beachdan ruit fein;
’S truagh a bhreisleach tha ’d chlaigionn,
Bhi ri saothair ’s ri carraid gun fheum,
’Tha sinn uile cho fallan,
’S ann an dochas cho daingean ruit fein.
XVI.
’N. T.
Na bi cho fiadhaich a chairid,
Glacsa ciall agus faighidinn mhor,
’S cuisean siorruichd is t-anam,
Air am fiach dhuit bhi labhairt gu stold’;
Ciod an steigh ’thaig do dhiadhachd?
’Tha cho measail am briathraibh do bheoil,
Dh’ fheuch an seas i le riaghailt,
Ris an dearbhadh le ’n diachar na sloigh.
XVII.
F. D.
Cha’n- eil mise cho ain-eol’,
Sa bhi cuir dochais na’m neo-chionta fein,
O’n tha na h-uile na’m peacaich,
Tha iad airridh air peanas da- ’reir’;
Ach tha mo dhochas gu daingean,
Ann an trocair Emanuel fein,
Gu maith e dhomhs’ na chaidh seachad,
’S ni mi ’n còr’ lem’ ath-leasachadh bheus.
XVIII.
’N. T.
Ach tha mi ’m faicinn a chairid,
Gu bheil do steighse mar ghaineamh na traigh,
’S g’el thu ’m builsgein do pheacaidh,
’Cheart cho domhain ri neach do shliochd Adh’mh;
Cha do thuig thu mar pheacach,
A bhi dite fuidh ’n mhallachd mar ’tha,
’S bidh do ghniomharan salach,
Anns an tiom tha ri teachd dhuit gun stà.
XIX.
F. D.
Ciod! am feum bhi ri dichiol?
’S ciod! am feum bhi ri gniomharaibh nuadh?
Tha thu nise gan diteadh,
’S bidh tu rithis ga mineach’ do’n t-shluagh;
Gur a neo-nach air chinnt thu,
’S doch ’thu ’bhacadh na dh’iompachadh sluaigh,
So nach d’fheud mi bhi sith ruit,
Tha mi tuileadh is sgith dhiot san uair.
XX.
’N. T.
’S truagh an ceo thair do shealladh,
Nach gabh eolas air rathad na slainnt’?
’S mi ga sheoladh gu soileir dhuit,
Bho fhirinn na Sgriobtuiruibh aigh;
Tha mi dearbhadh dhuit fathasd,
Nach bi Criosd na Fhearglanaidh am pairt,
Se ’m Fear Saoraidh gu hiomlan,
’S theid a ghloir gu neo-iomarlach thoirt dha.
XXI.
F. D.
’Sa n’ann a baill leat gu’n Saltrain,
Mo dheadh ghniomharan maith anns’ a pholl?
’S gu’n striochdain mar bhaigeir,
Gu h-iosal fuidh Smal le ceann crom;
Na h-uile nith bha dho’ taitneach,
Gach toilinntin is aighear is fonn;
A bheireadh aoibhneis do’m nadur,
Chur air cul is fas crabhach is trom?
XXII.
’N. T.
’S ann a b’aill leam gu’n creideadh tu,
Fior theisteas na sgriobtuir mu’d dheigh,
’S le drughadh an Spioraid,
E Dheanamh muthadh air t-innigh gu leir.
’S air do threorach le fheartan,
Dhionnsuidh Chriosd gu bhi mealltuin a reit,
Sann an sud bhiodh tu ’m buannachd,
Ge’d a threig thu do ghluasadan fein.
XXIII.
F. D.
Ach cha treig mi mo chleachdain,
’S cha treig mi mo bheachdan mu’n t-shaoghal,
Tha iad uile dhomh tàitneach,
Mo thoilinntin mo thlachd iad ’s mo ghaol;
’S bithidh Criosd agam cuideachd,
Dh’aindeoin nith a thuirt thuse da thaobh,
So nach d’fhuair mi mar b’aill leam,
Tha mi sgith do ’d chuid crabhaich tha faoin.
XXIV.
’N. T.
Chum thu fada air mais mi,
’N duil gu’n deanain duìt rath na gne fheum,
Ach tha mi ’m faicin mar thachair,
Tha thu ’n domblas do pheacaidh na dheigh;
Sa nis on tha sinn gu dealach,
Guidheam iompachadh; cas dhuit na dheigh,
Agus ath’rachadh bheachdan,
Mu’n criochnaich thu latha do reis.
title | 1 |
internal date | 1841.0 |
display date | 1841 |
publication date | 1841 |
level | |
reference template | Dughallach Laoidhean Spioradail %p |
parent text | 27 |